bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
1 Kings 17
1 Kings 17
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 16
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 18 →
1
Agus thubhairt Eliah an Tisbitheach, a bha de luchd‐àiteachaidh Ghilead, ri Ahab, Mar as beò an Tighearna Dia Israeil, an làthair a bheil mise am sheasamh, cha bhi anns na bliadhnachan seo drùchd no uisge ann ach a rèir m’fhacail‐sa.
2
Agus thàinig facal an Tighearna da ionnsaigh, ag ràdh,
3
Imich as a seo, agus tionndaidh thu fhèin a làimh na h‑àird an ear, agus falaich thu fhèin aig sruth Cherit, a tha fa chomhair Iòrdain.
4
Agus òlaidh tu den t‑sruth, agus dh’àithn mise do na fithich do bheathachadh an sin.
5
Agus dh’imich e, agus rinn e a rèir facal an Tighearna; oir chaidh e, agus ghabh e còmhnaidh aig sruth Cherit, a tha fa chomhair Iòrdain.
6
Agus thug na fithich da ionnsaigh aran agus feòil anns a’ mhadainn, agus aran agus feòil anns an fheasgar; agus dh’òl e as an t‑sruth.
7
Ach an ceann tamaill thiormaich an sruth, a chionn nach robh uisge anns an tìr.
8
Agus thàinig facal an Tighearna da ionnsaigh, ag ràdh,
9
Eirich, imich gu Sarephat, as le Sìdon, agus gabh còmhnaidh an sin: feuch, dh’àithn mise do mhnaoi a tha na bantraich an sin do bheathachadh.
10
Agus dh’èirich e, agus chaidh e do Sharephat: agus nuair a thàinig e gu geata a’ bhaile, feuch, bha a’ bhantrach an sin a’ tional bhioran; agus ghairm e oirre, agus thubhairt e, Thoir am ionnsaigh, guidheam ort, beagan uisge ann an soitheach, a‑chum gun òl mi.
11
Agus nuair a bha i a’ dol ga thoirt leatha, ghlaodh e rithe, agus thubhairt e, Thoir am ionnsaigh, guidheam ort, greim arain ad làimh.
12
Agus thubhairt ise, Mar as beò an Tighearna do Dhia, chan eil breacag agam, ach làn an dùirn de mhin ann an soitheach, agus beagan ola ann an còrn: agus, feuch, tha mi a’ tional biorain no dhà, a‑chum gun tèid mi a‑steach, agus gun deasaich mi e dhomh fhèin agus dom mhac, agus gun ith sinn e, agus gum faigh sinn bàs.
13
Agus thubhairt Eliah rithe, Na biodh eagal ort; falbh, dèan a rèir d’fhacail; ach dèan dhòmhsa dhiubh sin breacag bheag an toiseach, agus thoir am ionnsaigh i, agus dhut fhèin agus dod mhac deasaich na dhèidh sin:
14
Oir mar seo tha an Tighearna Dia Israeil ag ràdh, Cha chaithear an soitheach mine, agus cha teirig an còrn ola, gus an là anns an cuir an Tighearna uisge air aghaidh na talmhainn.
15
Agus dh’fhalbh i, agus rinn i a rèir facal Eliah: agus dh’ith ise, agus esan, agus a taigh rè mòrain de làithean.
16
Cha do chaitheadh an soitheach mine, agus cha do theirig an còrn ola, a rèir facal an Tighearna, a labhair e le làimh Eliah.
17
Agus thachair an dèidh nan nithean sin gun d’fhàs mac na mnà, eadhon bean an taighe, gu tinn; agus bha a thinneas cho trom is nach d’fhàgadh anail ann.
18
Agus thubhairt i ri Eliah, Ciod e mo ghnothach‐sa riut, a dhuine le Dia? An tàinig thu am ionnsaigh a chur mo pheacaidh an cuimhne, agus a mharbhadh mo mhic?
19
Agus thubhairt esan rithe, Thoir dhòmhsa do mhac. Agus ghlac e as a h‑uchd e, agus thug e suas e do sheòmar uachdarach, anns an robh e fhèin a’ fantainn, agus chuir e na laighe air a leabaidh fhèin e.
20
Agus dh’èigh e ris an Tighearna, agus thubhairt e, A Thighearna mo Dhia, an tug thu mar an ceudna olc air a’ bhantraich aig a bheil mi air aoigheachd, le a mac a mharbhadh?
21
Agus shìn e e fhèin air an leanabh trì uairean, agus dh’èigh e ris an Tighearna, agus thubhairt e, A Thighearna mo Dhia, thigeadh, guidheam ort, anam an leinibh seo a‑steach ann a‑rìs.
22
Agus dh’èisd an Tighearna ri guth Eliah; agus thàinig anam an leinibh a‑steach ann a‑rìs, agus dh’ath‐bheothaicheadh e.
23
Agus ghlac Eliah an leanabh, agus thug e sìos e as an t‑seòmar uachdarach don taigh, agus thug e da mhàthair e: agus thubhairt Eliah, Feuch, tha do mhac beò.
24
Agus thubhairt a’ bhean ri Eliah, A‑nis le seo tha fhios agam gur duine le Dia thu, agus gur fìrinn facal an Tighearna ann ad bheul.
← Chapter 16
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 18 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22