bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Proverbs 16
Proverbs 16
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 15
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 17 →
1
Tha deasachadh cridhe duine agus freagradh na teangaidh on Tighearna.
2
Tha uile shlighean duine glan na shùilean fhèin; ach cothromaichidh an Tighearna na spioradan.
3
Thoir d’obraichean thairis don Tighearna, agus daingnichear do smuaintean.
4
Rinn an Tighearna gach nì air a shon fhèin, agus mar an ceudna an t‑aingidh airson là an uilc.
5
Is gràinealachd don Tighearna gach neach a tha uaibhreach na chridhe: ged iadhadh làmh mu làimh, cha bhi e gun pheanas.
6
Trìd tròcair agus fìrinn glanar euceart; agus trìd eagal an Tighearna trèigear an t‑olc.
7
Nuair a ghabhas an Tighearna tlachd ann an slighean duine, bheir e air a naimhdean fhèin a bhith ann an sìth ris.
8
Is fheàrr beagan le ionracas, na teachd‐a‑steach mòr gun cheartas.
9
Smaoinichidh cridhe duine air a shlighe; ach is e an Tighearna a stiùras a cheuman.
10
Tha fàistneachd air bilean an rìgh: ann am breitheanas cha dèan a bheul euceart.
11
Is leis an Tighearna tomhaisean agus meidhean cearta: is iad uile chlachan‐tomhais a’ mhàla a obair‐san.
12
Is gràinealachd do rìghrean aingidheachd a dhèanamh; oir le ionracas daingnichear an rìgh‐chathair.
13
Is taitneach do rìghrean bilean an ionracais; agus is ionmhainn leo esan a labhras nithean cearta.
14
Tha fearg rìgh mar theachdairean bàis; ach ciùinichidh duine glic i.
15
Ann an solas gnùis rìgh tha beatha; agus tha a dheagh‐ghean mar neul an uisge dheireannaich.
16
Cia mòr as fheàrr gliocas fhaotainn na òr; agus as roghnaiche tuigse fhaotainn na airgead?
17
Is e rathad mòr nan ionraic an t‑olc a thrèigsinn: an tì a choimheadas a shlighe, gleidhidh e a anam.
18
Ro sgrios thèid uabhar; agus ro leagadh, spiorad àrdanach.
19
Is fheàrr a bhith de spiorad iriosal maille riùsan a tha ciùin, na a’ chreach a roinn maille ris na h‑uaibhrich.
20
An tì a nì gnothach gu tuigseach, gheibh e math: agus an tì a dh’earbas as an Tighearna is sona e.
21
Goirear duine crìonna den tì a tha glic na chridhe; agus meudaichidh mìlse nam bilean fòghlam.
22
Is tobar beatha an tuigse don tì aig a bheil i; ach is amaideachd fòghlam nan amadan.
23
Nì cridhe an duine ghlic a bheul tuigseach, agus air a bhilean cuiridh e fòghlam.
24
Mar chìr‐mheala tha briathran taitneach, milis don anam agus nan slàinte do na cnàmhan.
25
Tha slighe ann a tha ceart ann an sealladh duine; ach is iad slighean a’ bhàis a crìoch.
26
An tì a shaothraicheas, saothraichidh e air a shon fhèin; oir iarraidh a bheul air e.
27
Cladhaichidh an duine neo‐dhiadhaidh olc; agus air a bhilean bidh mar theine loisgeach.
28
Togaidh an duine fiar aimhreit; agus dealaichidh fear na cagarsaich càirdean sònraichte.
29
Meallaidh fear an fhòirneirt a choimhearsnach, agus bheir e air imeachd air slighe nach eil math.
30
Druididh e a shùilean a‑chum smaoineachadh air nithean fiara; a’ gluasad a bhilean, bheir e olc gu crìch.
31
Is coron glòire an ceann liath a gheibhear ann an slighe an ionracais.
32
Is fheàrr an tì a tha mall a‑chum feirge na gaisgeach; agus an tì a riaghlas a spiorad fhèin na esan a ghlacas àrd‐bhaile.
33
Anns an uchd tilgear an crannchur; ach is ann on Tighearna a tha a riaghladh gu lèir.
← Chapter 15
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 17 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31