bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
1 Kings 14
1 Kings 14
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 13
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 15 →
1
Anns an àm sin bha Abiah, mac Ierobòaim, gu tinn.
2
Agus thubhairt Ierobòam ra mhnaoi, Eirich a‑nis, agus cuir thu fhèin ann an coslas eile, air chor is nach aithnich iad gur tu bean Ierobòaim; agus imich do Shiloh: feuch, an sin tha Ahiah am fàidh, a dh’innis dhòmhsa gum bithinn am rìgh air an t‑sluagh seo.
3
Agus thoir leat ad làimh deich buileannan, agus breacagan, agus soitheach meala, agus falbh da ionnsaigh: innsidh esan dhut ciod a dh’èireas don leanabh.
4
Agus rinn bean Ierobòaim mar sin, agus dh’èirich i, agus chaidh i do Shiloh, agus thàinig i gu taigh Ahiah: ach cha b’urrainn Ahiah nì fhaicinn, oir dhorchaicheadh a shùilean le aois.
5
Agus thubhairt an Tighearna ri Ahiah, Feuch, tha bean Ierobòaim a’ teachd a dh’iarraidh nì ort a‑thaobh a mic, oir tha e gu tinn: mar seo agus mar seo labhraidh tu rithe; oir tàrlaidh, nuair a thig i a‑steach, gun gabh i oirre fhèin gur bean eile i.
6
Agus thàrladh, nuair a chuala Ahiah fuaim a cas, agus i a’ teachd a‑steach air an doras, gun dubhairt e, Thig a‑steach, a bhean Ierobòaim: carson a tha thu a’ gabhail ort gur bean eile thu? Ach chuireadh mise ad ionnsaigh le teachdaireachd chruaidh.
7
Falbh, innis do Ierobòam, Mar seo tha an Tighearna Dia Israeil ag ràdh: A chionn gun d’àrdaich mise thu à meadhon an t‑sluaigh, agus gun do chuir mi thu ad cheannard air mo shluagh Israel,
8
Agus gun do reub mi an rìoghachd o thaigh Dhaibhidh agus gun tug mi dhutsa i; agus gidheadh nach robh thu mar m’òglach Daibhidh, a ghlèidh m’àitheantan, agus a lean mi le a uile chridhe, a dhèanamh an nì sin a‑mhàin a bha ceart ann am shùilean‐sa;
9
Ach gun do rinn thu olc os cionn nan uile a bha romhad, agus gun deachaidh tu agus gun do rinn thu dhut fhèin diathan eile, agus dealbhan leaghte, gu fearg a chur ormsa; agus gun do thilg thu mi air do chùlaibh:
10
Uime sin, feuch, bheir mise olc air taigh Ierobòaim, agus gearraidh mi as o Ierobòam esan a nì uisge ri balla, esan a dhruideadh a‑steach agus a dh’fhàgadh ann an Israel; agus bheir mi air falbh fuidheall taigh Ierobòaim, mar a bheir neach air falbh aolach gus an teirig e.
11
Esan a gheibh bàs de Ierobòam anns a’ bhaile, ithidh na madraidh e: agus esan a gheibh bàs anns a’ mhachair, ithidh eunlaith an adhair e: oir labhair an Tighearna e.
12
Uime sin èirich thusa, imich dod thaigh fhèin: nuair a thèid do chasan a‑steach don bhaile, gheibh an leanabh bàs.
13
Agus nì Israel uile caoidh air a shon, agus adhlaicidh iad e: oir thèid esan a‑mhàin o Ierobòam a dh’ionnsaigh na h‑uaighe; a chionn gun d’fhuaireadh ann nì math a‑thaobh an Tighearna, Dia Israeil, ann an taigh Ierobòaim.
14
Os bàrr, togaidh an Tighearna suas dha fhèin rìgh air Israel, a ghearras as taigh Ierobòaim air an là sin: ach ciod? A‑nis fhèin.
15
Agus buailidh an Tighearna Israel, mar a ghluaisear cuilc anns an uisge, agus spìonaidh e Israel as an fhearann mhath seo, a thug e dan athraichean, agus sgapaidh e iad air an taobh thall den abhainn; a chionn gun do rinn iad an doireachan, a’ cur feirge air an Tighearna.
16
Agus bheir e thairis Israel, airson peacaidhean Ierobòaim, a pheacaich, agus a thug air Israel peacachadh.
17
Agus dh’èirich bean Ierobòaim, agus dh’imich i, agus thàinig i gu Tirsah: agus nuair a chaidh i a‑steach air stairsnich an taighe, fhuair an leanabh bàs.
18
Agus dh’adhlaic iad e, agus rinn Israel uile caoidh air a shon, a rèir facal an Tighearna, a labhair e le làimh a òglaich fhèin Ahiah am fàidh.
19
Agus a’ chuid eile de ghnìomharan Ierobòaim, mar a chog, agus mar a rìghich e, feuch, tha iad sgrìobhte ann an leabhar eachdraidh rìghrean Israeil.
20
Agus b’iad na làithean a rìghich Ierobòam dà bhliadhna ar fhichead; agus chaidil e maille ra athraichean, agus rìghich Nàdab a mhac na àite.
21
Agus rìghich Rehobòam mac Sholaimh ann an Iùdah. Bha Rehobòam bliadhna agus dà‑fhichead a dh’aois nuair a thòisich e air rìoghachadh; agus rìghich e seachd‐bliadhna‑deug ann an Ierusalem, am baile a thagh an Tighearna à uile threubhan Israeil, a chur a ainme an sin: agus b’e ainm a mhàthar Nàamah, ban‐Amonach.
22
Agus rinn Iùdah olc ann an sùilean an Tighearna, agus bhrosnaich iad e gu eud lem peacaidhean, a rinn iad os cionn nan uile a rinn an athraichean:
23
Oir thog iadsan mar an ceudna àitean àrda dhaibh fhèin, agus dealbhan, agus doireachan, air gach cnoc àrd, agus fo gach craoibh uaine.
24
Agus bha mar an ceudna Sòdomaich anns an tìr: rinn iadsan a rèir uile ghràinealachd nan cinneach, a thilg an Tighearna a‑mach ro chloinn Israeil.
25
Agus anns a’ chòigeamh bliadhna de rìgh Rehobòam, thàinig Sisac rìgh na h‑Eiphit a‑nìos an aghaidh Ierusaleim:
26
Agus thug e leis ionmhasan taigh an Tighearna, agus ionmhasan taigh an rìgh; bhuin e leis eadhon an t‑iomlan: agus thug e leis na sgiathan òir uile a rinn Solamh.
27
Agus rinn rìgh Rehobòam sgiathan umha nan àit, agus thug e thairis iad gu làimh ceannard an fhreiceadain a ghlèidh doras taigh an rìgh.
28
Agus nuair a chaidh an rìgh a‑steach do thaigh an Tighearna, dh’iomchair am freiceadan iad, agus thug iad air an ais iad gu seòmar an fhreiceadain.
29
Agus a’ chuid eile de ghnìomharan Rehobòaim, agus na h‑uile nithean a rinn e, nach eil iad sgrìobhte ann an leabhar eachdraidh rìghrean Iùdah?
30
Agus bha cogadh eadar Rehobòam agus Ierobòam rè an làithean uile.
31
Agus chaidil Rehobòam maille ra athraichean, agus dh’adhlaiceadh e maille ra athraichean ann am baile Dhaibhidh: agus b’e ainm a mhàthar Nàamah, ban‐Amonach. Agus rìghich Abiam a mhac na àite.
← Chapter 13
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 15 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22