bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Proverbs 29
Proverbs 29
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 28
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 30 →
1
Am fear a chronaichear gu minig, gidheadh a chruadhaicheas a mhuineal, sgriosar e gu h‑obann, agus sin gun leigheas.
2
Nuair a bhios na fìreanan cumhachdach, nì an sluagh gàirdeachas; ach nuair a riaghlas na h‑aingidh, nì an sluagh osnaich.
3
Am fear a ghràdhaicheas gliocas, nì e a athair ait; ach esan a chumas cuideachd ri strìopaichean, caithidh e a mhaoin.
4
Le breitheanas daingnichidh an rìgh an tìr; ach sgriosaidh am fear a ghabhas tìodhlacan i.
5
Am fear a nì miodal ra choimhearsnach, sgaoilidh e lìon airson a chas.
6
Ann an easaontas droch dhuine tha ribe; ach seinnidh am fìrean, agus bidh e aoibhneach.
7
Bheir am fìrean an aire do chùis nam bochd; ach cha ghabh an t‑aingidh suim do eòlas a bhith aige oirre.
8
Bheir luchd‐fochaid baile ann an ribe; ach tillidh daoine glice fearg.
9
Ma nì duine glic strì ri duine amaideach, co‑dhiù a bhios fearg air, no nì e gàire, cha bhi fois ann.
10
Fuathaichidh daoine fuileachdach an duine ionraic; ach iarraidh daoine cothromach a anam.
11
Cuiridh amadan an cèill a inntinn uile; ach cumaidh duine glic a‑staigh i gus an dèidh sin.
12
Ma dh’èisdeas uachdaran ri breugan, bidh a sheirbhisich uile aingidh.
13
Coinnichidh am bochd agus an cealgair a chèile; bheir an Tighearna solas dan sùilean araon.
14
Ma bheir rìgh breith air bochdan ann am fìrinn, daingnichear a rìgh‐chathair gu bràth.
15
Bheir an t‑slat agus achmhasan gliocas uapa; ach cuiridh an leanabh a dh’fhàgar dha fhèin nàire air a mhàthair.
16
Nuair a bhios na h‑aingidh lìonmhor, bidh easaontas lìonmhor: ach nì na fìreanan an leagadh.
17
Cronaich do mhac, agus bheir e suaimhneas dhut: seadh, bheir e sòlas dod anam.
18
Far nach eil taisbeanadh, thèid an sluagh a dhìth; ach an tì a choimheadas an lagh, is sona esan.
19
Le briathran cha leasaichear seirbhiseach; oir ged thuig e, cha fhreagair e.
20
A bheil thu a’ faicinn duine a tha dian na bhriathran? Tha adhbhar dòchais nas mò den amadan na dheth‐san.
21
Ma thogas neach a sheirbhiseach suas gu mùirneach o bhith na leanabh, mu dheireadh bidh e aige mar mhac.
22
Dùisgidh duine feargach aimhreit, agus bidh fear na corraich pailt ann an easaontas.
23
Islichidh uabhar duine e; ach gheibh esan a tha iriosal na spiorad urram.
24
An tì a nì co‑roinn ri gadaiche, fuathaichidh e a anam fhèin: cluinnidh e mallachadh, ach chan fhoillsich e.
25
Bheir eagal duine ribe leis; ach ge bè a dh’earbas as an Tighearna, bidh e tèarainte.
26
Iarraidh mòran deagh‐ghean an uachdarain; ach is ann on Tighearna a tha breitheanas gach duine.
27
Is e fear na h‑euceirt gràinealachd nam fìrean: agus is e an tì a tha ceart na shlighe gràinealachd nan aingidh.
← Chapter 28
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 30 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31