bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
1 Kings 3
1 Kings 3
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 2
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 4 →
1
Agus rinn Solamh cleamhnas ri Phàraoh rìgh na h‑Eiphit, agus ghabh e nighean Phàraoh, agus thug e i do bhaile Dhaibhidh, gus an do chuir e crìoch air a thaigh fhèin a thogail, agus taigh an Tighearna, agus balla Ierusaleim mun cuairt.
2
Ach dh’ìobair an sluagh air àitean àrda, do bhrìgh nach do thogadh taigh do ainm an Tighearna gus na làithean sin.
3
Agus ghràdhaich Solamh an Tighearna, ag imeachd ann an òrdaighean Dhaibhidh a athair: ach ann an àitean àrda dh’ìobair e agus loisg e tùis.
4
Agus chaidh an rìgh do Ghibeon a dh’ìobradh an sin, oir b’e sin am mòr‐àit àrd: mìle ìobairt‐loisgte thug Solamh suas air an altair sin.
5
Ann an Gibeon thaisbein an Tighearna e fhèin do Sholamh ann an aisling na h‑oidhche; agus thubhairt Dia, Iarr ciod as àill leat mi thabhairt dhut.
6
Agus thubhairt Solamh, Nochd thu dod òglach, Daibhidh m’athair, coibhneas mòr, a rèir mar a dh’imich e ad fhianais ann am fìrinn, agus ann an ionracas, agus ann an treibhdhireas cridhe maille riut; agus ghlèidh thu dha an coibhneas mòr seo, gun tug thu dha mac a shuidhe air a rìgh‐chathair, mar a tha e an‑diugh.
7
Agus a‑nis, a Thighearna mo Dhia, rinn thu d’òglach na rìgh an àite Dhaibhidh m’athair; agus mise am leanabh beag, do nach aithne dol a‑mach no teachd a‑steach.
8
Agus tha d’òglach am meadhon do shluaigh a thagh thu, sluagh lìonmhor, nach eil e an comas àireamh no a mheas aig an lìonmhorachd.
9
Thoir uime sin dod òglach cridhe tuigseach a thoirt breith air do shluagh, gu dealachadh a chur eadar am math agus an t‑olc; oir cò as urrainn breith a thabhairt air do shluagh seo a tha cho mòr?
10
Agus bha e na nì taitneach leis an Tighearna gun d’iarr Solamh an nì seo.
11
Agus thubhairt Dia ris, A chionn gun d’iarr thu an nì seo, agus nach d’iarr thu dhut fhèin saoghal fada, agus nach d’iarr thu dhut fhèin saoibhreas, agus nach d’iarr thu anam do naimhdean, ach gun d’iarr thu dhut fhèin tuigse a dhèanamh breitheanais,
12
Feuch, rinn mise a rèir do bhriathran: feuch, thug mi dhut cridhe glic agus tuigseach, air chor is nach robh neach air bith romhad cosmhail riut, agus nach mò a dh’èireas ad dhèidh neach air bith cosmhail riut.
13
Agus mar an ceudna, thug mi dhut an nì nach d’iarr thu, araon saoibhreas agus cliù, air chor is nach bi duine cosmhail riut am measg nan rìgh rè do làithean uile.
14
Agus ma dh’imicheas tu ann am shlighean‐sa, a ghleidheadh mo reachdan, agus m’àitheantan, mar a dh’imich Daibhidh d’athair, an sin nì mi do làithean fada.
15
Agus mhosgail Solamh, agus, feuch, b’aisling a bha ann agus thàinig e gu Ierusalem, agus sheas e am fianais àirc coicheangal an Tighearna, agus thug e suas ìobairtean‐loisgte, agus dh’ìobair e ìobairtean‐sìth, agus rinn e cuirm da sheirbhisich uile.
16
An sin thàinig dithis bhan, a bha nan strìopaichean, a dh’ionnsaigh an rìgh, agus sheas iad na làthair.
17
Agus thubhairt bean dhiubh, O mo thighearna, tha mise agus a’ bhean seo a’ gabhail còmhnaidh ann an aon taigh, agus dh’aiseadadh mise maille rithe anns an taigh.
18
Agus air an treas là an dèidh dhòmhsa a bhith air m’aisead, dh’aiseadadh a’ bhean seo mar an ceudna, agus bha sinn cuideachd; cha robh coigreach sam bith maille rinn anns an taigh, ach sinn fhèin nar dithis anns an taigh.
19
Agus dh’eug mac na mnà seo anns an oidhche, a chionn gun do laigh i air.
20
Agus dh’èirich i mu mheadhon‐oidhche, agus thug i mo mhac‐sa om thaobh, am feadh a bha do bhanoglach na cadal, agus chuir i na laighe e na h‑uchd fhèin, agus chuir i a mac marbh fhèin na laighe ann am uchd‐sa.
21
Agus dh’èirich mi anns a’ mhadainn a thoirt cìche dom mhac, agus, feuch, bha e marbh. Ach nuair a thug mi an aire dha anns a’ mhadainn, feuch, cha b’e mo mhac‐sa a bha ann, a rug mi.
22
Agus thubhairt a’ bhean eile, Chan eadh; ach is e mo mhac‐sa a tha beò, agus is e do mhac‐sa a tha marbh: agus thubhairt ise, Chan eadh; ach is e do mhac‐sa a tha marbh, agus is e mo mhac‐sa a tha beò. Mar seo labhair iad am fianais an rìgh.
23
An sin thubhairt an rìgh, Tha i seo ag ràdh, Is e seo mo mhac‐sa a tha beò, agus is e do mhac‐sa a tha marbh: agus tha i siud ag ràdh, Chan eadh; ach is e do mhac‐sa a tha marbh, agus is e mo mhac‐sa a tha beò.
24
Agus thubhairt an rìgh, Thugaibh dhomh claidheamh. Agus thug iad claidheamh am fianais an rìgh.
25
Agus thubhairt an rìgh, Roinnibh am mac beò na dhà leth, agus thugaibh leth do aon mhnaoi, agus leth don mhnaoi eile.
26
An sin labhair a’ bhean lem bu leis am mac beò ris an rìgh, (oir theòdh a cridhe ra mac,) agus thubhairt i, O mo thighearna, thugaibh dhise an leanabh beò, agus na marbhaibh idir e: ach thubhairt a’ bhean eile, Na biodh e agamsa no agadsa, ach roinnibh e.
27
An sin fhreagair an rìgh, agus thubhairt e, Thugaibh dhise an leanabh beò, agus na marbhaibh idir e: is ise a mhàthair.
28
Agus chuala Israel uile a bhreith a thug an rìgh, agus bha eagal orra ron rìgh; oir chunnaic iad gu robh gliocas Dhè ann, a dhèanamh breitheanais.
← Chapter 2
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 4 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22