bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Numbers 22
Numbers 22
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 21
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 23 →
1
Agus chaidh clann Israeil air an aghaidh, agus champaich iad ann an còmhnardan Mhòaib, air an taobh seo de Iòrdan làimh ri Iericho.
2
Agus chunnaic Balac mac Shipoir gach nì a rinn Israel air na h‑Amoraich.
3
Agus bha eagal ro‑mhòr air Mòab ron t‑sluagh, a chionn gu robh iad lìonmhor; agus bha Mòab ann an teinn a‑thaobh chloinn Israeil.
4
Agus thubhairt Mòab ri seanairean Mhidiain, A‑nis imlichidh a’ chuideachd seo suas gach nì a tha mar timcheall, mar a dh’imlicheas an damh suas feur na machrach. Agus bha Balac mac Shipoir na rìgh air na Mòabaich anns an àm sin.
5
Chuir e teachdairean uime sin gu Balàam mac Bheoir, gu Petor, a tha làimh ri abhainn dùthaich clann a shluaigh, ga ghairm, ag ràdh, Feuch, tha sluagh air teachd a‑mach as an Eiphit: feuch, tha iad a’ còmhdachadh aghaidh na talmhainn, agus tha iad nan còmhnaidh thall fam chomhair.
6
Thig a‑nis uime sin, guidheam ort, mallaich dhòmhsa an sluagh seo, oir tha iad tuilleadh is cumhachdach air mo shon: theagamh gur urrainn mi am bualadh, agus gum fuadaich mi iad a‑mach as an dùthaich; oir tha fhios agam gu bheil esan a bheannaicheas tusa beannaichte, agus esan a mhallaicheas tu mallaichte.
7
Agus dh’imich seanairean Mhòaib agus seanairean Mhidiain, le duais na draoidheachd nan làimh; agus thàinig iad gu Balàam, agus dh’innis iad dha briathran Bhalaic.
8
Agus thubhairt e riu, Fanaibh an seo a‑nochd, agus bheir mise fios dhuibh a‑rìs, a rèir mar a labhras an Tighearna rium. Agus dh’fhan ceannardan Mhòaib maille ri Balàam.
9
Agus thàinig an Tighearna gu Balàam, agus thubhairt e, Cò iad na daoine seo maille riut?
10
Agus thubhairt Balàam ri Dia, Chuir Balac mac Shipoir, rìgh Mhòaib, teachdaire am ionnsaigh, ag ràdh,
11
Feuch, tha sluagh air teachd a‑mach as an Eiphit, a tha a’ còmhdachadh aghaidh na talmhainn: thig a‑nis, mallaich dhomh iad; theagamh gur urrainn mi buaidh a thoirt orra, agus gum fuadaich mi a‑mach iad.
12
Agus thubhairt Dia ri Balàam, Cha tèid thu maille riu; cha mhallaich thu an sluagh; oir tha iad beannaichte.
13
Agus dh’èirich Balàam anns a’ mhadainn, agus thubhairt e ri ceannardan Bhalaic, Imichibh dur dùthaich fhèin, oir tha an Tighearna a’ diùltadh cead a thoirt dhòmhsa dol maille ribh.
14
Agus dh’èirich ceannardan Mhòaib suas, agus chaidh iad a dh’ionnsaigh Bhalaic, agus thubhairt iad. Tha Balàam a’ diùltadh teachd maille rinn.
15
Agus chuir Balac uaithe a‑rìs ceannardan a bu lìonmhoire agus a b’urramaiche na iadsan.
16
Agus thàinig iad gu Balàam, agus thubhairt iad ris, Mar seo tha Balac, mac Shipoir, ag ràdh, Na bacadh nì sam bith thu, guidheam ort, o theachd am ionnsaigh;
17
Oir àrdaichidh mi thu gu inbhe ro‑mhòir, agus ge bè a their thu rium, nì mi e: thig uime sin, guidheam ort, mallaich dhomh an sluagh seo.
18
Agus fhreagair Balàam, agus thubhairt e ri seirbhisich Bhalaic, Ged bheireadh Balac dhòmhsa làn a thaighe de airgead agus de òr, chan fhaodainn dol thar facal an Tighearna mo Dhia, a dhèanamh a’ bheag no a’ mhòr.
19
A‑nis uime sin, guidheam oirbh, fanaibh‐se mar an ceudna an seo a‑nochd, a‑chum is gum bi fhios agam ciod tuilleadh a their an Tighearna rium.
20
Agus thàinig Dia a dh’ionnsaigh Bhalàaim anns an oidhche, agus thubhairt e ris, Ma thig na daoine gud ghairm, èirich suas, agus imich maille riu: gidheadh am facal a their mise riut, sin nì thu.
21
Agus dh’èirich Balàam suas anns a’ mhadainn, agus chuir e dìollaid air a asail, agus chaidh e maille ri ceannardan Mhòaib.
22
Agus las corraich Dhè a chionn gun d’imich e; agus sheas aingeal an Tighearna anns an t‑slighe mar eascaraid na aghaidh. A‑nis bha e a’ marcachd air a asail fhèin, agus a dhà òglach maille ris.
23
Agus chunnaic an asal aingeal an Tighearna na sheasamh anns an t‑slighe, agus a chlaidheamh tàirngte na làimh: agus thionndaidh an asal a lethtaobh as an t‑slighe, agus chaidh i air feadh an fhearainn; agus bhuail Balàam an asal, ga tionndadh a dh’ionnsaigh na slighe.
24
Agus sheas aingeal an Tighearna ann an cas‐cheum nam fìonlios: bha balla air an taobh seo, agus balla air an taobh ud.
25
Agus nuair a chunnaic an asal aingeal an Tighearna, theannaich i i fhèin ris a’ bhalla, agus bhrùth i cas Bhalàaim ris a’ bhalla, agus bhuail e a‑rìs i.
26
Agus a‑rìs chaidh aingeal an Tighearna seachad, agus sheas e ann an àite cumhang, far nach robh slighe gu tionndadh aon chuid a‑chum na làimhe deise no clìthe.
27
Agus nuair a chunnaic an asal aingeal an Tighearna, laigh i sìos fo Bhalàam: agus las corraich Bhalàaim, agus bhuail e an asal le bata.
28
Agus dh’fhosgail an Tighearna beul na h‑asail, agus thubhairt i ri Balàam, Ciod a rinn mise ort, gun do bhuail thu mi na trì uairean seo?
29
Agus thubhairt Balàam ris an asail, A chionn gun do rinn thu fanaid orm: b’fheàrr leam gum biodh claidheamh am làimh, oir a‑nis mharbhainn thu.
30
Agus thubhairt an asal ri Balàam, Nach mise d’asal fhèin, air an do mharcaich thu riamh, o bu leat mi, gus an là‑an‑diugh? Am b’àbhaist dhomh riamh a dhèanamh mar seo riut? Agus thubhairt e, Cha b’àbhaist.
31
An sin dh’fhosgail an Tighearna sùilean Bhalàaim, agus chunnaic e aingeal an Tighearna na sheasamh anns an t‑slighe, agus a chlaidheamh tàirngte na làimh; agus chrom e sìos a cheann, agus thuit e sìos air a aghaidh.
32
Agus thubhairt aingeal an Tighearna ris, Carson a bhuail thu d’asal na trì uairean seo? Feuch, chaidh mi a‑mach gu bhith am eascaraid dhut, a chionn gu bheil do shlighe fiar am fhianais.
33
Agus chunnaic an asal mi, agus thionndaidh i uam na trì uairean seo: mura biodh i air tionndadh uam, gu cinnteach bha mi a‑nis eadhon air do mharbhadh‐sa, agus air a gleidheadh‐se beò.
34
Agus thubhairt Balàam ri aingeal an Tighearna, Pheacaich mi, oir cha robh fhios agam gun do sheas thu anns an t‑slighe am aghaidh: a‑nis uime sin, mas mì‑thaitneach leat e, tillidh mi air m’ais a‑rìs.
35
Agus thubhairt aingeal an Tighearna ri Balàam, Imich leis na daoine: ach a‑mhàin am facal a labhras mise riut, sin labhraidh tusa. Mar sin chaidh Balàam le ceannardan Bhalaic.
36
Agus nuair a chuala Balac gun tàinig Balàam, chaidh e a‑mach na choinneamh gu baile de Mhòab, a tha làimh ri co‑chrìch Arnoin, a tha anns a’ chrìch as fhaide a‑mach.
37
Agus thubhairt Balac ri Balàam, Nach do chuir mise gu cinnteach fios ad ionnsaigh gud ghairm? Carson nach tàinig thu am ionnsaigh? Nach eil mise gu deimhinn comasach air d’àrdachadh gu inbhe?
38
Agus thubhairt Balàam ri Balac, Feuch, tha mi air teachd ad ionnsaigh: a bheil agam a‑nis cumhachd idir nì sam bith a ràdh? Am facal a chuireas Dia am bheul, sin labhraidh mi.
39
Agus chaidh Balàam maille ri Balac, agus thàinig iad gu Ciriathusot.
40
Agus dh’ìobair Balac daimh agus caoraich, agus chuir e fios a dh’ionnsaigh Bhalàaim, agus a dh’ionnsaigh nan ceannard a bha maille ris.
41
Agus air an là màireach, ghabh Balac Balàam, agus thug e suas e gu àitean àrda Bhàail, a‑chum is gum faiceadh e o sin a’ chuid a b’iomallaiche den t‑sluagh.
← Chapter 21
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 23 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34
35
36