bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Proverbs 5
Proverbs 5
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 4
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 6 →
1
A mhic, dom ghliocas thoir an aire; rim thuigse aom do chluas;
2
A‑chum gun coimhead thu ciall, agus gun glèidh do bhilean eòlas.
3
[Na èisd ri mealltaireachd mnà:] oir mar a’ chìr‐mheala silidh bilean mnà coimhich, agus is mìne na ola a beul.
4
Ach tha a crìoch searbh mar a’ bhurmaid, geur mar chlaidheamh dà fhaobhair.
5
Tha a casan a’ dol sìos a‑chum a’ bhàis: nì a ceuman greim air ifrinn.
6
Air eagal gun cothromaicheadh tu slighe na beatha, luaineach tha a ceuman air chor is nach urrainn thu an aithneachadh.
7
A‑nis uime sin, a chlann, èisdibh rium, agus na dealaichibh ri briathran mo bheòil.
8
Atharraich do shlighe fada uaipe, agus na tig am fagas do dhoras a taighe:
9
Air eagal gun toir thu do neart do mhuinntir eile, agus do bhliadhnachan don an‑iochdmhor:
10
Air eagal gun lìonar coigrich led shaoibhreas, agus gum bi do shaothair ann an taigh coigrich;
11
Agus gun dèan thu caoidh mu dheireadh, nuair a chaithear d’fheòil agus do chorp,
12
Agus gun abair thu, Cionnas a thug mi fuath do theagasg, agus a rinn mo chridhe tàir air achmhasan?
13
Agus nach robh mi umhail do ghuth mo luchd‐teagaisg, agus nach d’aom mi mo chluas riùsan a theagaisg mi?
14
Is beag nach robh mi anns gach olc, am meadhon a’ cho‐chruinneachaidh, agus a’ choitheanail.
15
Ol uisgeachan as do shoitheach fhèin; agus uisgeachan‐ruith as do thobar fhèin.
16
Biodh do thobraichean air an sgaoileadh a‑mach; do shruthan uisge anns na sràidean.
17
Biodh iad agad fhèin a‑mhàin, agus na b’ann aig coigrich maille riut.
18
Biodh do thobar beannaichte; agus dèan gàirdeachas maille ri mnaoi‐phòsda d’òige.
19
Biodh i mar an eilid ghràdhach, agus mar an earba thaitneach; sàsaicheadh a cìochan thu anns gach àm: le a gràdh bi a‑ghnàth air do lìonadh.
20
Agus carson, a mhic, a mheallar thu le mnaoi choimhich, agus a dhlùthaicheas tu ri broilleach bana‑choigrich?
21
Oir fa chomhair sùilean an Tighearna tha slighean an duine, agus tha e a’ cothromachadh a cheuman uile.
22
Glacaidh a euceartan fhèin an t‑aingidh, agus le cùird a pheacaidh ceanglar e.
23
Bàsaichidh e gun teagasg; agus ann am meud a amaideachd thèid e air seachran.
← Chapter 4
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 6 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31