bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
1 Kings 5
1 Kings 5
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 4
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 6 →
1
Agus chuir Hiram, rìgh Thìruis, a sheirbhisich a dh’ionnsaigh Sholaimh, nuair a chuala e gun d’ungadh e na rìgh an àit a athar: oir bha spèis aig Hiram do Dhaibhidh rè a uile làithean.
2
Agus chuir Solamh fios gu Hiram, ag ràdh,
3
Tha fhios agad cionnas nach b’urrainn m’athair Daibhidh taigh a thogail do ainm an Tighearna a Dhia, airson a’ chogaidh leis an do chuartaich a naimhdean e, gus an do chuir an Tighearna iad fo bhonnan a chas.
4
Ach a‑nis thug an Tighearna mo Dhia fois dhòmhsa air gach taobh: chan eil nàmhaid air bith ann, no droch thuiteamas.
5
Agus, feuch, tha mi a’ cur romham taigh a thogail do ainm an Tighearna mo Dhia, mar a labhair an Tighearna rim athair Daibhidh, ag ràdh, Do mhac a chuireas mise ann ad àit air do rìgh‐chathair, togaidh esan taigh dom ainm‐sa.
6
A‑nis uime sin, àithn thusa gun geàrr iad dhòmhsa craobhan seudair à Lebanon; agus bidh mo sheirbhisich‐sa maille rid sheirbhisich‐sa: agus tuarasdal do sheirbhiseach bheir mise dhut, a rèir gach nì a dh’ainmicheas tu: oir tha fhios agad nach eil nar measg‐ne duine don aithne fiodh a ghearradh mar na Sìdonaich.
7
Agus nuair a chuala Hiram briathran Sholaimh, bha aoibhneas mòr air, agus thubhairt e, Guma beannaichte an Tighearna an‑diugh, a thug do Dhaibhidh mac glic os cionn an t‑sluaigh lìonmhoir seo.
8
Agus chuir Hiram fios gu Solamh, ag ràdh, Chuala mi na nithean mun do chuir thu fios am ionnsaigh: nì mi d’uile thoil a‑thaobh nan craobh seudair agus a‑thaobh nan craobh giuthais.
9
Bheir mo sheirbhisich sìos iad o Lebanon a dh’ionnsaigh na mara: agus cuiridh mi air falbh iad nan ràthan air muir, gu ruig an t‑àit a shònraicheas tu dhomh, agus cuiridh mi air tìr iad an sin, agus bheir thusa leat iad; agus nì thu mo riar ann am biadh a thabhairt dom theaghlach.
10
Mar sin thug Hiram do Sholamh fiodh seudair, agus fiodh giuthais, a rèir a uile thoile.
11
Agus thug Solamh do Hiram fichead mìle tomhas cruithneachd mar lòn da theaghlach, agus fichead tomhas de ola fhìorghlain: mar seo thug Solamh do Hiram o bhliadhna gu bliadhna.
12
Agus thug an Tighearna gliocas do Sholamh, mar a gheall e dha: agus bha sìth eadar Hiram agus Solamh, agus rinn iad coicheangal ri chèile.
13
Agus rinn rìgh Solamh togail dhaoine à Israel uile; agus b’i an togail deich‐mìle‐fichead fear.
14
Agus chuir e iad do Lebanon, deich mìle anns a’ mhìos mu seach: mìos bha iad ann an Lebanon, agus dà mhìos nan taighean fhèin: agus bha Adoniram air ceann na togail.
15
Agus bha aig Solamh deich agus trì‐fichead mìle fear‐iomchair eallaich, agus ceithir‐fichead mìle fear‐gearraidh anns a’ bheinn;
16
A thuilleadh air àrd luchd‐dreuchd Sholaimh, a bha os cionn na h‑obrach, trì mìle agus trì cheud, aig an robh uachdaranachd air an t‑sluagh a bha a’ dèanamh na h‑obrach.
17
Agus dh’àithn an rìgh, agus thug iad leo clachan mòra, clachan luachmhor, a shuidheachadh bunait an taighe, clachan snaidhte.
18
Agus shnaidh clachairean Sholaimh, agus clachairean Hiraim, agus na gearradairean‐chlach iad: mar sin rè trì bliadhna dheasaich iad fiodh agus clachan a thogail an taighe.
← Chapter 4
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 6 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22