bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
1 Kings 15
1 Kings 15
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 14
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 16 →
1
A‑nis anns an ochdamh‐bliadhna‑deug de rìgh Ierobòam mac Nebait, rìghich Abiam os cionn Iùdah.
2
Trì bliadhna rìghich e ann an Ierusalem: agus b’e ainm a mhàthar Maachah nighean Abisaloim.
3
Agus ghluais e ann an uile pheacaidhean a athar, a rinn e roimhe: agus cha robh a chridhe iomlan leis an Tighearna a Dhia, mar a bha cridhe Dhaibhidh, a athair.
4
Gidheadh, air sgàth Dhaibhidh thug an Tighearna a Dhia lòchran dha ann an Ierusalem, a chur a mhic suas na dhèidh, agus a dhaingneachadh Ierusaleim:
5
A chionn gun do rinn Daibhidh an nì a bha ceart ann an sùilean an Tighearna, agus nach do chlaon e o na h‑uile nithean a dh’àithn e dha rè uile làithean a bheatha, ach a‑mhàin an cùis Uriah an t‑Hiteach.
6
Agus bha cogadh eadar Rehobòam agus Ierobòam rè uile làithean a bheatha.
7
A‑nis a’ chuid eile de ghnìomharan Abiaim, agus na h‑uile nithean a rinn e, nach eil iad sgrìobhte ann an leabhar eachdraidh rìghrean Iùdah? Agus bha cogadh eadar Abiam agus Ierobòam.
8
Agus chaidil Abiam maille ra athraichean; agus dh’adhlaic iad e ann am baile Dhaibhidh: agus rìghich Asa a mhac na àite.
9
Agus anns an fhicheadamh bliadhna de Ierobòam rìgh Israeil, rìghich Asa os cionn Iùdah.
10
Agus bliadhna agus dà‑fhichead rìghich e ann an Ierusalem: agus b’e ainm a mhàthar Maachah, nighean Abisaloim.
11
Agus rinn Asa an nì a bha ceart ann an sùilean an Tighearna, mar a rinn Daibhidh a athair.
12
Agus dh’fhuadaich e na Sòdomaich as an tìr, agus chuir e air falbh na dealbhan uile a rinn a athraichean.
13
Agus mar an ceudna Maachah a mhàthair, chuir e eadhon ise o bhith na bànrighinn, a chionn gun do rinn i dealbh uamhasach ann an doire: agus sgrios Asa a dealbh uamhasach, agus loisg e e aig sruth Chidroin.
14
Ach cha do chuireadh as do na h‑àitean àrda: gidheadh, bha cridhe Asa iomlan leis an Tighearna rè a làithean uile.
15
Agus thug e a‑steach na nithean a naomhaich a athair, agus na nithean a naomhaich e fhèin, do thaigh an Tighearna, airgead, agus òr, agus soithichean.
16
Agus bha cogadh eadar Asa agus Baasa rìgh Israeil, rè an làithean uile.
17
Agus chaidh Baasa rìgh Israeil suas an aghaidh Iùdah, agus thog e Ramah, a‑chum nach leigeadh e le neach air bith dol a‑mach no teachd a‑steach gu Asa rìgh Iùdah.
18
Agus ghabh Asa an t‑airgead agus an t‑òr uile a dh’fhàgadh ann an ionmhasan taigh an Tighearna, agus ann an ionmhasan taigh an rìgh, agus thug e iad an làimh a sheirbhiseach: agus chuir rìgh Asa iad gu Ben‐hadad mac Thabrimoin mhic Hesioin rìgh Shiria, a bha a chòmhnaidh ann an Damascas, ag ràdh,
19
Tha coicheangal eadar mise agus thusa, agus eadar m’athair‐sa agus d’athair‐sa: feuch, chuir mi ad ionnsaigh tìodhlac airgid agus òir; thig agus bris do choicheangal ri Baasa rìgh Israeil, a‑chum gum falbh e uam.
20
Agus dh’èisd Ben‐hadad ri rìgh Asa, agus chuir e ceannardan nan armailtean a bha aige, an aghaidh bailtean Israeil, agus bhuail e Iion, agus Dan, agus Abel‐bet‐maacah, agus Chinerot uile, maille ri tìr Naphtali uile.
21
Agus nuair a chuala Baasa sin, sguir e de thogail Ramah, agus ghabh e còmhnaidh ann an Tirsah.
22
An sin thug rìgh Asa gairm air feadh Iùdah uile (cha robh neach air bith saor), agus thug iad leo clachan Ramah, agus a fhiodh, leis an do thog Baasa e; agus thog rìgh Asa leo Gebha Bheniàmin, agus Mispah.
23
Agus a’ chuid eile de uile ghnìomharan Asa, agus a neart uile, agus gach nì a rinn e, agus na bailtean a thog e, nach eil iad sgrìobhte ann an leabhar eachdraidh rìghrean Iùdah? Gidheadh, an àm a sheann aoise bha eucail na chasan.
24
Agus chaidil Asa maille ra athraichean, agus dh’adhlaiceadh e maille ra athraichean ann am baile Dhaibhidh a athair: agus rìghich a mhac Iehosaphat na àite.
25
Agus thòisich Nàdab mac Ierobòaim air rìoghachadh os cionn Israeil anns an dara bliadhna de Asa rìgh Iùdah; agus rìghich e os cionn Israeil dà bhliadhna.
26
Agus rinn e olc ann an sùilean an Tighearna, agus ghluais e ann an slighe a athar, agus na pheacadh leis an tug e air Israel peacachadh.
27
Agus rinn Baasa mac Ahiah, de thaigh Asachair, ceannairc na aghaidh: agus bhuail Baasa e làimh ri Gibeton, a bhuineas do na Philistich, nuair a bha Nàdab agus Israel uile a’ teannachadh Ghibetoin.
28
Mar seo mharbh Baasa e anns an treas bliadhna de Asa rìgh Iùdah, agus rìghich e na àite.
29
Agus nuair a rìghich e, bhuail e taigh Ierobòaim uile; cha d’fhàg e neach air bith anns an robh anail aig Ierobòam, gus an do sgrios e e, a rèir facal an Tighearna, a labhair e le làimh a sheirbhisich Ahiah an Silonach:
30
Airson peacaidhean Ierobòaim a pheacaich e agus leis an tug e air Israel peacachadh; airson a’ bhrosnachaidh leis an do bhrosnaich e an Tighearna Dia Israeil gu feirg.
31
Agus a’ chuid eile de ghnìomharan Nàdaib, agus na h‑uile nithean a rinn e, nach eil iad sgrìobhte ann an leabhar eachdraidh rìghrean Israeil?
32
Agus bha cogadh eadar Asa agus Baasa rìgh Israeil rè an làithean uile.
33
Anns an treas bliadhna de Asa rìgh Iùdah, thòisich Baasa mac Ahiah air rìoghachadh os cionn Israeil uile ann an Tirsah; agus rìghich e ceithir‐bliadhna‑fichead.
34
Agus rinn e olc ann an sùilean an Tighearna, agus ghluais e ann an slighe Ierobòaim, agus na pheacadh leis an tug e air Israel peacachadh.
← Chapter 14
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 16 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22