bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
1 Kings 1
1 Kings 1
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 2 →
1
A‑nis bha rìgh Daibhidh sean, agus air teachd air aghaidh ann am bliadhnachan: agus chòmhdaich iad e le aodach, gidheadh cha do ghabh e blàths.
2
Uime sin thubhairt a sheirbhisich ris, Iarradh iad dom thighearna, an rìgh, gruagach a tha na h‑òigh, agus seasadh i am fianais an rìgh, agus eiridneadh i e, agus laigheadh i ann ad uchd, a‑chum gun gabh an tighearna mo rìgh blàths.
3
Uime sin dh’iarr iad gruagach mhaiseach air feadh uile chrìochan Israeil, agus fhuair iad Abisag, ban‐Sunamach, agus thug iad i a dh’ionnsaigh an rìgh.
4
Agus bha a’ ghruagach ro‑mhaiseach, agus dh’eiridinn i an rìgh, agus fhritheil i dha; ach cha d’aithnich an rìgh i.
5
An sin dh’àrdaich Adoniah mac Hagit e fhèin, ag ràdh, Rìoghaichidh mise: agus dh’ullaich e dha fhèin carbadan, agus marc‐shluagh, agus leth‐cheud fear a ruith roimhe.
6
Agus cha do chuir a athair doilgheas air uair sam bith, ag ràdh, Carson a rinn thu mar seo? Agus bha esan mar an ceudna ro‑mhaiseach na dhealbh; agus rugadh e an dèidh Absaloim.
7
Agus bha coluadar aige ri Ioab mac Sheruiah, agus ri Abiatar an sagart: agus a’ leantainn Adoniah, rinn iad còmhnadh ris.
8
Ach cha robh Sadoc an sagart, agus Benaiah mac Iehoiada, agus Nàtan am fàidh, agus Simei, agus Rei, agus na fir threuna, a bhuineadh do Dhaibhidh, maille ri Adoniah.
9
Agus mharbh Adoniah caoraich agus buar, agus sprèidh reamhar làimh ri cloich Shohelet, a tha làimh ri Enrogel; agus thug e cuireadh da bhràithrean uile, mic an rìgh, agus do fhir Iùdah uile, seirbhisich an rìgh.
10
Ach do Nàtan am fàidh, agus do Bhenaiah, agus do na fir threuna, agus do Sholamh, a bhràthair, cha tug e cuireadh.
11
Uime sin labhair Nàtan ri Batsèba màthair Sholaimh, ag ràdh, Nach cuala tu gu bheil Adoniah mac Hagit a’ rìoghachadh, agus chan eil fhios aig ar tighearna Daibhidh air?
12
A‑nis matà, leig dhòmhsa, guidheam ort, comhairle a thabhairt ort, a‑chum gun saor thu d’anam fhèin, agus anam Sholaimh do mhac.
13
Imich, agus gabh a‑steach gu rìgh Daibhidh, agus abair ris, Nach tug thusa, mo thighearna, a rìgh, mionnan dod bhanoglaich, ag ràdh, Gu deimhinn rìoghaichidh Solamh do mhac ann am dhèidh‐sa agus suidhidh e air mo rìgh‐chathair‐sa? Carson mas eadh a tha Adoniah a’ rìoghachadh?
14
Feuch, am feadh a bhios tusa fhathast a’ labhairt an sin ris an rìgh, thig mise mar an ceudna a‑steach ad dhèidh, agus daingnichidh mi do bhriathran.
15
Agus chaidh Batsèba a‑steach a dh’ionnsaigh an rìgh don t‑seòmar: agus bha an rìgh ro‑shean; agus fhritheil Abisag a’ bhan‐Sunamach don rìgh.
16
Agus chrom Batsèba sìos, agus rinn i ùmhlachd don rìgh. Agus thubhairt an rìgh, Ciod as àill leat?
17
Agus thubhairt ise ris, Mo thighearna, mhionnaich thu air an Tighearna do Dhia dod bhanoglaich, ag ràdh, Gu cinnteach rìoghaichidh Solamh do mhac ann am dhèidh‐sa, agus suidhidh e air mo rìgh‐chathair‐sa:
18
Agus a‑nis, feuch, tha Adoniah a’ rìoghachadh, agus agadsa, mo thighearna, a rìgh, chan eil fhios air.
19
Agus mharbh e buar, agus sprèidh reamhar, agus caoraich gu lìonmhor, agus thug e cuireadh do mhic an rìgh uile, agus do Abiatar an sagart, agus do Ioab, ceannard an t‑slòigh: ach dod òglach Solamh cha tug e cuireadh.
20
Agus a‑nis mo thighearna, a rìgh, tha sùilean Israeil uile ort, a‑chum gun innseadh tu dhaibh cò a shuidheas air rìgh‐chathair mo thighearna an rìgh na dhèidh fhèin.
21
Oir, mura innis, tàrlaidh nuair a chaidleas mo thighearna an rìgh maille ra athraichean, gum measar mise agus mo mhac Solamh nar ciontaich.
22
Agus, feuch, am feadh a bha i fhathast a’ labhairt ris an rìgh, thàinig Nàtan am fàidh mar an ceudna a‑steach.
23
Agus dh’innis iad don rìgh, ag ràdh, Feuch, Nàtan am fàidh. Agus nuair a thàinig e a‑steach am fianais an rìgh, chrom e e fhèin don rìgh le a aghaidh gu làr.
24
Agus thubhairt Nàtan, Mo thighearna, a rìgh, an dubhairt thusa, Rìoghaichidh Adoniah ann am dhèidh‐sa, agus suidhidh esan air mo rìgh‐chathair?
25
Oir chaidh e sìos an‑diugh, agus mharbh e buar, agus sprèidh reamhar, agus caoraich gu lìonmhor; agus thug e cuireadh do mhic an rìgh uile, agus do cheannardan an t‑slòigh, agus do Abiatar an sagart; agus, feuch, tha iad ag ithe agus ag òl na làthair, agus their iad, Guma fada beò an rìgh Adoniah,
26
Ach dhòmhsa, eadhon dhòmhsa do sheirbhiseach, agus do Shadoc an sagart, agus do Bhenaiah mac Iehoiada, agus dod òglach Solamh cha tug e cuireadh.
27
An ann lem thighearna an rìgh a rinneadh an nì seo, agus nach tug thu fios dod sheirbhiseach cò a shuidheas air rìgh‐chathair mo thighearna an rìgh na dhèidh fhèin?
28
Agus fhreagair rìgh Daibhidh, agus thubhairt e, Gairmibh am ionnsaigh Batsèba. Agus thàinig i an làthair an rìgh, agus sheas i am fianais an rìgh.
29
Agus mhionnaich an rìgh, agus thubhairt e, Mar as beò an Tighearna a shaor m’anam as gach airc,
30
Amhail mar a mhionnaich mi dhut air an Tighearna Dia Israeil, ag ràdh, Gu deimhinn rìoghaichidh do mhac Solamh ann am dhèidh‐sa, agus suidhidh e air mo rìgh‐chathair ann am àite; gu cinnteach is ann mar sin a nì mi an‑diugh.
31
An sin chrom Batsèba sìos le a h‑aghaidh gu làr, agus rinn i ùmhlachd don rìgh agus thubhairt i, Maireadh mo thighearna rìgh Daibhidh gu bràth.
32
Agus thubhairt rìgh Daibhidh, Gairmibh am ionnsaigh Sadoc an sagart, agus Nàtan am fàidh, agus Benaiah mac Iehoiada. Agus thàinig iad am fianais an rìgh.
33
Agus thubhairt an rìgh riu, Thugaibh leibh seirbhisich ur tighearna, agus thugaibh air Solamh mo mhac marcachd air mo mhuileid fhèin, agus thugaibh sìos e gu Gihon;
34
Agus ungadh Sadoc an sagart, agus Nàtan am fàidh, an sin e na rìgh air Israel: agus sèidibh‐se an trompaid, agus abraibh, Guma fada beò rìgh Solamh.
35
An sin thig sibh a‑nìos na dhèidh, agus thig esan, agus suidhidh e air mo rìgh‐chathair‐sa, agus rìoghaichidh e ann am àite: agus dh’àithn mise e a bhith na cheannard air Israel, agus air Iùdah.
36
Agus fhreagair Benaiah mac Iehoiada an rìgh, agus thubhairt e, Amen: gun abradh an Tighearna Dia, mo thighearna an rìgh, mar sin cuideachd.
37
Mar a bha an Tighearna maille rim thighearna, an rìgh, guma h‑amhlaidh a bhios e le Solamh, agus gun àrdaicheadh e a rìgh‐chathair thar rìgh‐chathair mo thighearna rìgh Daibhidh.
38
Agus chaidh Sadoc an sagart, agus Nàtan am fàidh, agus Benaiah mac Iehoiada, agus na Ceretich, agus na Peletich sìos, agus thug iad air Solamh marcachd air muileid rìgh Daibhidh; agus thug iad e gu Gihon.
39
Agus thug Sadoc an sagart còrn ola as a’ phàillean, agus dh’ung e Solamh; agus shèid iad an trompaid, agus thubhairt an sluagh uile, Guma fada beò rìgh Solamh.
40
Agus thàinig an sluagh uile a‑nìos na dhèidh, agus bha an sluagh a’ pìobaireachd le pìoban, agus a’ dèanamh gàirdeachais le mòr‐ghàirdeachas, air chor is gun do reubadh an talamh lem fuaim.
41
Agus chuala Adoniah, agus na h‑aoighean uile a bha maille ris, e nuair a sguir iad a dh’ithe: agus nuair a chuala Ioab fuaim na trompaid, thubhairt e, Carson a tha fuaim seo a’ bhaile, agus e làn co‑ghàir?
42
Agus am feadh a bha esan fhathast a’ labhairt, feuch, thàinig Ionatan mac Abiatair an sagart, agus thubhairt Adoniah ris, Thig a‑steach, oir is duine treun thu, agus bheir thu sgeul math leat.
43
Agus fhreagair Ionatan, agus thubhairt e ri Adoniah, Gu deimhinn rinn ar tighearna, rìgh Daibhidh, Solamh na rìgh.
44
Agus chuir an rìgh leis Sadoc an sagart, agus Nàtan am fàidh, agus Benaiah mac Iehoiada, agus na Ceretich, agus na Peletich; agus thug iad air marcachd air muileid an rìgh.
45
Agus dh’ung Sadoc an sagart, agus Nàtan am fàidh, e na rìgh ann an Gihon: agus thàinig iad a‑nìos as a sin a’ dèanamh gàirdeachais, air chor is gu bheil am baile ri co‑ghàir: is i seo an fhuaim a chuala sibh.
46
Agus mar an ceudna tha Solamh na shuidhe air cathair na rìoghachd.
47
Agus os bàrr, thàinig seirbhisich an rìgh a bheannachadh ar tighearna rìgh Daibhidh, ag ràdh, Gun dèanadh Dia ainm Sholaimh nas fheàrr na d’ainm‐sa, agus gun àrdaicheadh e a rìgh‐chathair os cionn do rìgh‐chathrach‐sa: agus chrom an rìgh e fhèin air an leabaidh.
48
Agus cuideachd mar seo thubhairt an rìgh, Guma beannaichte an Tighearna Dia Israeil, a thug an‑diugh duine a shuidhe air mo rìgh‐chathair, agus mo shùilean fhèin ga fhaicinn.
49
Agus ghlac uamhas na h‑aoighean uile a bha maille ri Adoniah, agus dh’èirich iad, agus dh’imich iad gach fear air a shlighe fhèin.
50
Agus bha eagal air Adoniah ro Sholamh, agus dh’èirich e, agus chaidh e, agus ghabh e greim de adhaircean na h‑altarach.
51
Agus dh’innseadh do Sholamh, ag ràdh, Feuch, tha eagal air Adoniah ro rìgh Solamh, agus, feuch, ghabh e greim de adhaircean na h‑altarach, ag ràdh, Thugadh rìgh Solamh a mhionnan dhòmhsa an‑diugh, nach marbh e a sheirbhiseach leis a’ chlaidheamh.
52
Agus thubhairt Solamh, Ma bhios e na dhuine math, cha tuit ròineag de a fhalt gu làr; ach ma gheibhear olc ann, cuirear gu bàs e.
53
Agus chuir rìgh Solamh fios air, agus thug iad air teachd a‑nuas on altair, agus thàinig e agus chrom e e fhèin do rìgh Solamh. Agus thubhairt Solamh ris, Imich dod thaigh.
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 2 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22