bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
1 Kings 20
1 Kings 20
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 19
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 21 →
1
Agus chruinnich Ben‐hadad rìgh Shiria a shluagh uile an ceann a chèile; agus bha dà‑rìgh‐dheug ar fhichead maille ris, agus eich, agus carbadan: agus chaidh e suas agus theannaich e Samaria, agus chog e na aghaidh.
2
Agus chuir e teachdairean gu Ahab rìgh Israeil don bhaile, agus thubhairt e ris, Mar seo tha Ben‐hadad ag ràdh,
3
D’airgead agus d’òr is leamsa; do mhnathan mar an ceudna agus do chlann, eadhon a’ chuid as fheàrr dhiubh, is leamsa iad.
4
Agus fhreagair rìgh Israeil, agus thubhairt e, A rèir d’fhacail, mo thighearna a rìgh, is leat mise, agus gach nì a tha agam.
5
Agus thill na teachdairean, agus thubhairt iad, Mar seo labhair Ben‐hadad, ag ràdh, Ged chuir mi fios ad ionnsaigh, ag ràdh, D’airgead, agus d’òr agus do mhnathan, agus do chlann bheir thu dhòmhsa;
6
Gidheadh mun tràth seo a‑màireach cuiridh mi mo sheirbhisich ad ionnsaigh, agus rannsaichidh iad do thaigh, agus taighean do sheirbhiseach: agus tachraidh e, gach nì a tha taitneach dod shùilean gun cuir iad nan làimh, agus gun toir iad leo e.
7
Agus ghairm rìgh Israeil air uile sheanairean na tìre, agus thubhairt e, Thugaibh fa‑near, guidheam oirbh, agus faicibh cionnas a tha am fear seo ag iarraidh uilc; oir chuir e fios am ionnsaigh, air mo mhnathan, agus air mo chloinn, agus air m’airgead, agus air m’òr, agus cha do dhiùlt mi e.
8
Agus thubhairt na seanairean uile agus an sluagh uile ris, Na èisd ris, agus na aontaich leis.
9
Uime sin thubhairt e ri teachdairean Bhen‐hadaid, Innsibh dom thighearna, an rìgh, Gach nì air an do chuir thu fios gud òglach an toiseach, nì mi; ach an nì seo chan urrainn mi a dhèanamh. Agus dh’fhalbh na teachdairean, agus thug iad freagradh air ais da ionnsaigh.
10
Agus chuir Ben‐hadad fios da ionnsaigh, agus thubhairt e, Mar sin dèanadh na diathan riumsa, agus tuilleadh mar an ceudna, mas leòr duslach Shamaria gu làn an dòrn don t‑sluagh uile a tha gam leantainn‐sa.
11
Agus fhreagair rìgh Israeil, agus thubhairt e, Abraibh ris, Na dèanadh an tì sin uaill, a tha a’ crioslachadh a armachd uime, mar an tì a chuir dheth i.
12
Agus nuair a chuala Ben‐hadad an teachdaireachd seo, agus e fhèin agus na rìghrean ag òl anns na pàilleanan, thubhairt e ra sheirbhisich, Cuiribh sibh fhèin an òrdagh. Agus chuir iadsan iad fhèin an òrdagh an aghaidh a’ bhaile.
13
Agus, feuch, thàinig fàidh àraidh gu Ahab rìgh Israeil agus thubhairt e, Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Am faca tusa an sluagh mòr seo uile? Feuch, bheir mise ad làimh iad an‑diugh, agus bidh fhios agad gur mise an Tighearna.
14
Agus thubhairt Ahab, Cò leis? Agus thubhairt esan, Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Le òganaich uachdarain nan dùthchannan. An sin thubhairt e, Cò a chuireas an cath an òrdagh? Agus thubhairt esan, Thusa.
15
An sin ghabh e àireamh òganaich uachdarain nan dùthchannan, agus bha ann dhiubh dà cheud agus a dhà‐dheug ar fhichead: agus nan dèidh‐san ghabh e àireamh an t‑sluaigh uile, eadhon uile shluagh chloinn Israeil, seachd mìle.
16
Agus chaidh iad a‑mach mu mheadhon‐là: ach bha Ben‐hadad ag òl gus an robh e air mhisg anns na pàilleanan, e fhèin agus na rìghrean, eadhon an dà‑rìgh‐dheug ar fhichead a bha ga chòmhnadh.
17
Agus chaidh òganaich uachdarain nan dùthchannan a‑mach an toiseach: agus chuir Ben‐hadad daoine a‑mach, agus dh’innis iad dha, ag ràdh, Thàinig daoine a‑mach à Samaria.
18
Agus thubhairt esan, Mas ann gu sìth a thàinig iad a‑mach, glacaibh beò iad; no mas ann gu cogadh a thàinig iad a‑mach, glacaibh beò iad.
19
Agus thàinig iad a‑mach as a’ bhaile, òganaich uachdarain nan dùthchannan, agus an armailt a lean iad.
20
Agus mharbh gach fear dhiubh a fhear: agus theich na Sirianaich, agus ruaig Israel iad; agus chaidh Ben‐hadad rìgh Shiria as air muin eich, maille ris a’ mharc‐shluagh.
21
Agus chaidh rìgh Israeil a‑mach agus bhuail e na h‑eich, agus na carbadan, agus mharbh e na Sirianaich le àr mòr.
22
Agus thàinig am fàidh gu rìgh Israeil, agus thubhairt e ris, Falbh, neartaich thu fhèin, agus thoir fa‑near, agus faic ciod a nì thu; oir aig teachd mun cuairt na bliadhna thig rìgh Shiria a‑nìos ad aghaidh.
23
Agus thubhairt seirbhisich rìgh Shiria ris, Is diathan bheann an diathan‐san; uime sin bhuadhaich iad oirnn: ach cogamaid riu anns a’ chòmhnard, agus gun teagamh buadhaichidh sinn orrasan.
24
Agus dèan an nì seo, Thoir na rìghrean air falbh, gach fear as a àite, agus cuir ceannardan nan àite:
25
Agus dèan armailt àireamh dhut fhèin, mar an armailt a thuit agad, each air an each, agus carbad air a’ charbad; agus cogaidh sinn riu anns a’ chòmhnard, agus gu cinnteach buadhaichidh sinn orra. Agus dh’èisd e rin guth, agus rinn e mar sin.
26
Agus aig teachd mun cuairt na bliadhna ghabh Ben‐hadad àireamh nan Sirianach, agus chaidh e suas gu Aphec a chogadh ri Israel.
27
Agus chaidh clann Israeil àireamh, agus bha iad uile an làthair, agus chaidh iad nan coinneamh: agus champaich clann Israeil fan comhair, mar dhà threud bheag ghobhar: ach lìon na Sirianaich an tìr.
28
Agus thàinig duine le Dia, agus labhair e ri rìgh Israeil, agus thubhairt e, Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, A chionn gun dubhairt na Sirianaich, Is Dia bheann an Tighearna, ach chan e Dia nan gleann e; air an adhbhar sin bheir mise an sluagh lìonmhor seo uile ann ad làimh‐sa, agus bidh fhios agaibh gur mise an Tighearna.
29
Agus champaich iad mu choinneamh a chèile seachd làithean: agus air an t‑seachdamh là chuireadh an cath: agus mharbh clann Israeil de na Sirianaich ceud mìle coisiche ann an aon là.
30
Ach theich a’ chuid eile gu Aphec, don bhaile; agus an sin thuit balla air seachd‐mìle‐fichead fear de na dh’fhàgadh. Agus theich Ben‐hadad, agus thàinig e don bhaile, do sheòmar‐cùil.
31
Agus thubhairt a sheirbhisich ris, Feuch a‑nis, chuala sinn mu rìghrean taigh Israeil, gur rìghrean iochdmhor iad: cuireamaid, matà, sac‐aodach air ar leasraidh, agus cùird air ar cinn, agus rachamaid a‑mach gu rìgh Israeil; theagamh gun saor e d’anam.
32
Agus cheangail iad sac‐aodach air an leasraidh, agus chuir iad cùird air an cinn, agus thàinig iad gu rìgh Israeil, agus thubhairt iad, Tha do sheirbhiseach Ben‐hadad ag ràdh, Leig dhomh, guidheam ort, a bhith beò. Agus thubhairt esan, A bheil e fhathast beò? Is e mo bhràthair e.
33
Agus thug na daoine an aire gu furachair a dh’fheuchainn an tigeadh nì air bith uaithe, agus ghrad‐ghlac iad e; agus thubhairt iad, Do bhràthair Ben‐hadad. An sin thubhairt esan, Rachaibh, thugaibh leibh e. Agus thàinig Ben‐hadad a‑mach da ionnsaigh; agus thug e air dol suas don charbad.
34
Agus thubhairt Ben‐hadad ris, Na bailtean a thug m’athair‐sa od athair‐sa, bheir mise air an ais, agus nì thusa sràidean dhut fhèin ann an Damascas, mar a rinn m’athair‐sa ann an Samaria. An sin thubhairt Ahab, Leigidh mise air falbh thu leis a’ choicheangal seo. Mar seo rinn e coicheangal ris, agus leig e air falbh e.
35
Agus thubhairt duine àraidh de mhic nam fàidh ra choimhearsnach ann am facal an Tighearna, Buail mi, guidheam ort. Agus dhiùlt an duine a bhualadh.
36
An sin thubhairt esan ris, A chionn nach d’èisd thu ri guth an Tighearna, feuch, cho luath is a dh’fhalbhas tu uamsa, marbhaidh leòmhann thu. Agus cho luath is a dh’fhalbh e uaithe, fhuair leòmhann e, agus mharbh e e.
37
Na dhèidh sin fhuair e duine eile, agus thubhairt e, Buail mi, guidheam ort. Agus bhuail gu deimhinn an duine e, agus lot e e.
38
Agus dh’fhalbh am fàidh, agus dh’fheith e air an rìgh làimh ris an t‑slighe, agus chuir e e fhèin ann an coslas eile, le luath air a aghaidh.
39
Agus nuair a bha an rìgh a’ gabhail seachad, dh’èigh e ris an rìgh, agus thubhairt e, Chaidh d’òglach a‑steach gu meadhon a’ chatha, agus, feuch, thionndaidh duine a lethtaobh, agus thug e duine am ionnsaigh‐sa, agus thubhairt e, Glèidh am fear seo: mura bi e ra fhaotainn air chor sam bith, bidh d’anam‐sa airson a anama‑san, no dìolaidh tu tàlann airgid.
40
Agus am feadh a bha d’òglach a’ bith‐dhèanamh an seo agus an siud, cha robh esan ra fhaotainn. Agus thubhairt rìgh Israeil ris, Is ann mar seo a bhios do bhreitheanas; dh’òrdaich thu fhèin e.
41
Agus rinn e cabhag, agus chuir e an luath air falbh o a aghaidh; agus dh’aithnich rìgh Israeil e, gum b’ann de na fàidhean e.
42
Agus thubhairt e ris, Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, A chionn gun do leig thu as do làimh duine a dh’òrdaich mise gu lèirsgrios, uime sin bidh d’anam‐sa airson a anama‑san, agus do shluagh‐sa airson a shluaigh‐san.
43
Agus dh’fhalbh rìgh Israeil a dh’ionnsaigh a thaigh dubhach agus feargach, agus thàinig e gu Samaria.
← Chapter 19
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 21 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22