bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Proverbs 18
Proverbs 18
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 17
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 19 →
1
A reir a thograidh iarraidh esan a sgaras e fhèin, agus buinidh e ris gach gliocas.
2
Chan eil tlachd aig an amadan ann an tuigse, ach gum foillsicheadh a chridhe e fhèin.
3
Nuair a thig an t‑aingidh, thig mar an ceudna tarcais, agus maille ri mì‑chliù masladh.
4
Mar uisgeachan domhain tha briathran beul duine; mar shruth sgaoilteach tha tobar a’ ghliocais.
5
Chan eil e math gabhail ri gnùis an droch dhuine, a‑chum am fìrean a thilgeadh bun‐os‑cionn ann am breitheanas.
6
Thèid bilean an amadain ann an aimhreit, agus gairmidh a bheul air buillean.
7
Is e beul amadain a sgrios, agus is iad a bhilean ribe a anama fhèin.
8
Tha briathran fear na cagarsaich mar lotan, agus thèid iad sìos gu ionadan ìochdarach a’ chuim.
9
Mar an ceudna an tì sin a tha leisg na obair, is bràthair e don mhilltear mhòr.
10
Is tùr làidir ainm an Tighearna: ruithidh am fìrean da ionnsaigh, agus bidh e tèarainte.
11
Is e beartas an duine shaoibhir a chathair làidir, agus mar bhalla àrd na bheachd fhèin.
12
Ro sgrios bidh cridhe duine uaibhreach, agus ro urram bidh irioslachd.
13
An tì a bheir freagradh ann an cùis mun cluinn e i, is amaideachd agus nàire dha e.
14
Giùlainidh spiorad duine a laigse: ach cò as urrainn spiorad briste a ghiùlan?
15
Gheibh cridhe an duine chrìonna eòlas; agus iarraidh cluas nan daoine glice eòlas.
16
Nì tìodhlac duine àite dha, agus bheir e an làthair dhaoine mòra e.
17
Saoilear gu bheil a’ chòir aigesan a tha air thoiseach ann an agairt a chùise; ach thig a choimhearsnach, agus rannsaichidh e e.
18
Bheir an crannchur air aimhreitean sgur, agus roinnidh e eadar na cumhachdaich.
19
Tha bràthair air a bhrosnachadh nas cruaidhe ra chosnadh na cathair làidir; agus tha aimhreitean bhràithrean mar chroinn lùchairt.
20
Le toradh beul duine lìonar a bhrù; agus le toradh a bhilean sàsaichear e.
21
Tha bàs agus beatha ann an cumhachd na teangaidh; agus ithidh esan leis an ionmhainn i de a toradh.
22
An tì a dh’amaiseas air mnaoi, amaisidh e air nì math, agus gheibh e deagh‐ghean on Tighearna.
23
Le impidhean labhraidh an duine bochd; ach freagraidh an duine saoibhir gu garbh.
24
Feumaidh fear aig am bi càirdean càirdeas a nochdadh; agus tha caraid ann a leanas nas dlùithe na bràthair.
← Chapter 17
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 19 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31