bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
1 Kings 9
1 Kings 9
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 8
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 10 →
1
Agus nuair a chuir Solamh crìoch air taigh an Tighearna, agus taigh an rìgh a thogail, agus uile mhiann Sholaimh a bu taitneach leis a dhèanamh,
2
Dh’fhoillsich an Tighearna e fhèin do Sholamh an dara uair, mar a dh’fhoillsich e e fhèin dha ann an Gibeon.
3
Agus thubhairt an Tighearna ris, Chuala mi d’ùrnaigh agus d’athchuinge a chuir thu suas am fhianais: naomhaich mi an taigh seo a thog thu, a chur m’ainme an sin gu bràth; agus bidh mo shùilean agus mo chridhe an sin gach là.
4
Agus ma ghluaiseas tusa ann am fhianais, mar a ghluais Daibhidh d’athair, ann an iomlanachd cridhe, ann an ionracas, a dhèanamh a rèir nan uile nithean a dh’àithn mise dhut, agus gun glèidh thu mo reachdan agus mo bhreitheanais;
5
An sin daingnichidh mise cathair do rìoghachd air Israel gu bràth, mar a labhair mi ri Daibhidh d’athair, ag ràdh, Cha bhi thu gun duine air rìgh‐chathair Israeil.
6
Ach ma thionndaidheas sibh da‑rìribh om leantainn‐sa, sibh fhèin agus ur clann, agus nach glèidh sibh m’àitheantan agus mo reachdan a chuir mi romhaibh, ach gum falbh sibh agus gun dèan sibh seirbhis do dhiathan eile, agus gun sleuchd sibh dhaibh;
7
An sin gearraidh mise Israel as bhàrr aghaidh an fhearainn a thug mi dhaibh: agus an taigh seo a naomhaich mi dom ainm fhèin, tilgidh mi as mo shealladh, agus bidh Israel na ghnàth‐fhacal agus na leth‐fhacal am measg nan uile shluagh:
8
Agus an taigh seo a bha cho àrd, gach neach a ghabhas seachad air, bidh ioghnadh air, agus nì e sgeig; agus their iad, Carson a rinn an Tighearna mar seo ris an tìr seo, agus ris an taigh seo?
9
Agus freagraidh iad, A chionn gun do thrèig iad an Tighearna an Dia, a thug a‑mach an athraichean à tìr na h‑Eiphit, agus gun do ghabh iad dan ionnsaigh diathan eile, agus gun do shleuchd iad dhaibh, agus gun do rinn iad seirbhis dhaibh; uime sin thug an Tighearna orra an t‑olc seo uile.
10
Agus an ceann fichead bliadhna, anns an do thog Solamh an dà thaigh, taigh an Tighearna agus taigh an rìgh,
11
A chionn gun tug Hiram rìgh Thìruis seachad do Sholamh fiodh seudair agus fiodh giuthais, agus òr gu a uile thoil, an sin thug rìgh Solamh do Hiram fichead baile ann an tìr Ghalile.
12
Agus thàinig Hiram a‑mach à Tìrus a dh’fhaicinn nam bailtean a thug Solamh dha; ach cha do thaitinn iad ris.
13
Agus thubhairt e, Ciod iad na bailtean sin a thug thu dhomh, a bhràthair? Agus thugadh fearann Chabuil mar ainm orra gus an là‑an‑diugh.
14
Agus chuir Hiram a dh’ionnsaigh an rìgh sia fichead tàlann òir.
15
Agus is e seo adhbhar na cìse a thog rìgh Solamh a thogail taigh an Tighearna, agus a thaighe fhèin, agus Mhilo, agus balla Ierusaleim, agus Hasoir, agus Mhegido, agus Ghèseir.
16
Chaidh Phàraoh rìgh na h‑Eiphit suas, agus ghlac e Gèser, agus loisg e e le teine, agus mharbh e na Canàanaich a bha a chòmhnaidh anns a’ bhaile, agus thug e e mar thìodhlac da nighinn, bean Sholaimh.
17
Agus thog Solamh Gèser, agus Bet‐horon ìochdarach,
18
Agus Bàalat, agus Tadmor anns an fhàsach, anns an tìr,
19
Agus na h‑uile bhailtean ionmhais a bha aig Solamh, agus bailtean a charbad, agus bailtean a mharc‐shluaigh, agus miann Sholaimh a mhiannaich e a thogail ann an Ierusalem, agus ann an Lebanon, agus ann an tìr a thighearnais uile.
20
Agus an sluagh uile a dh’fhàgadh beò de na h‑Amoraich, de na Hitich, de na Peridsich, de na Hibhich, agus de na h‑Iebusaich, nach robh de chloinn Israeil;
21
An clann a dh’fhàgadh nan dèidh anns an tìr, nach b’urrainn clann Israeil a sgrios gu tur, dhiùbhsan thog Solamh daor‐chìs gus an là‑an‑diugh.
22
Ach de chloinn Israeil, cha do rinn Solamh tràill sam bith: ach bha iad nam fir‐chogaidh, agus nan seirbhisich aige, agus nan uachdarain, agus nan ceannardan, agus nan riaghlairean a charbad, agus a mharc‐shluaigh.
23
B’iad seo uachdarain an luchd‐dreuchd a bha os cionn obair Sholaimh, còig ceud agus leth‐cheud, a riaghail os cionn an t‑sluaigh a dh’obraich anns an obair.
24
Ach chaidh nighean Phàraoh suas à baile Dhaibhidh da taigh fhèin, a thog Solamh dhi: an sin thog e Milo.
25
Agus dh’ìobair Solamh trì uairean anns a’ bhliadhna ìobairtean‐loisgte, agus ìobairtean‐sìthe air an altair a thog e don Tighearna, agus loisg e tùis air an altair a bha am fianais an Tighearna: agus chrìochnaich e an taigh.
26
Agus rinn rìgh Solamh luingeas ann an Esion‐geber, a tha làimh ri Elot, air tràigh na mara ruaidhe, ann an tìr Edoim.
27
Agus chuir Hiram anns an luingeas a òglaich fhèin, maraichean aig an robh eòlas na fairge, maille ri òglaich Sholaimh.
28
Agus thàinig iad gu Ophir, agus thug iad as a sin òr, ceithir cheud agus fichead tàlann, agus thug iad gu rìgh Solamh e.
← Chapter 8
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 10 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22