bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Proverbs 23
Proverbs 23
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 22
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 24 →
1
Nuair a shuidheas tu a dh’ithe maille ri uachdaran, thoir an ro‑aire do na bheil fad chomhair;
2
Agus cuir sgian rid sgòrnan, mas duine thu air do thabhairt do chraos.
3
Na miannaich a nithean milis; oir is biadh mealltach iad.
4
Na saothraich gu fàs saoibhir; leig dhìot do ghliocas fhèin.
5
An cuir thu do shùilean air an nì nach eil ann? Oir gu cinnteach nì saoibhreas sgiathan dha fhèin, mar iolair a dh’itealaicheas a‑chum nan nèamh.
6
Na ith aran an tì aig a bheil droch shùil, agus na miannaich a nithean milis.
7
Oir mar a smaoinicheas e na anam, mar sin bidh e: Ith agus òl, their e riut, ach cha bhi a chridhe leat.
8
An greim a dh’ith thu, sgeithidh tu a‑nìos, agus caillidh tu do bhriathran milis.
9
Na labhair ann an cluasan amadain; oir nì e tàir air gliocas do bhriathar.
10
Na atharraich an seann chomharradh‐crìche; agus air achaidhean nan dìlleachdan na bris a‑steach:
11
Oir tha am fear‐saoraidh cumhachdach; tagraidh e an cùis ad aghaidh.
12
Aom do chridhe ri fòghlam, agus do chluasan ri briathran eòlais.
13
Na cùm smachdachadh o leanabh; oir ma bhuaileas tu e le slait, chan fhaigh e bàs.
14
Buailidh tu e le slait, agus saoraidh tu a anam o ifrinn.
15
A mhic, ma bhios do chridhe glic, nì mo chridhe‐sa gàirdeachas, eadhon mo chridhe‐sa:
16
Seadh, nì m’àirnean gàirdeachas, nuair a labhras do bhilean nithean cearta.
17
Na gabhadh do chridhe farmad ri peacaich: ach bi ann an eagal an Tighearna air feadh an là uile.
18
Oir gu deimhinn tha crìoch ann; ach cha ghearrar as do dhòchas.
19
Eisd thusa, a mhic, agus bi glic, agus treòraich do chridhe anns an t‑slighe.
20
Na bi am measg phòitearan fìona; am measg luchd co‑ithidh geòcach feòla.
21
Oir thig am misgear agus an geòcaire gu bochdainn; agus èidichidh turra‑chadal duine le luideagan.
22
Eisd rid athair a ghin thu, agus na dèan tàir air do mhàthair nuair a bhios i aosda.
23
Ceannaich an fhìrinn, agus na reic i; mar an ceudna gliocas, agus fòghlam, agus tuigse.
24
Nì athair an fhìrein mòr‐ghàirdeachas; agus nì esan a ghineas mac glic aoibhneas ann.
25
Nì d’athair agus do mhàthair aoibhneas, agus nì ise a rug thu gàirdeachas.
26
A mhic, thoir dhòmhsa do chridhe, agus coimheadadh do shùilean mo shlighean.
27
Oir is staing dhomhain strìopach; agus is sloc cumhang ban‐choigreach.
28
Tha i mar an ceudna ri feall‐fheitheamh mar chreachadair, agus cuiridh i luchd‐dòbheairt an lìonmhorachd am measg dhaoine.
29
Cò dom buin truaighe? Cò a tha ri bròn? Cò aig a bheil connsachadh? Cò a tha ri gearan? Cò aig a bheil lotan gun adhbhar? Cò aig a bheil deirge shùl?
30
Iadsan a dh’fhanas fad aig an fhìon; iadsan a thèid a dh’iarraidh fìona measgte.
31
Na amhairc thusa air an fhìon nuair a bhios e dearg, nuair a bheir e a dhath anns a’ chupan, a thèid e sìos dìreach.
32
Mu dheireadh teumaidh e mar nathair, agus mar an rìgh‐nathair sàthaidh e a‑ghath.
33
Amhaircidh do shùilean air mnathan coimheach, agus cuiridh do chridhe an cèill nithean claona:
34
Agus bidh tu mar an tì a laigheas sìos ann am meadhon na fairge, no mar esan a laigheas air bàrr croinn‐siùil.
35
Bhuail iad mi, their thu, agus cha robh mi tinn; ghabh iad orm, agus cha do mhothaich mi: cuin a dhùisgeas mi? An sin iarraidh mi fhathast e.
← Chapter 22
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 24 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31