bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Numbers 25
Numbers 25
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 24
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 26 →
1
Agus dh’fhan Israel ann an Sitim, agus thòisich an sluagh air strìopachas a dhèanamh le nigheanan Mhòaib.
2
Agus ghairm iad an sluagh gu ìobairtean an diathan: agus dh’ith an sluagh, agus chrom iad sìos dan diathan.
3
Agus cheangail Israel e fhèin ri Bàal‐peor: agus las corraich an Tighearna an aghaidh Israeil.
4
Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Glac cinn‐fheadhna an t‑sluaigh uile, agus croch suas iad an làthair an Tighearna fa chomhair na grèine, a‑chum is gun till corraich gharg an Tighearna o Israel.
5
Agus thubhairt Maois ri britheamhan Israeil, Marbhaibh gach aon agaibh a dhaoine, a cheangail iad fhèin ri Bàal‐peor.
6
Agus, feuch, thàinig fear de chloinn Israeil, agus thug e a‑chum a bhràithrean ban‐Mhidianach, ann an sealladh Mhaois, agus ann an sealladh coitheanal chloinn Israeil uile, agus iad a’ gul aig doras pàillean a’ choitheanail.
7
Agus nuair a chunnaic Phinehas mac Eleàsair mhic Aaroin an sagart e, dh’èirich e suas o mheasg a’ cho‐chruinneachaidh, agus ghabh e sleagh na làimh:
8
Agus chaidh e an dèidh an duine de Israel a‑steach don bhùth, agus thro‐lot e iad le chèile, an duine de Israel, agus a’ bhean tro a broinn: mar sin chaisgeadh a’ phlàigh o chloinn Israeil.
9
Agus bhàsaich anns a’ phlàigh ceithir mìle ar fhichead.
10
Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh,
11
Thill Phinehas mac Eleàsair mhic Aaroin an sagart mo chorraich air falbh o chloinn Israeil, nuair a bha e eudmhor as mo leth nam measg, air chor is nach do chuir mi as do chloinn Israeil am eud.
12
Air an adhbhar sin abair, Feuch, bheir mise dha mo choicheangal sìthe:
13
Agus bidh e aige, agus aig a shliochd na dhèidh, eadhon coicheangal sagartachd shìorraidh, a chionn gu robh e eudmhor as leth a Dhè, agus gun do rinn e rèite airson chloinn Israeil.
14
A‑nis b’e ainm an Israelich a mharbhadh, eadhon a mharbhadh maille ris a’ bhan‐Mhidianaich, Simri mac Shalu, ceannard prìomh thaighe am measg nan Simeonach.
15
Agus b’e ainm na ban‐Mhidianaich a mharbhadh, Cosbi nighean Shur; bu cheann cinnich e, agus de phrìomh thaigh ann am Midian.
16
Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh,
17
Buin gu naimhdeil ris na Midianaich, agus buailibh iad:
18
Oir tha iadsan a’ buntainn gu naimhdeil ribhse len as‑innleachdan, leis an do mheall iad sibh ann an adhbhar Pheoir, agus ann an adhbhar Chosbi, nighean ceannaird de Mhidian, am piuthar, a mharbhadh ann an là na plàighe ann an adhbhar Pheoir.
← Chapter 24
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 26 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34
35
36