bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
1 Kings 21
1 Kings 21
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 20
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 22 →
1
Agus thachair an dèidh nan nithean sin gu robh fìonlios aig Nàbot an t‑Iesreeleach, a bha ann an Iesreel, làimh ri lùchairt Ahaib rìgh Shamaria.
2
Agus labhair Ahab ri Nàbot, ag ràdh, Thoir dhòmhsa d’fhìonlios, gu bhith agam na lios luibhean, a chionn gu bheil e fagas dom thaigh, agus bheir mise dhutsa air a shon fìonlios as fheàrr na e; no mas e as taitniche leat, bheir mi dhut a luach ann an airgead.
3
Agus thubhairt Nàbot ri Ahab, Nar leigeadh Dia dhòmhsa gun tugainn oighreachd m’athraichean dhutsa.
4
Agus thàinig Ahab da thaigh dubhach agus feargach, airson an fhacail a labhair Nàbot an t‑Iesreeleach ris: oir thubhairt e, Cha toir mi dhut oighreachd m’athraichean: agus laigh e sìos air a leabaidh, agus thionndaidh e a aghaidh air falbh, agus chan itheadh e aran.
5
Ach thàinig Iesebel a bhean da ionnsaigh, agus thubhairt i ris, Carson a tha do spiorad cho dubhach, agus nach ith thu aran?
6
Agus thubhairt esan rithe, Airson gun do labhair mi ri Nàbot an t‑Iesreeleach, agus gun dubhairt mi ris, Thoir dhòmhsa d’fhìonlios air airgead; no, mas àill leat, bheir mi dhut fìonlios eile air a shon: agus thubhairt esan, Cha toir mi dhut m’fhìonlios.
7
Agus thubhairt Iesebel a bhean ris, Tha thusa a‑nis a’ stiùradh rìoghachd Israeil! Eirich, ith aran, agus biodh do chridhe subhach: bheir mise dhut fìonlios Nàboit an t‑Iesreeleach.
8
Agus sgrìobh i litrichean ann an ainm Ahaib, agus sheulaich i iad le a sheula; agus chuir i na litrichean a dh’ionnsaigh nan seanair, agus a dh’ionnsaigh nan uaislean a bha a chòmhnaidh maille ri Nàbot na bhaile.
9
Agus sgrìobh i anns na litrichean, ag ràdh, Gairmibh trasgadh, agus thugaibh air Nàbot suidhe air toiseach an t‑sluaigh:
10
Agus cuiribh dithis dhaoine, mic Bheliail, ma choinneamh, a thoirt fianais na aghaidh, ag ràdh, Mhaslaich thu Dia agus an rìgh: agus an sin thugaibh a‑mach e, agus clachaibh e, a‑chum gum faigh e bàs.
11
Agus rinn daoine a’ bhaile eadhon na seanairean, agus na h‑uaislean a chòmhnaich na bhaile, a rèir an fhios a chuir Iesebel dan ionnsaigh, a rèir an nì a bha sgrìobhte anns na litrichean a chuir i dan ionnsaigh:
12
Ghairm iad trasgadh, agus thug iad air Nàbot suidhe air toiseach an t‑sluaigh.
13
Agus thàinig dithis dhaoine, mic Bheliail, agus shuidh iad ma choinneamh: agus rinn fir Bheliail fianais na aghaidh, eadhon an aghaidh Nàboit, an làthair an t‑sluaigh, ag ràdh, Mhaslaich Nàbot Dia agus an rìgh. An sin thug iad a‑mach as a’ bhaile e, agus chlach iad e le clachan, agus fhuair e bàs.
14
Na dhèidh sin chuir iad teachdaire gu Iesebel, ag ràdh, Chlachadh Nàbot, agus tha e marbh.
15
Agus nuair a chuala Iesebel gun do chlachadh Nàbot, agus gu robh e marbh, thubhairt Iesebel ri Ahab, Eirich, gabh sealbh air fìonlios Nàboit an t‑Iesreeleach, a dhiùlt e a thoirt dhut air airgead: oir chan eil Nàbot beò, ach marbh.
16
Agus nuair a chuala Ahab gu robh Nàbot marbh, dh’èirich Ahab a dhol sìos gu fìonlios Nàboit an t‑Iesreeleach, a ghabhail seilbh ann.
17
Agus thàinig facal an Tighearna a dh’ionnsaigh Eliah an Tisbitheach, ag ràdh,
18
Eirich, falbh sìos a choinneachadh Ahaib rìgh Israeil, a tha ann an Samaria: feuch, tha e ann am fìonlios Nàboit, don deachaidh e sìos a ghabhail seilbh ann.
19
Agus labhraidh tu ris, ag ràdh, Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, An do mharbh thu, agus mar an ceudna an do ghabh thu sealbh? Agus labhraidh tu ris, ag ràdh, Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Anns an àit anns an d’imlich na madraidh fuil Nàboit, imlichidh na madraidh d’fhuil‐sa, eadhon d’fhuil‐sa.
20
Agus thubhairt Ahab ri Eliah, An d’fhuair thu mi, O mo nàmhaid? Agus thubhairt esan, Fhuair mi thu; a chionn gun do reic thu thu fhèin a dhèanamh uilc ann an sùilean an Tighearna.
21
Feuch, bheir mise olc ort, agus cuiridh mi as dod shliochd, agus gearraidh mi air falbh o Ahab esan a nì uisge ri balla, agus esan a dhruidear a‑staigh, agus a dh’fhàgar ann an Israel;
22
Agus nì mi do thaigh‐sa mar thaigh Ierobòaim mhic Nebait, agus mar thaigh Bhaasa mhic Ahiah, airson a’ bhrosnachaidh leis an do bhrosnaich thu mi gu feirg, agus leis an tug thu air Israel peacachadh.
23
Agus mar an ceudna mu Iesebel labhair an Tighearna, ag ràdh, Ithidh na madraidh Iesebel aig balla Iesreeil.
24
Esan a gheibh bàs de Ahab anns a’ bhaile ithidh na madraidh; agus esan a gheibh bàs anns a’ mhachair ithidh eunlaith an adhair.
25
Ach cha robh neach ann cosmhail ri Ahab, a reic e fhèin a dhèanamh uilc ann an sùilean an Tighearna, do bhrìgh gun do chuir a bhean Iesebel thuige e.
26
Agus rinn e nithean ro‑ghràineil ann an leantainn dhiathan brèige, a rèir nan uile nithean a rinn na h‑Amoraich, a thilg an Tighearna a‑mach ro chloinn Israeil.
27
Agus nuair a chuala Ahab na briathran sin, reub e a aodach, agus chuir e sac‐aodach air a fheòil, agus thraisg e, agus laigh e ann an sac‐aodach, agus ghluais e gu fòil.
28
Agus thàinig facal an Tighearna gu Eliah an Tisbitheach, ag ràdh,
29
Am faic thusa mar a tha Ahab ga ùmhlachadh fhèin am fhianais‐sa? A chionn gu bheil e ga ùmhlachadh fhèin am fhianais, cha toir mi an t‑olc na làithean‐san: ach ann an làithean a mhic bheir mi an t‑olc air a thaigh.
← Chapter 20
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 22 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22