bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
1 Kings 7
1 Kings 7
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 6
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 8 →
1
Ach bha Solamh trì‐bliadhna‑deug a’ togail a thaighe fhèin, agus chrìochnaich e a thaigh uile.
2
Thog e mar an ceudna taigh frìth Lebanoin; ceud làmh‐choille a fhad, agus leth‐cheud làmh‐choille a leud, agus deich‐ar‑fhichead làmh‐choille a àirde; air ceithir sreathan de phuist sheudair, agus sailthean seudair air na puist.
3
Agus chòmhdaicheadh e le seudar os a chionn air na sailthean, a bha air dà‑fhichead agus còig puist, còig‐deug anns gach sreath.
4
Agus bha trì sreathan uinneag ann, agus solas fa chomhair solais trì uairean.
5
Agus bha na dorsan uile agus na h‑ursainnean ceithir‐cheàrnach, maille ris na h‑uinneagan: agus bha solas fa chomhair solais trì uairean.
6
Agus rinn e sgàth‐thaigh de phuist; leth‐cheud làmh‐choille a fhad, agus deich làmhan‐coille ar fhichead a leud; agus bha an sgàth‐thaigh romhpa sin; agus bha na puist eile agus na sailthean garbha romhpa.
7
Rinn e, mar an ceudna, sgàth‐thaigh na rìgh‐chathrach far am biodh e a’ tabhairt breith, eadhon sgàth‐thaigh a’ bhreitheanais: agus chòmhdaicheadh e le seudar o aon taobh den ùrlar gu ruig an taobh eile.
8
Agus aig a thaigh fhèin anns an do chòmhnaich e, bha cùirt eile an taobh a‑staigh den sgàth‐thaigh, a bha den obair cheudna. Rinn e cuideachd taigh do nighinn Phàraoh, a ghabh Solamh dha fhèin na mnaoi, cosmhail ris an sgàth‐thaigh seo.
9
Bha iad sin uile de chlachan luachmhor, a rèir tomhas chlach snaidhte, air an gearradh le sàibh a‑staigh agus a‑muigh, eadhon on bhunait gu ruig na clachan‐mullaich, agus mar sin air an taobh a‑muigh gu ruig a’ chùirt mhòr.
10
Agus bha a’ bhunait de chlachan luachmhor, de chlachan mòra; clachan anns an robh deich làmhan‐coille, agus clachan anns an robh ochd làmhan‐coille.
11
Agus gu h‑àrd bha clachan luachmhor, (a rèir tomhas chlach snaidhte,) agus seudair.
12
Agus aig a’ chùirt mhòir mun cuairt bha trì sreathan de chlachan snaidhte, agus sreath de shailthean seudair: air an dòigh cheudna aig cùirt a‑staigh taigh an Tighearna, agus aig sgàth‐thaigh an taighe.
13
Agus chuir rìgh Solamh fios, agus thug e Hiram o Thìrus.
14
Bu mhac bantraich e de threubh Naphtali, agus b’fhear o Thìrus a athair, ceàrd‐umha; agus bha e làn de ghliocas, agus de thuigse, agus de eòlas a dhèanamh gach obrach ann an umha: agus thàinig e a dh’ionnsaigh rìgh Solamh, agus rinn e a obair uile.
15
Oir dhealbh e dà phost umha: ochd làmhan‐coille deug àirde gach puist dhiubh, agus chaidh snàthainn anns an robh dà làmh‐choille dheug mun cuairt air gach post dhiubh.
16
Agus rinn e dà cheann de umha leaghte, a‑chum an cur air mullach nam post: còig làmhan‐coille àirde aon chinn, agus còig làmhan‐coille àirde a’ chinn eile.
17
Lìontan de lìon‐obair, stìoman de obair‐shlabhraidh, de na cinn a bha air mullach nam post: seachd do aon cheann, agus seachd don cheann eile.
18
Agus rinn e pomgranatan, dà shreath mun cuairt air aon lìon‐obair, a chòmhdachadh nan ceann a bha air mullach nam post: agus mar sin rinn e ris a’ cheann eile.
19
Agus bha na cinn a bha air mullach nam post de obair lili anns an sgàth‐thaigh, ceithir làmhan‐coille.
20
Agus bha cinn air an dà phost mar an ceudna gu h‑àrd, làimh ris a’ bhalg a bha air an taobh thall den lìon‐obair: agus bha dà cheud pomgranat ann, nan sreathan mun cuairt air a’ cheann eile.
21
Agus chuir e suas na puist ann an sgàth‐thaigh an teampaill: agus chuir e suas am post deas, agus thug e Iachin mar ainm air; agus chuir e suas am post clì, agus thug e Bòas mar ainm air.
22
Agus air mullach nam post bha obair lilidh: mar seo chrìochnaicheadh obair nam post.
23
Agus rinn e muir leaghte, deich làmhan‐coille o bhile gu bile; cruinn mun cuairt, agus còig làmhan‐coille a h‑àirde: agus chuartaich snàthainn dheich làmhan‐coille ar fhichead i air gach taobh.
24
Agus bha mill fo a bile ga cuartachadh mun cuairt, deich anns an làmh‐choille, a’ dol mu thimcheall na mara; thilgeadh dà shreath mheall nuair a thilgeadh i fhèin.
25
Sheas i air dà‑dhamh‐dheug, trì ag amharc gu tuath, agus trì ag amharc an iar, agus trì ag amharc gu deas, agus trì ag amharc an ear: agus chuireadh a’ mhuir orra gu h‑àrd, agus bha a’ chuid dheiridh dhiubh uile a‑staigh.
26
Agus bha leud boise air tiughad innte, agus bha a bile air a dhèanamh mar bhile cupain, le blàthan lilidh: chùm i dà mhìle bat.
27
Agus rinn e deich buinn umha: ceithir làmhan‐coille fad gach buinn, agus ceithir làmhan‐coille a leud, agus trì làmhan‐coille a àirde.
28
Agus bha obair nam bonn air an dòigh seo: bha iomaill aca, agus bha na h‑iomaill eadar na tàdhachan:
29
Agus air na h‑iomaill a bha eadar na tàdhachan bha leòmhainn, daimh, agus ceruban: agus air na tàdhachan bha mar sin gu h‑àrd: agus fo na leòmhainn agus na daimh bha ath‐leasachadh de obair thana.
30
Agus bha ceithir rothan umha aig gach bonn, agus clàir umha; agus aig a cheithir oisnean bha guaillean: fon t‑soitheach‐ionnlaid bha guaillean leaghte, aig taobh gach ath‐leasachaidh.
31
Agus bha a bheul an taobh a‑staigh den cheann, agus shuas, làmh‐choille air leud: ach bha a bheul cruinn, a rèir obair a’ bhuinn, làmh‐choille gu leth: agus mar an ceudna air a bheul bha gearraidhean, agus an iomaill ceithir‐cheàrnach, chan ann cruinn.
32
Agus bha ceithir rothan fo na h‑iomaill; agus bha mulan nan roth an greim anns a’ bhonn: agus b’e àirde gach rotha làmh‐choille gu leth.
33
Agus bha obair nan roth cosmhail ri obair roth carbaid: bha am mulan, agus an cìochan, agus an cuairsgeanan, agus an tarsannain uile leaghte.
34
Agus bha ceithir guaillean ri ceithir oisnean gach buinn; na guaillean den bhonn fhèin.
35
Agus ann am mullach a’ bhuinn, leth làmh‐choille air àirde, bha cuairt mu thimcheall: agus air mullach a’ bhuinn bha a làmhan agus a iomaill dheth fhèin.
36
Agus air clàir a làmh, agus air a iomaill, gheàrr e ceruban, leòmhainn, agus craobhan‐pailme, a rèir riochd gach aoin dhiubh, agus ath‐leasachadh mun cuairt.
37
Mar seo rinn e na deich buinn: an aon tilgeadh, an aon tomhas, an aon ghearradh aca uile.
38
Agus rinn e deich soithichean‐ionnlaid umha: chumadh gach soitheach‐ionnlaid dhiubh dà‑fhichead bat: bha ceithir làmhan‐coille anns gach soitheach‐ionnlaid: chuireadh aon soitheach‐ionnlaid air gach aon de na deich buinn.
39
Agus chuir e còig buinn air taobh na làimhe deise den taigh, agus còig air taobh na làimhe clìthe dheth: agus chuir e a’ mhuir air taobh na làimhe deise den taigh, a làimh na h‑àird an ear, fa chomhair na h‑àird a deas.
40
Agus rinn Hiram na soithichean‐ionnlaid, agus na sluasaidean, agus na cuachan: agus chuir Hiram crìoch air dèanamh na h‑obrach uile a rinn e do rìgh Solamh airson taigh an Tighearna:
41
An dà phost, agus dà chuairt nan ceann a bha air mullach an dà phuist; agus an dà lìon‐obair a chòmhdachadh dà chuairt nan ceann a bha air mullach nam post:
42
Agus ceithir cheud pomgranat don dà lìon‐obair: dà shreath phomgranat do gach lìon‐obair, a chòmhdachadh dà chuairt nan ceann a bha air na puist:
43
Agus na deich buinn, agus na deich soithichean‐ionnlaid air na buinn:
44
Agus aon mhuir, agus dà‑dhamh‐dheug fon mhuir:
45
Agus na h‑aighnean, agus na sluasaidean, agus na cuachan: agus na soithichean sin uile a rinn Hiram do rìgh Solamh airson taigh an Tighearna, bha iad de umha lìomhte.
46
Ann an còmhnard Iòrdain thilg an rìgh iad, anns an talamh chreadha eadar Sucot agus Sartan.
47
Agus dh’fhàg Solamh na soithichean uile gun chothromachadh, airson an lìonmhorachd anabarraich; cha d’fhuaireadh a‑mach cudthrom an umha.
48
Agus rinn Solamh an t‑uidheam uile a bhuineadh do thaigh an Tighearna: an altair de òr, agus am bòrd, air an robh aran na fianais, de òr:
49
Agus na coinnleirean, còig air an làimh dheis, agus còig air an làimh chlì, air beulaibh a’ ghuth‐àite, de òr fìorghlan; agus na blàthan, agus na lòchrain, agus na clobhachan, de òr:
50
Agus na cuachan, agus na smàladairean, agus na cupain, agus na spàinean, agus na tùiseirean, de òr fìorghlan: agus na lùdagain de òr, an dà chuid do dhorsan an taighe a‑staigh, eadhon an t‑ionad ro‑naomh, agus do dhorsan an taighe, eadhon an teampall.
51
Agus chrìochnaicheadh an obair uile a rinn rìgh Solamh airson taigh an Tighearna: agus thug Solamh a‑steach nithean naomhaichte Dhaibhidh a athair; eadhon an t‑airgead, agus an t‑òr, agus an t‑uidheam, chuir e am measg ionmhas taigh an Tighearna.
← Chapter 6
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 8 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22