bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Proverbs 7
Proverbs 7
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 6
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 8 →
1
A mhic, glèidh mo bhriathran, agus taisg m’àitheantan maille riut.
2
Glèidh m’àitheantan, agus bi beò; agus mo lagh mar dhubhagan do shùl.
3
Ceangail iad air do mheòir; sgrìobh iad air clàr do chridhe.
4
Abair ri gliocas, Is tu mo phiuthar; agus goir do bhanacharaid de thuigse:
5
A‑chum gun glèidh iad thu on mhnaoi choimhich, on bhan‐choigrich a nì miodal le a briathran.
6
Oir aig uinneig mo thaighe dh’amhairc mi tro mo chlèith,
7
Agus sheall mi am measg nan daoine baoghalta; thug mi fa‑near am measg nan òganach, òigfhear gun chèill,
8
A’ dol seachad air an t‑sràid fagas da h‑oisinn, agus ghabh e an t‑slighe a‑chum a taighe,
9
Anns an dùbhradh anns an fheasgar, anns an oidhche dhuibh dhorcha:
10
Agus, feuch, thachair bean air ann an culaidh strìopaich, agus cuilbheartach na cridhe.
11
(Tha i àrd‐ghuthach agus ceann‐làidir; chan fhan a casan na taigh.
12
A‑nis tha i a‑mach, a‑nis anns na sràidean, agus a’ feitheamh nam fàth aig gach oisinn.)
13
Agus rug i air, agus phòg i e, agus le aghaidh gun nàire thubhairt i ris,
14
Tha tabhartasan‐sìth agam; an‑diugh dh’ìoc mi mo bhòidean:
15
Uime sin thàinig mi a‑mach ad choinneamh, a dh’iarraidh d’aghaidh gu dìcheallach, agus fhuair mi thu.
16
Le còmhdaichean grinne sgeadaich mi mo leabaidh, le obraichean geàrrte, le lìon‐aodach mìn on Eiphit.
17
Rinn mi mo leabaidh cùbhraidh le mirr, alo, agus canal.
18
Thig, gabhamaid ar sàth de ghaol gu madainn; dèanamaid co‑ghàirdeachas ann an gaol:
19
Oir chan eil fear an taighe aig baile; chaidh e air turas fada:
20
Sporan airgid thug e leis; air an là shuidhichte thig e dhachaigh.
21
Le mòran de a cainnt mhilis thug i air aontachadh; le miodal a bilean cho‐èignich i e.
22
Tha e a’ dol na dèidh gun dàil, mar a thèid an damh a‑chum a chasgraidh, no an t‑amadan a‑chum peanas a’ chip;
23
Gus an tèid saighead tro a àinean, mar a ghreasas eun don ribe, gun fhios aige gur ann a‑chum a bhàis a tha e.
24
A‑nis uime sin èisdibh rium, a chlann, agus thugaibh aire do bhriathran mo bheòil:
25
Na claonadh do chridhe a‑chum a slighean, na rach air seachran na ceuman.
26
Oir lot agus leag i sìos mòran; seadh, chaidh mòran de dhaoine treuna a mharbhadh leatha.
27
Is e a taigh an t‑slighe gu ifrinn, a’ dol sìos gu seòmraichean a’ bhàis.
← Chapter 6
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 8 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31