bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Proverbs 20
Proverbs 20
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 19
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 21 →
1
Is cealgach an nì fìon, is buaireasach an nì deoch làidir; agus ge bè neach a mheallar leo, chan eil e glic.
2
Mar bheucaich leòmhainn tha eagal rìgh: an tì a bhrosnaicheas e gu feirg, peacaichidh e an aghaidh a anama fhèin.
3
Is urramach an nì do fhear fantainn o aimhreit; ach measgaidh gach amadan innte.
4
Airson an fhuachd cha treabh an leisgean; iarraidh e dèirc anns an fhogharadh, ach chan fhaigh e.
5
Mar uisge domhain tha comhairle ann an cridhe duine, ach tàirngidh fear na tuigse a‑nìos i.
6
Aithrisidh mòran dhaoine gach aon dhiubh a mhaitheas fhèin; ach cò a gheibh duine fìrinneach?
7
Gluaisidh am fìrean na ionracas: sona bidh a mhic na dhèidh.
8
Nuair a shuidheas rìgh air cathair‐bhreitheanais, sgaoilidh e gach olc le a shùilean.
9
Cò a dh’fhaodas a ràdh, Ghlan mi mo chridhe, tha mi glan om pheacadh?
10
Aon chothrom agus cothrom eile, aon soitheach‐tomhais agus soitheach‐tomhais eile, is gràinealachd iad araon don Tighearna.
11
Aithnichear eadhon leanabh le a bheusan, am bi a dhèanadas glan, agus am bi e ceart.
12
A’ chluas a chluinneas, agus an t‑sùil a chì, rinn an Tighearna iad araon.
13
Na gràdhaich cadal, air eagal gun tig thu gu bochdainn; fosgail do shùilean, agus sàsaichear thu le aran.
14
Is olc, is olc e, arsa an ceannaiche; ach nuair a dh’imicheas e roimhe, an sin nì e uaill.
15
Tha òr ann, agus mòran de chlachan luachmhor; ach is iad bilean an eòlais an seud as luachmhoire.
16
Gabh aodach an tì a chaidh an urras air coigreach; agus airson ban‐choigrich gabh an geall uaithe.
17
Is milis le duine aran na ceilge; ach na dhèidh sin lìonar a bheul de ghaineamh.
18
Daingnichear gach tionnsgnadh le comhairle; agus le comhairle ghlic dèan cogadh.
19
A’ foillseachadh nithean diamhair, imichidh fear‐tuaileis mun cuairt: uime sin ris‐san a nì miodal le a bhilean na biodh gnothach agad.
20
Ge bè mhallaicheas a athair, no a mhàthair, cuirear as a lòchran ann an duibhre dorchadais.
21
Faodar oighreachd fhaotainn gu luath an toiseach; ach cha bhi a crìoch beannaichte.
22
Na abair, Iocaidh mi olc airson uilc: feith air an Tighearna, agus saoraidh e thu.
23
Is gràinealachd don Tighearna aon chlach‐thomhais agus clach‐thomhais eile, agus chan eil meidhean mealltach math.
24
Is ann on Tighearna a tha ceuman duine; oir cionnas a thuigeas duine a shlighe fhèin?
25
Is ribe e do dhuine ithe den nì a tha naomh, agus an dèidh bhòidean, fiosrachadh.
26
Sgapaidh rìgh glic na h‑aingidh, agus bheir e air an roth teachd thairis orra.
27
Is e spiorad duine lòchran an Tighearna, a’ sgrùdadh gach ionaid an taobh a‑staigh den chom.
28
Gleidhidh tròcair agus fìrinn rìgh; seadh, le tròcair daingnichear a rìgh‐chathair.
29
Is e urram dhaoine òga an neart; agus is e maise sheann daoine an ceann liath.
30
Glanaidh guirme cneidhe olc; mar sin glanaidh buillean na bheil an taobh a‑staigh den chom.
← Chapter 19
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 21 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31