bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
1 Kings 19
1 Kings 19
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 18
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 20 →
1
Agus dh’innis Ahab do Iesebel na h‑uile nithean a rinn Eliah, agus cionnas a mharbh e na fàidhean uile leis a’ chlaidheamh.
2
Agus chuir Iesebel teachdaire a dh’ionnsaigh Eliah, ag ràdh, Mar sin dèanadh na diathan riumsa, agus tuilleadh mar an ceudna, mura dèan mise mun àm seo a‑màireach d’anam‐sa mar anam aoin dhiùbhsan.
3
Agus bha eagal air, agus dh’èirich e, agus dh’fhalbh e air sgàth a anama, agus thàinig e gu Beer‐sèba a bhuineas do Iùdah, agus dh’fhàg e a òglach an sin.
4
Ach chaidh e fhèin astar là don fhàsach, agus thàinig e agus shuidh e fo chraoibh aiteil, agus dh’iarr e dha fhèin bàs fhaghail, agus thubhairt e, Is leòr e; a‑nis, a Thighearna, thoir leat m’anam; oir chan fheàrr mise na m’athraichean.
5
Agus nuair a laigh e agus a chaidil e fo chraoibh aiteil, feuch an sin bhean aingeal ris, agus thubhairt e ris, Eirich, ith.
6
Agus dh’amhairc e, agus feuch, bha aig a cheann breacag a bhruitheadh air a’ ghrìosaich, agus soitheach uisge: agus dh’ith agus dh’òl e, agus laigh e sìos a‑rìs.
7
Agus thàinig aingeal an Tighearna air ais an dara uair, agus bhean e ris, agus thubhairt e, Eirich, ith; oir tha an turas mòr air do shon.
8
Agus dh’èirich esan, agus dh’ith agus dh’òl e, agus dh’imich e ann an neart a’ bhìdh sin dà‑fhichead là, agus dà‑fhichead oidhche, gu ruig Hòreb, sliabh Dhè.
9
Agus chaidh e a‑steach an sin do uaimh, agus ghabh e tàmh innte; agus, feuch, thàinig facal an Tighearna da ionnsaigh, agus thubhairt e ris, Ciod e do ghnothach an seo, Eliah?
10
Agus thubhairt esan, Bha mi ro‑eudmhor airson an Tighearna, Dia nan slògh: oir thrèig clann Israeil do choicheangal, thilg iad sìos d’altairean, agus mharbh iad d’fhàidhean leis a’ chlaidheamh; agus dh’fhàgadh mise a‑mhàin, agus tha iad ag iarraidh m’anama, a‑chum a thoirt air falbh.
11
Agus thubhairt e, Falbh a‑mach, agus seas air an t‑sliabh an làthair an Tighearna. Agus, feuch, ghabh an Tighearna seachad, agus reub gaoth mhòr agus làidir na beanntan, agus bhris i na creagan nam bloighdean ron Tighearna, ach cha robh an Tighearna anns a’ ghaoith; agus an dèidh na gaoithe crith‐thalmhainn, ach cha robh an Tighearna anns a’ chrith‐thalmhainn;
12
Agus an dèidh na crith‐thalmhainn teine, ach cha robh an Tighearna anns an teine; agus an dèidh an teine guth ciùin, caol.
13
Agus nuair a chuala Eliah e, chòmhdaich e a aghaidh le a fhallaing, agus chaidh e a‑mach, agus sheas e am beul na h‑uamha; agus, feuch, thàinig guth da ionnsaigh, agus, feuch, thubhairt e, Ciod e do ghnothach an seo, Eliah?
14
Agus thubhairt esan, Bha mi ro‑eudmhor airson an Tighearna, Dia nan slògh: oir thrèig clann Israeil do choicheangal, thilg iad sìos d’altairean, agus mharbh iad d’fhàidhean leis a’ chlaidheamh; agus dh’fhàgadh mise a‑mhàin, agus tha iad ag iarraidh m’anama, a‑chum a thoirt air falbh.
15
Agus thubhairt an Tighearna ris, Falbh, till air do shlighe gu fàsach Dhamascais; agus nuair a thig thu, ung Hasael na rìgh air Siria:
16
Agus Iehu mac Nimsi ungaidh tu na rìgh air Israel: agus Elisa mac Shaphait o Abel‐meholah ungaidh tu na fhàidh ad àite fhèin.
17
Agus tachraidh, esan a thèid as o chlaidheamh Hasaeil, gum marbh Iehu e; agus esan a thèid as o chlaidheamh Iehu, gum marbh Elisa e.
18
Gidheadh dh’fhàg mi dhomh fhèin ann an Israel seachd mìle, na glùinean uile nach do lùb iad fhèin do Bhàal, agus gach uile bheul nach tug pòg dha.
19
Agus dh’fhalbh e as a sin, agus fhuair e Elisa mac Shaphait, agus e ag àr le dà‑chuing‐dheug dhamh roimhe, agus e fhèin leis an dara‑cuing‐deug: agus chaidh Eliah thairis da ionnsaigh, agus thilg e a fhallaing air.
20
Agus dh’fhàg esan na daimh, agus ruith e an dèidh Eliah, agus thubhairt e, Leig dhomh, guidheam ort, m’athair agus mo mhàthair a phògadh, agus an sin leanaidh mi thu. Agus thubhairt esan ris, Falbh, till; oir ciod a rinn mise ort?
21
Agus thill e uaithe, agus ghabh e cuing dhamh, agus mharbh e iad, agus le acfhainn nan damh bhruith e am feòil, agus thug e don t‑sluagh i, agus dh’ith iad. An sin dh’èirich e, agus chaidh e an dèidh Eliah, agus fhritheil e dha.
← Chapter 18
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 20 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22