bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Proverbs 30
Proverbs 30
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 29
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 31 →
1
Briathran Aguir mhic Iaceh, eadhon an fhàidheadaireachd: labhair an duine ri Itiel, eadhon ri Itiel agus ri Ucal.
2
Gu deimhinn tha mi nas amaidiche na duine air bith, agus chan eil tuigse duine agam.
3
Agus cha d’fhòghlaim mi gliocas, cha mhò a tha eòlas agam air nithean naomha.
4
Cò a chaidh suas do nèamh, no a thàinig a‑nuas? Cò a chruinnich a’ ghaoth na dhùirn? Cò a cheangail na h‑uisgeachan ann an trusgan? Cò a shuidhich uile chrìochan na talmhainn? Ciod as ainm dha? Agus ciod e ainm a mhic, ma tha fhios agad?
5
Tha uile fhacal Dhè fìorghlan: is sgiath e dhaibhsan a chuireas an dòigh ann.
6
Na cuir‐sa nì air bith ra bhriathran air eagal gun cronaich e thu, agus gum faighear breugach thu.
7
Dà nì dh’iarr mi ort; na diùlt iad dhomh mum faigh mi bàs.
8
Dìomhanas agus breugan cuir fada uam; na toir dhomh bochdainn no beartas, beathaich mi le biadh a bhios iomchaidh air mo shon.
9
Air eagal gum bi mi làn, agus gun àich mi thu, agus gun abair mi, Cò e an Tighearna? No gum bi mi bochd, agus gun goid mi, agus gun toir mi ainm mo Dhè ann an dìomhanas.
10
Na dèan casaid air seirbhiseach ra mhaighistir, air eagal gum mallaich e thu, agus gum faighear ciontach thu.
11
Tha ginealach ann a mhallaicheas an athair, agus nach beannaich am màthair.
12
Tha ginealach ann a tha glan nan sùilean fhèin, gidheadh nach eil air an nighe on salchar.
13
Tha ginealach ann aig a bheil an sùilean àrd, agus fabhraidhean an sùl air an togail suas.
14
Tha ginealach ann aig a bheil am fiaclan mar chlaidheamhan, agus am fiaclan‐cùil mar sgeanan, a dh’ithe suas nan truaghan on talamh, agus nam feumach o mheasg dhaoine.
15
Aig an deal‐each tha dithis nigheanan, ag èigheach, Tabhair, tabhair. Tha trì nithean ann nach sàsaichear, seadh, ceithir nithean nach abair, Is leòr e:
16
An uaigh, agus a’ bhrù neo‐thorrach, an talamh nach sàsaichear le uisge, agus an teine nach abair, Is leòr e.
17
An t‑sùil a nì magadh air a athair, agus a nì tarcais air ùmhlachd da mhàthair, spìonaidh fithich a’ ghlinne a‑mach i, agus ithidh na h‑iolairean òga suas i.
18
Tha trì nithean ann as iongantach leam, seadh, ceithir nithean nach aithne dhomh:
19
Slighe iolaire anns na speuran, slighe nathrach air carraig, slighe luinge ann am meadhon na fairge, agus slighe fir le òigh.
20
Mar seo tha slighe ban‐adhaltranaich: ithidh i, agus glanaidh i a beul, agus their i, Cha do rinn mi olc air bith.
21
Airson trì nithean ghluaiseadh an talamh, agus airson ceithir nach urrainn e a ghiùlan:
22
Airson seirbhisich nuair a riaghlas e, agus airson amadain nuair a bhios e làn de bhiadh.
23
Airson mnà fhuathaich nuair a phòsar i, agus airson banoglaich nuair a bhios i na h‑oighre air a ban‐mhaighistir.
24
Tha ceithir nithean beaga air an talamh, ach tha iad ro‑ghlic:
25
Tha na seangain nan sluagh nach eil làidir, gidheadh ullaichidh iad am biadh anns an t‑samhradh;
26
Tha na coineanan nam muinntir nach eil neartmhor, gidheadh togaidh iad an taighean anns na creagan.
27
Chan eil rìgh aig na lòcaist, gidheadh imichidh iad a‑mach uile nam buidhnean.
28
Gabhaidh an damhan‐allaidh greim le a làmhan, agus bidh e ann an lùchairtean nan rìghrean.
29
Tha trì nithean a dh’imicheas gu math, seadh, ceithir, a tha tlachdmhor nan siubhal:
30
An leòmhann as treasa am measg bheathaichean, agus nach till air ais o aon air bith;
31
Mial‐chù, boc‐goibhre mar an ceudna, agus rìgh an aghaidh nach faodar èirigh.
32
Ma rinn thu gu h‑amaideach le thu fhèin a thogail suas, no ma smaoinich thu olc, cuir do làmh air do bheul.
33
Gu deimhinn bheir luasgadh bainne ìm a‑mach, agus bheir fàsgadh na sròine fuil a‑mach: mar sin bheir dùsgadh corraich aimhreit a‑mach.
← Chapter 29
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 31 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31