bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
1 Kings 22
1 Kings 22
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 21
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
1
Agus dh’fhan iad trì bliadhna gun chogadh eadar Siria agus Israel.
2
Agus anns an treas bliadhna thàinig Iehosaphat rìgh Iùdah a‑nuas gu rìgh Israeil.
3
(Agus thubhairt rìgh Israeil ra sheirbhisich, Nach eil fhios agaibh gur leinne Ramot ann an Gilead? Agus gidheadh tha sinn gun ghuth againn air a ghlacadh à làimh rìgh Shiria.)
4
Agus thubhairt e ri Iehosaphat, An tèid thu maille riumsa gu cath do Ramot‐gilead? Agus thubhairt Iehosaphat ri rìgh Israeil, Tha mise mar a tha thusa, mo shluagh‐sa mar do shluagh‐sa, m’eich‐sa mar d’eich‐sa.
5
Agus thubhairt Iehosaphat ri rìgh Israeil, Fiosraich, guidheam ort, an‑diugh de fhacal an Tighearna.
6
Uime sin chruinnich rìgh Israeil na fàidhean an ceann a chèile, mu thimcheall ceithir cheud fear, agus thubhairt e riu, An tèid mi an aghaidh Ramot‐gilead gu cath, no an leig mi leis? Agus thubhairt iadsan, Falbh suas, oir bheir an Tighearna an làimh an rìgh e.
7
Agus thubhairt Iehosaphat, Nach eil an seo fàidh tuilleadh leis an Tighearna, a‑chum gum fiosraich sinn dheth?
8
Agus thubhairt rìgh Israeil ri Iehosaphat, Tha fhathast aon fhear ann, Micaiah mac Imlah, leis an faod sinn fiosrachadh den Tighearna; ach tha fuath agam dha, oir cha mhath a chuireas e air mo mhanadh‐sa, ach olc. Agus thubhairt Iehosaphat, Na abradh an rìgh mar sin.
9
Agus ghairm rìgh Israeil air maor, agus thubhairt e, Greas an seo Micaiah mac Imlah.
10
Agus shuidh rìgh Israeil, agus Iehosaphat rìgh Iùdah, gach fear air a rìgh‐chathair fhèin, len earradh rìoghail orra, ann an àite rèidh, ann an dol a‑steach geata Shamaria, agus na fàidhean uile ri fàidheadaireachd nam fianais.
11
Agus rinn Sedeciah mac Chenaanah adhaircean iarainn dha fhèin, agus thubhairt e, Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Leo seo buailidh tu na Sirianaich, gus an cuir thu as dhaibh.
12
Agus rinn na fàidhean uile fàidheadaireachd mar seo, ag ràdh, Falbh suas gu Ramot‐gilead, agus soirbhich; oir bheir an Tighearna an làimh an rìgh e.
13
Agus an teachdaire a chaidh a ghairm Mhicaiah, labhair e ris, ag ràdh, Feuch a‑nis, tha briathran nam fàidh le aon bheul a’ foillseachadh maith don rìgh: biodh d’fhacal‐sa, guidheam ort, mar fhacal aoin dhiùbhsan, agus labhair an nì a tha math.
14
Agus thubhairt Micaiah, Mar as beò an Tighearna, an nì a their an Tighearna rium, sin labhraidh mise.
15
Agus thàinig e a dh’ionnsaigh an rìgh, agus thubhairt an rìgh ris, A Mhicaiah, an tèid sinn do Ramot‐gilead gu cath, no an leig sinn leis? Agus thubhairt esan ris, Falbh suas, agus soirbhich; oir bheir an Tighearna an làimh an rìgh e.
16
Agus thubhairt an rìgh ris, Cia lìon uair a mhionnaicheas mi thu, nach innis thu dhomh ach an fhìrinn ann an ainm an Tighearna?
17
Agus thubhairt esan, Chunnaic mi Israel uile sgapte air na slèibhtean, mar chaoraich aig nach eil buachaille: agus thubhairt an Tighearna, Chan eil maighistir orra seo: tilleadh gach fear dhiubh da thaigh fhèin ann an sìth.
18
Agus thubhairt rìgh Israeil ri Iehosaphat, Nach d’innis mi dhut nach cuireadh e math sam bith air mo mhanadh‐sa, ach olc?
19
Agus thubhairt esan, Uime sin èisd thusa ri facal an Tighearna: Chunnaic mise an Tighearna na shuidhe air a rìgh‐chathair, agus uile shlòigh nan nèamh nan seasamh làimh ris, air a làimh dheis agus air a làimh chlì.
20
Agus thubhairt an Tighearna, Cò a chuireas impidh air Ahab, a‑chum is gun tèid e suas, agus gun tuit e ann an Ramot‐gilead? Agus thubhairt aon mar seo, agus aon eile mar siud.
21
Agus thàinig spiorad a‑mach, agus sheas e am fianais an Tighearna, agus thubhairt e, Cuiridh mise impidh air.
22
Agus thubhairt an Tighearna ris, Cò leis? Agus thubhairt esan, Thèid mi a‑mach, agus bidh mi am spiorad brèige ann am beul a fhàidhean uile. Agus thubhairt e, Cuiridh tu impidh air, agus mar an ceudna buadhaichidh tu: falbh a‑mach, agus dèan mar sin.
23
A‑nis uime sin, feuch, chuir an Tighearna spiorad brèige ann am beul nam fàidh sin agad uile, agus labhair an Tighearna olc mud thimcheall.
24
Agus chaidh Sedeciah mac Chenaanah am fagas, agus bhuail e Micaiah air a ghiall, agus thubhairt e, Cia an taobh a chaidh spiorad an Tighearna uamsa a labhairt riutsa?
25
Agus thubhairt Micaiah, Feuch, chì thu anns an là air an tèid thu a‑steach do sheòmar cùil gu thu fhèin fhalach,
26
Agus thubhairt rìgh Israeil, Glacaibh Micaiah, agus thugaibh air ais e gu Amon uachdaran a’ bhaile, agus gu Iòas mac an rìgh;
27
Agus abraibh, Mar seo thubhairt an rìgh, Cuiribh am fear seo anns a’ phrìosan, agus beathaichibh e le aran airce, agus le uisge airce, gus an tig mise ann an sìth.
28
Agus thubhairt Micaiah, Ma thilleas tusa idir ann an sìth, cha do labhair an Tighearna leamsa. Agus thubhairt e, Eisdibh, a shlòigh uile.
29
Uime sin chaidh rìgh Israeil, agus Iehosaphat rìgh Iùdah, suas gu Ramot‐gilead.
30
Agus thubhairt rìgh Israeil ri Iehosaphat, Cuiridh mise mi fhèin ann an coslas eile, agus thèid mi a‑steach don chath; ach cuir thusa d’earradh rìoghail ort. Agus chuir rìgh Israeil e fhèin ann an coslas eile, agus chaidh e a‑steach don chath.
31
Ach dh’àithn rìgh Shiria don dà‑cheannard‐deug ar fhichead a bha os cionn a charbad, ag ràdh, Na cogaibh ris a’ bheag no ris a’ mhòr, ach ri rìgh Israeil na aonar.
32
Agus nuair a chunnaic ceannardan nan carbad Iehosaphat, thubhairt iad, Gu cinnteach is e seo rìgh Israeil. Agus thionndaidh iad a lethtaobh a chogadh na aghaidh: agus ghlaodh Iehosaphat a‑mach.
33
Agus nuair a chunnaic ceannardan nan carbad nach b’e rìgh Israeil a bha ann, thill iad o a leantainn.
34
Agus tharraing fear a bhogha air thuairmeis, agus bhuail e rìgh Israeil eadar uilt na lùirich: uime sin thubhairt e ra charbadair, Tionndaidh do làmh, agus thoir a‑mach as an fheachd mi; oir tha mi air mo lotadh.
35
Agus mheudaich an cath air an là sin: agus chumadh an rìgh suas na charbad an aghaidh nan Sirianach, agus fhuair e bàs mu fheasgar; agus ruith an fhuil a‑mach as an lot gu meadhon a’ charbaid.
36
Agus chaidh gairm air feadh an t‑slòigh mu laighe na grèine, ag ràdh, Gach fear da bhaile, agus gach fear da thìr fhèin.
37
Agus dh’eug an rìgh, agus thugadh do Shamaria e: agus dh’adhlaic iad an rìgh ann an Samaria.
38
Agus nigh neach an carbad ann an lochan Shamaria, agus dh’imlich na madraidh a fhuil; agus nigh iad a armachd, a rèir facal an Tighearna, a labhair e.
39
Agus a’ chuid eile de ghnìomharan Ahaib, agus na h‑uile nithean a rinn e, agus an taigh de fhiaclan elephant a thog e, agus na bailtean uile a thog e, nach eil iad sgrìobhte ann an leabhar eachdraidh rìghrean Israeil?
40
Agus chaidil Ahab maille ra athraichean, agus rìghich Ahasiah a mhac na àite.
41
Agus thòisich Iehosaphat mac Asa air rìoghachadh os cionn Iùdah anns a’ cheathramh bliadhna de Ahab rìgh Israeil.
42
Bha Iehosaphat còig‐bliadhna‑deug ar fhichead a dh’aois nuair a thòisich e air rìoghachadh, agus rìghich e còig‐bliadhna‑fichead ann an Ierusalem: agus b’e ainm a mhàthar Asubah, nighean Shilhi.
43
Agus ghluais e ann an uile shlighean Asa a athair; cha do chlaon e uapa, a’ dèanamh an nì a bha ceart ann an sùilean an Tighearna: gidheadh, cha tugadh air falbh na h‑àitean àrda, oir fhathast dh’ìobair an sluagh, agus loisg iad tùis anns na h‑àitean àrda.
44
Agus rinn Iehosaphat sìth ri rìgh Israeil.
45
Agus a’ chuid eile de ghnìomharan Iehosaphat, agus a thrèine a dh’fheuch e, agus cionnas a chog e, nach eil iad sgrìobhte ann an leabhar eachdraidh rìghrean Iùdah?
46
Agus fuidheall nan Sòdomach a dh’fhan ann an làithean Asa a athair, chuir e as an tìr.
47
Anns an àm sin cha robh rìgh ann an Edom: b’fhear‐riaghlaidh a bha na rìgh ann.
48
Rinn Iehosaphat longan Tharsis gu dol do Ophir airson òir: (ach cha deachaidh iad ann; oir bhriseadh na longan ann an Esion‐geber.)
49
Agus thubhairt Ahasiah mac Ahaib ri Iehosaphat, Rachadh mo sheirbhisich‐sa maille rid sheirbhisich‐sa anns na longan: ach cha b’àill le Iehosaphat sin.
50
Agus chaidil Iehosaphat maille ra athraichean, agus dh’adhlaiceadh e maille ra athraichean ann am baile Dhaibhidh, a athair: agus rìghich Iehoram a mhac na àite.
51
Thòisich Ahasiah mac Ahaib air rìoghachadh os cionn Israeil ann an Samaria anns an t‑seachdamh‐bliadhna‑deug de Iehosaphat rìgh Iùdah, agus rìghich e os cionn Israeil dà bhliadhna.
52
Agus rinn e olc ann an sùilean an Tighearna, agus ghluais e ann an slighe a athar, agus ann an slighe a mhàthar, agus ann an slighe Ierobòaim mhic Nebait, a thug air Israel peacachadh:
53
Oir rinn e seirbhis do Bhàal, agus shleuchd e dha, agus bhrosnaich e an Tighearna Dia Israeil gu feirg, a rèir nan uile nithean a rinn a athair.
← Chapter 21
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22