bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Proverbs 24
Proverbs 24
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 23
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 25 →
1
Na gabh farmad ri droch dhaoine, agus na miannaich a bhith maille riu:
2
Oir smaoinichidh an cridhe air milleadh, agus labhraidh am bilean mu dhonas.
3
Le gliocas togar taigh, agus le tuigse daingnichear e;
4
Agus le eòlas lìonar a sheòmraichean leis gach saoibhreas luachmhor agus taitneach.
5
Tha an duine glic na dhuine làidir; agus tha fear an eòlais treun ann an neart.
6
Oir le comhairle ghlic nì thu do chogadh; agus ann an lìonmhorachd chomhairleach tha tèarainteachd.
7
Tha gliocas àrd airson amadain; anns a’ gheata na fosgladh e a bheul.
8
Esan a smaoinicheas air olc a dhèanamh, goirear fear nan droch innleachd dheth.
9
Is peacadh smuaintean na h‑amaideachd; agus is e fear na fochaid gràin dhaoine.
10
Ma dh’fhannaicheas tu ann an là an àmhghair, is beag do neart.
11
Ma dhearmadas tu iadsan a thèarnadh a thàirngear a‑chum bàis, agus iadsan a tha ullamh gu bhith air am marbhadh;
12
Ma their thu, Feuch, cha robh fhios againn air seo; nach toir esan a chothromaicheas an cridhe fa‑near? Agus nach bi fhios aigesan a choimheadas d’anam? Agus nach ìoc e do gach duine a rèir a ghnìomharan?
13
A mhic, ith thusa mil, do bhrìgh gu bheil i math, agus a’ chìr mheala a tha milis dod bhlas.
14
Mar sin bidh eòlas a’ ghliocais dod anam, ma gheibh thu e; agus nuair a thig do chrìoch, cha ghearrar as do dhòchas.
15
Na dèan feall‐fhalach, a dhroch dhuine, an aghaidh àite‐còmhnaidh an fhìrein; na creach a ionad‐tàimh.
16
Oir seachd uairean tuitidh am fìrean, agus èiridh e a‑rìs; ach tuitidh na h‑aingidh ann an olc.
17
Nuair a thuiteas do nàmhaid, na bi aoibhneach, agus nuair a thuislicheas e, na dèanadh do chridhe gàirdeachas:
18
Air eagal gum faic an Tighearna, agus gum bi e olc na shùilean, agus gun tionndaidh e a fhearg uaithe.
19
Na biodh campar ort mu dhroch dhaoine, agus na gabh farmad ris na h‑aingidh:
20
Oir cha bhi crìoch mhath air an droch dhuine; cuirear lòchran nan aingidh as.
21
A mhic, biodh eagal an Tighearna agus an rìgh ort: riùsan aig a bheil atharrachadh giùlain na biodh gnothach agad:
22
Oir gu h‑obann thig an dòrainn; agus cò dom fios an sgrios araon?
23
Buinidh na nithean seo mar an ceudna do dhaoine glice. Cha mhath an nì gnùis aithneachadh ann am breitheanas.
24
Esan a their ris an aingidh, Tha thu cothromach, mallaichidh an sluagh e; gabhaidh na fineachan gràin dheth.
25
Ach bidh toil‐inntinn acasan a chronaicheas e, agus thig beannachadh math orra.
26
Pògar bilean an tì a bheir freagradh ceart.
27
Ullaich d’obair a‑muigh, agus deasaich i dhut fhèin anns an achadh, agus na dhèidh sin tog do thaigh.
28
Na bi ann ad fhianais gun adhbhar an aghaidh do choimhearsnaich; agus na meall led bhilean.
29
Na abair, Mar a rinn e orm, mar sin nì mi air: ìocaidh mi don duine a rèir a obrach.
30
Ghabh mi seachad air fearann an duine leisg, agus air fìonlios an duine gun tuigse;
31
Agus, feuch, bha e uile air fàs suas le cluarain, chòmhdaich an fheanntagach a aghaidh, agus bhriseadh sìos a bhalla cloiche.
32
An sin chunnaic mi, thug mi an aire gu math; dh’amhairc mi, fhuair mi fòghlam.
33
Fhathast beagan cadail, beagan clò‐chadail, beagan pasgadh nan làmh gu cadal:
34
An sin thig do bhochdainn mar fhear‐siubhail, agus d’uireasbhaidh mar dhuine fo airm.
← Chapter 23
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 25 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31