bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Proverbs 10
Proverbs 10
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 9
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 11 →
1
Gnàth‐fhacail Sholaimh. Nì mac glic athair subhach; ach is e mac amaideach dubhachas a mhàthar.
2
Chan eil tairbhe ann an ionmhasan aingidheachd; ach saoraidh ionracas on bhàs.
3
Cha leig an Tighearna le anam an ionraic gort fhulang; ach sgaoilidh e maoin nan aingidh.
4
Nì làmh na leisge bochd; ach nì làmh nan dìcheallach beartach.
5
Esan a chruinnicheas anns an t‑samhradh, is mac glic e; ach esan a chaidleas anns an fhogharadh, is mac maslach e.
6
Bidh beannachdan air ceann an fhìrein; ach còmhdaichidh fòirneart beul nan aingidh.
7
Bidh cuimhne an fhìrein beannaichte; ach lobhaidh ainm nan aingidh.
8
Gabhaidh esan a tha glic na chridhe àitheantan; ach tuitidh an t‑amadan bith‐bhriathrach.
9
Esan a ghluaiseas ann an ionracas, gluaisidh e gu tèarainte; ach esan a chlaonas a shlighean, aithnichear e.
10
Esan a chaogas le a shùil, bheir e bròn: agus tuitidh an t‑amadan bith‐bhriathrach.
11
Is tobar beatha beul an fhìrein; ach còmhdaichidh fòirneart beul nan aingidh.
12
Dùisgidh fuath aimhreitean; ach falaichidh gràdh gach coire.
13
Ann am bilean an duine thuigsich gheibhear gliocas; ach tha slat airson druim an tì a tha as eugmhais tuigse.
14
Ceilidh daoine glice nas aithne dhaibh; ach tha beul an amadain dlùth do sgrios.
15
Is e beartas an duine shaoibhir a chathair làidir; is e milleadh nam bochd an uireasbhaidh.
16
Tha saothair an fhìrein a‑chum beatha; teachd‐a‑steach an aingidh a‑chum peacaidh.
17
Tha esan a choimheadeas fòghlam anns an t‑slighe gu beatha; ach tha esan a dhiùltas achmhasan air seachran.
18
Esan a cheileas fuath le bilean cealgach, agus esan a labhras mì‑chliù, is amadan e.
19
Ann an lìonmhorachd bhriathar cha bhithear saor o pheacadh; ach tha esan a chaisgeas a bhilean glic.
20
Mar airgead taghte tha teanga an fhìrein; ach tha cridhe nan aingidh mar nì nach fiù.
21
Beathaichidh bilean an fhìrein mòran; ach eugaidh na h‑amadain a dhìth tuigse.
22
Nì beannachadh an Tighearna saoibhir, agus cha chuir e doilgheas na chuideachd.
23
Tha e mar shùgradh don amadan olc a dhèanamh; ach tha gliocas aig fear na tuigse.
24
An nì as eagal leis an aingidh, thig e air; ach deònaichear miann nam fìrean.
25
Mar a thèid an iomaghaoth thairis, mar sin cha bhi an droch dhuine nas mò; ach is bunait sìorraidh am fìrean.
26
Mar fhìon‐geur do na fiaclan, agus mar dheataich do na sùilean, mar sin tha leisgean dhaibhsan a chuireas uapa e.
27
Cuiridh eagal an Tighearna ri làithean duine; ach giorraichear bliadhnachan nan aingidh.
28
Bidh dùil nam fìrean na adhbhar aoibhneis; ach thèid as do dhòchas nan aingidh.
29
Is neart do na h‑ionraic slighe an Tighearna; ach thig sgrios air luchd‐dèanamh na h‑euceirt.
30
Cha ghluaisear am fìrean gu bràth; ach cha ghabh na h‑aingidh còmhnaidh air an talamh.
31
Bheir beul an fhìrein a‑mach gliocas; ach gearrar as an teanga fhiar.
32
Tha fhios aig bilean an fhìrein air an nì a tha taitneach; ach labhraidh beul nan aingidh nithean fiara.
← Chapter 9
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 11 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31