bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Proverbs 12
Proverbs 12
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 11
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 13 →
1
Esan a ghràdhaicheas fòghlam, gràdhaichidh e eòlas; ach esan a dh’fhuathaicheas achmhasan, tha e amaideach.
2
Gheibh duine math deagh‐ghean on Tighearna; ach dìtidh e fear nan droch innleachd.
3
Cha daingnichear duine le aingidheachd; ach cha ghluaisear freumh nam fìrean.
4
Tha bean mhath na crùn da fear; ach mar lobhadh na chnàmhan tha ise a nàraicheas e.
5
Is ceartas smuaintean nam fìrean; ach is cealg comhairle nan aingidh.
6
Is iad briathran nan aingidh feall‐fheitheamh airson fala; ach tèarnaidh beul nan ionraic iadsan.
7
Tilgear na h‑aingidh bun‐os‑cionn, agus cha bhi iad ann; ach seasaidh taigh nam fìrean.
8
A rèir a ghliocais molar duine; ach nìthear dìmeas air‐san a tha fiar na chridhe.
9
Is fheàrr esan air an dèanar tàir, agus a tha na sheirbhiseach dha fhèin, na esan a bheir urram dha fhèin, agus a bhios a dhìth arain.
10
Bidh cùram aig an duine ionraic de bheatha a ainmhidh; ach is an‑iochdmhor truacantais nan aingidh.
11
Esan a threabhas a fhearann, sàsaichear le aran e; ach esan a leanas daoine dìomhain, tha e gun tuigse.
12
Miannaichidh an t‑aingidh lìon dhroch dhaoine; ach bheir freumh nam fìrean toradh.
13
Le peacadh a bhilean ribear an droch dhuine; ach thèid am fìrean as o airc.
14
De thoradh a bheòil sàsaichear duine le math; agus ìocar luigheachd làmh duine dha fhèin.
15
Tha slighe an amadain ceart na shùilean fhèin; ach tha esan a dh’èisdeas ri comhairle, glic.
16
Aithnichear air ball fearg an amadain; ach ceilidh duine ciallach masladh.
17
Esan a labhras an fhìrinn, foillsichidh e ceartas; ach foillsichidh fianais bhreugach cealg.
18
Tha dream ann a labhras mar lotan claidheimh; ach is slàinte teanga nan daoine glice.
19
Bidh bilean na fìrinn seasmhach gu bràth; ach cha bhi an teanga breugach ach car tiota.
20
Is cealg a bhios ann an cridhe luchd‐deilbh an uilc; ach do chomhairlich na sìthe bidh gàirdeachas.
21
Chan èirich aimhleas air bith don fhìrean; ach lìonar na h‑aingidh le olc.
22
Is gràinealachd don Tighearna bilean nam breug; ach is iad an dream a nì gu fìrinneach a thlachd.
23
Ceilidh duine ciallach eòlas; ach foillsichidh cridhe nan amadan amaideachd.
24
Riaghlaidh làmh nan dìcheallach; ach bidh làmh na leisge fo chìs.
25
Nì iomagain ann an cridhe duine a chromadh sìos; ach nì facal math sòlasach e.
26
Is fheàrr am fìrean na a choimhearsnach; ach cuiridh slighe nan aingidh air seachran iad fhèin.
27
Cha ròist an leisgean a shitheann; ach is luachmhor saoibhreas an duine dhìcheallaich.
28
Ann an slighe na fìreantachd tha beatha; agus na ceum chan eil bàs.
← Chapter 11
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 13 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31