bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Proverbs 28
Proverbs 28
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 27
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 29 →
1
Teichidh an t‑aingidh, gun neach air bith an tòir air; ach bidh na h‑ionraic dàn mar leòmhann.
2
Airson easaontas tìre bidh mòran uachdaran oirre; ach le duine tuigseach eòlach nìthear a staid buan.
3
Tha duine bochd, a nì fòirneart air bochdan, mar uisge millteach nach fàg biadh na dhèidh.
4
Molaidh iadsan a thrèigeas an lagh na h‑aingidh; ach nì iadsan a ghleidheas an lagh strì riu.
5
Cha tuig droch dhaoine breitheanas; ach tuigidh iadsan a dh’iarras an Tighearna na h‑uile nithean.
6
Is fheàrr am bochd a dh’imicheas na ionracas, na esan a tha fiar na shlighean, ged robh e saoibhir.
7
An tì a ghleidheas an lagh, is mac glic e; ach esan a tha na chompanach do luchd‐craois, nàraichidh e a athair.
8
An tì a mheudaicheas a mhaoin le ocar agus le tairbhe eucoraich, cruinnichidh e dhàsan a ghabhas truas den bhochd.
9
An tì a thionndaidheas a chluas air falbh o chluinntinn an lagha, bidh a ùrnaigh fhèin na gràinealachd.
10
An tì a chuireas na fìreanan air seachran air droch shlighe, tuitidh e na shloc fhèin; ach mealaidh na h‑ionraic nithean matha.
11
Is glic duine saoibhir na bharail fhèin; ach rannsaichidh an duine bochd aig am bi tuigse a‑mach e.
12
Nuair a nì na fìreanan gàirdeachas, bidh glòir mhòr ann; ach nuair a dh’èireas na h‑aingidh, falaichear duine.
13
An tì a dh’fhalaicheas a pheacaidhean, cha soirbhich leis; ach esan a dh’aidicheas agus a thrèigeas iad, gheibh e tròcair.
14
Is beannaichte an duine air am bi eagal a‑ghnàth; ach esan a chruadhaicheas a chridhe, tuitidh e ann an olc.
15
Mar leòmhann beucach, agus mar mhath‐ghamhainn a ruitheas a‑null agus a‑nall, tha uachdaran aingidh os cionn sluaigh bhochd.
16
Am fear‐riaghlaidh aig nach eil tuigse, is mòr mar an ceudna am fear‐fòirneirt e; ach an tì a dh’fhuathaicheas sannt, sìnidh e a làithean.
17
An duine a nì ainneart air fuil neach sam bith, teichidh e gu ruig an sloc; na cumadh aon duine e.
18
An tì a ghluaiseas gu h‑ionraic, tèarnar e; ach esan tha fiar na shlighean, tuitidh e a dh’aon bheum.
19
An tì a threabhas a fhearann, bidh pailteas arain aige; ach esan a leanas an dèidh dhaoine dìomhain, bidh bochdainn gu leòr aige.
20
Bidh duine fìrinneach pailt ann am beannachdan; ach esan a nì deifir gu bhith saoibhir, cha bhi e neochiontach.
21
Cha mhath an nì gnùis aithneachadh; gidheadh airson greim arain ciontaichidh duine.
22
Nì fear na droch shùla deifir gu bhith saoibhir; ach chan eil fhios aige gun tig bochdainn air.
23
An tì a chronaicheas duine, na dhèidh sin gheibh e nas mò de dheagh‐ghean na esan a nì miodal le a theangaidh.
24
An tì a nì reubainn air a athair no air a mhàthair, agus a their, Chan eil cionta ann, is companach e do fhear‐millidh.
25
An tì aig a bheil cridhe àrdanach, dùisgidh e strì; ach esan a dh’earbas as an Tighearna, nìthear sultmhor e.
26
An tì a dh’earbas as a chridhe fhèin, is amadan e; ach esan a ghluaiseas gu glic, saorar e.
27
An tì a bheir don bhochd, cha bhi dìth air; ach air an tì a dh’fhalaicheas a shùilean bidh iomadh mallachd.
28
Nuair a dh’èireas na h‑aingidh, falaichidh daoine iad fhèin; ach nuair a sgriosar iad, fàsaidh na fìreanan lìonmhor.
← Chapter 27
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 29 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31