bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Proverbs 4
Proverbs 4
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 3
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 5 →
1
Cluinnibh, a chlann, teagasg athar, agus thugaibh an aire, a‑chum gum faigh sibh eòlas air tuigse:
2
Oir tha mi a’ toirt dhuibh deagh theagaisg; na trèigibh‐se mo reachd.
3
Oir bu mhise mac mùirneach m’athar, agus mar aon‐ghin mic bha mi ann an sealladh mo mhàthar.
4
Theagaisg e mi mar an ceudna, agus thubhairt e rium, Gleidheadh do chridhe mo bhriathran; coimhead m’àitheantan agus mair beò.
5
Faigh gliocas; faigh tuigse: na dìochuimhnich, agus na claon o bhriathran mo bheòil.
6
Na trèig i, agus gleidhidh i thu: gràdhaich i, agus coimheadaidh i thu.
7
Is e gliocas an nì sònraichte; faigh gliocas, agus maille rid uile fhaghail faigh tuigse.
8
Ardaich i, agus cuiridh i suas thu; bheir i gu urram thu, nuair a ghabhas tu ad ghlacan i.
9
Bheir i dod cheann coron maise: crùn glòire bheir i seachad dhut.
10
Eisd, a mhic, agus gabh m’fhacail: agus bidh bliadhnachan do bheatha lìonmhor.
11
Ann an slighe a’ ghliocais theagaisg mi thu: threòraich mi thu ann an ceuman dìreach.
12
Nuair a dh’imicheas tu, cha teannaichear do cheuman; agus nuair a ruitheas tu, cha tuislich thu.
13
Dèan greim daingeann air teagasg; na leig as e; coimhead e, oir is e do bheatha e.
14
Na gabh a‑steach do rathad nan aingidh, agus na imich ann an slighe dhroch dhaoine.
15
Seachain i, na gabh seachad làimh rithe, till uaipe, agus imich romhad.
16
Oir cha chaidil iadsan mura dèan iad olc: agus tha an cadal air a thoirt uapa mura toir iad air cuideigin tuiteam.
17
Oir tha iad ag ithe aran na h‑aingidheachd, agus ag òl fìon an ainneirt.
18
Ach tha slighe nam fìrean mar an solas dealrach, a dhealraicheas nas mò agus nas mò gu ruig an là iomlan.
19
Tha slighe nan aingidh mar dhorchadas: chan aithne dhaibh ciod air a bheil iad a’ tuisleachadh.
20
A mhic, dom fhacail thoir aire; rim bhriathran aom do chluas:
21
Na imicheadh iad od shùilean: glèidh iad ann am meadhon do chridhe.
22
Oir is beatha iad dhaibhsan a gheibh iad, agus ìocshlaint dam feòil uile.
23
Leis gach uile dhìcheall glèidh do chridhe; oir as a sin tha sruthan na beatha.
24
Cuir uat am beul fiar, agus na bilean beumnach cuir fada uat.
25
Sealladh do shùilean gu ceart romhpa, agus seòladh rosgan do shùl gu dìreach romhad.
26
Cothromaich ceuman do chas, agus biodh do shlighean uile air an socrachadh.
27
Na tionndaidh a‑chum na làimhe deise, no clìthe: caraich do chas on olc.
← Chapter 3
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 5 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31