bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Numbers 8
Numbers 8
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 7
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 9 →
1
Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh,
2
Labhair ri Aaron, agus abair ris, Nuair a lasas tu na lòchrain, bheir na seachd lòchrain solas uapa thall fa chomhair a’ choinnleir.
3
Agus rinn Aaron mar sin; las e a lòchrain thall fa chomhair a’ choinnleir; mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois.
4
Agus b’e seo obair a’ choinnleir: bha e de òr buailte gu ruig a chas, gu ruig a bhlàthan bha e de obair bhuailte: a rèir an t‑samhlaidh a nochd an Tighearna do Mhaois, mar sin rinn e an coinnleir.
5
Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh,
6
Gabh na Lèbhitich o mheasg chloinn Israeil, agus glan iad.
7
Agus mar seo nì thu riu, a‑chum an glanadh: crath uisge glanaidh orra, agus thugadh iad ealtainn thar am feòil uile, agus nigheadh iad an aodach, agus mar sin dèanadh iad glan iad fhèin.
8
An sin gabhadh iad tarbh òg maille ra thabhartas‐bìdh, eadhon flùr mìn measgte le ola, agus gabhaidh tu tarbh òg eile a‑chum ìobairt‐pheacaidh.
9
Agus bheir thu na Lèbhitich air beulaibh pàillean a’ choitheanail: agus cruinnichidh tu coitheanal chloinn Israeil uile an ceann a chèile:
10
Agus bheir thu na Lèbhitich an làthair an Tighearna, agus cuiridh clann Israeil an làmhan air na Lèbhitich:
11
Agus luaisgidh Aaron na Lèbhitich ann an làthair an Tighearna, mar thabhartas‐luaisgte o chloinn Israeil; a‑chum is gun dèan iad seirbhis an Tighearna.
12
Agus cuiridh na Lèbhitich an làmhan air cinn nan tarbh; agus ìobraidh tu aon dhiubh mar ìobairt‐pheacaidh, agus am fear eile mar ìobairt‐loisgte don Tighearna, a dhèanamh rèite airson nan Lèbhiteach.
13
Agus cuiridh tu na Lèbhitich an làthair Aaroin, agus an làthair a mhac, agus luaisgidh tu iad mar thabhartas‐luaisgte don Tighearna.
14
Mar seo sgaraidh tu na Lèbhitich o mheasg chloinn Israeil; agus bidh na Lèbhitich leamsa.
15
Agus na dhèidh sin thèid na Lèbhitich a‑steach a dhèanamh seirbhis pàillean a’ choitheanail; agus glanaidh tu iad, agus luaisgidh tu iad mar thabhartas‐luaisgte:
16
Oir thugadh dhòmhsa gu h‑iomlan iad o mheasg chloinn Israeil; an àite gach aoin a dh’fhosglas a’ bhrù, eadhon an àite ciad‐ghin chloinn Israeil uile, ghabh mi dhomh fhèin iad.
17
Oir is leamsa uile chiad‐ghin chloinn Israeil, araon duine agus ainmhidh: anns an là air an do bhuail mi gach ciad‐ghin ann an tìr na h‑Eiphit, naomhaich mi iad dhomh fhèin.
18
Agus ghabh mi na Lèbhitich an àit uile chiad‐ghin chloinn Israeil.
19
Agus thug mi na Lèbhitich mar thìodhlac do Aaron, agus da mhic, o mheasg chloinn Israeil, a dhèanamh seirbhis chloinn Israeil ann am pàillean a’ choitheanail, agus a dhèanamh rèite airson chloinn Israeil; a‑chum is nach bi plàigh sam bith am measg chloinn Israeil, nuair a thig clann Israeil am fagas don ionad naomh.
20
Agus rinn Maois agus Aaron, agus co‑chruinneachadh chloinn Israeil uile, ris na Lèbhitich a rèir gach nì a dh’àithn an Tighearna do Mhaois a‑thaobh nan Lèbhiteach, mar sin rinn clann Israeil riu.
21
Agus ghlanadh na Lèbhitich, agus nigh iad an aodach: agus thug Aaron suas iad mar thabhartas an làthair an Tighearna; agus rinn Aaron rèite air an son a‑chum an glanadh.
22
Agus an dèidh sin chaidh na Lèbhitich a‑steach, a dhèanamh an seirbhis ann am pàillean a’ choitheanail, an làthair Aaroin agus an làthair a mhac: mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois a‑thaobh nan Lèbhiteach, mar sin rinn iad riu.
23
Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh,
24
Is e seo an nì a bhuineas do na Lèbhitich: o chòig‐bliadhna‑fichead a dh’aois, agus os a chionn, thèid iad a‑steach a dh’fheitheamh air seirbhis pàillean a’ choitheanail:
25
Agus o aois leth‐cheud bliadhna sguiridh iad a dh’fheitheamh air a sheirbhis, agus cha dèan iad seirbhis nas mò.
26
Ach frithealaidh iad maille rim bràithrean ann am pàillean a’ choitheanail a ghleidheadh a’ chùraim, agus cha dèan iad seirbhis sam bith eile. Mar seo nì thu ris na Lèbhitich a‑thaobh an cùraim.
← Chapter 7
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 9 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34
35
36