bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Proverbs 21
Proverbs 21
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 20
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 22 →
1
Mar shruthan uisgeachan tha cridhe rìgh ann an làimh an Tighearna: ge bè taobh as àill leis, tionndaidhidh e e.
2
Tha uile shlighean duine ceart na shùilean fhèin; ach measaidh an Tighearna na cridheachan.
3
Ceartas a dhèanamh agus breitheanas, is roghnaiche leis an Tighearna na ìobairt.
4
Is peacach sealladh àrd, agus cridhe uaibhreach, lòchran nan aingidh.
5
Bheir gu deimhinn smuaintean an duine dhìcheallaich gu pailteas; ach thig gach neach a tha gun fhoighidinn da‑rìribh gu dìth.
6
Ionmhasan fhaotainn le teangaidh bhreugaich, is dìomhanas e air a luasgadh a‑null agus a‑nall aig an dream a dh’iarras am bàs.
7
Sgriosaidh reubainn nan aingidh iad, a chionn gun diùlt iad breitheanas a dhèanamh.
8
Fiar agus coimheach tha slighe duine; ach a‑thaobh an fhìorghlain, tha a dhèanadas dìreach.
9
Is fheàrr còmhnaidh a ghabhail ann an oisinn‐mullaich taighe na maille ri mnaoi aimhreitich ann an taigh farsaing.
10
Miannaichidh anam an aingidh olc: chan fhaigh a choimhearsnach deagh‐ghean na shùilean.
11
Nuair a nìthear peanas air fear‐fochaid, fàsaidh am baoghalta glic; agus nuair a theagaisgear an duine glic, gheibh e eòlas.
12
Bheir am fìrean an aire gu glic do thaigh an aingidh: tilgear na h‑aingidh bun‐os‑cionn airson an aingidheachd.
13
An tì a dhruideas a chluas ri glaodh an duine bhochd, glaodhaidh e fhèin mar an ceudna, ach chan èisdear ris.
14
Ciùinichidh tìodhlac ann an diamhaireachd fearg; agus duais anns an uchd, corraich dhian.
15
Is aoibhneas don fhìrean breitheanas a dhèanamh; ach thig sgrios air luchd‐dèanamh na h‑euceirt.
16
An duine a thèid air seachran o shlighe na tuigse, fanaidh e ann an coitheanal nam marbh.
17
Bidh esan na dhuine bochd a ghràdhaicheas sògh; an tì a ghràdhaicheas fìon agus ola chan fhàs e saoibhir.
18
Na èirig airson an fhìrein bidh an t‑aingidh, agus airson nan ionraic an duine fealltach.
19
Is fheàrr còmhnaidh a ghabhail ann am fàsach na maille ri mnaoi aimhreitich agus fheargaich.
20
Tha ionmhas taitneach agus ola ann an àite‐còmhnaidh an duine ghlic; ach caithidh an t‑amadan e.
21
An tì a leanas fìreantachd agus tròcair, gheibh e beatha, fìreantachd, agus urram.
22
Do chathair nan daoine treuna sreapaidh an duine glic, agus leagaidh e sìos neart a h‑earbsa.
23
An tì a ghleidheas a bheul agus a theanga, gleidhidh e a anam o theanntachdan.
24
Fear‐magaidh uaibhreach àrdanach is ainm dhàsan a ghiùlaineas e fhèin ann an corraich an uabhair.
25
Marbhaidh miann an leisgein e; oir diùltaidh a làmhan obair a dhèanamh.
26
Air feadh an là sanntaichidh e gu mòr; ach bheir am fìrean uaithe, agus cha chaomhain e.
27
Is gràinealachd ìobairt nan aingidh: cia mòr as mò, nuair a bheirear suas i le droch rùn?
28
Sgriosar fianais bhreugach; ach an tì a dh’èisdeas, labhraidh e a‑chum deagh chrìche.
29
Cruadhaichidh an droch dhuine a aodann; ach nì esan a tha ionraic a shlighe dìreach.
30
Chan eil gliocas, no tuigse, no comhairle ann, an aghaidh an Tighearna.
31
Deasaichear an t‑each fa chomhair là a’ chatha; ach is ann on Tighearna a tha tèarainteachd.
← Chapter 20
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 22 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31