bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
1 Kings 6
1 Kings 6
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 5
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 7 →
1
Agus anns a’ cheathramh ceud agus an ceathramh‐fichead bliadhna o theachd chloinn Israeil a‑mach à tìr na h‑Eiphit, anns a’ cheathramh bliadhna de rìoghachadh Sholaimh os cionn Israeil, anns a’ mhìos Siph, (is e sin an dara mìos,) thòisich e air taigh a thogail don Tighearna.
2
Agus an taigh a thog rìgh Solamh don Tighearna, b’e trì‐fichead làmh‐choille a fhad, agus fichead làmh‐choille a leud, agus deich‐ar‑fhichead làmh‐choille a àirde.
3
Agus an sgàth‐thaigh air beulaibh teampall an taighe, b’e fichead làmh‐choille a fhad, a rèir leud an taighe; agus deich làmhan‐coille a leud, air beulaibh an taighe.
4
Agus rinn e don taigh uinneagan solais air an tarraing cumhang.
5
Agus thog e ri balla an taighe seòmraichean mun cuairt, ri ballachan an taighe mun cuairt, araon an teampaill agus a’ ghuth‐àit; agus rinn e frith‐sheòmraichean mun cuairt.
6
Bha an seòmar ìochdarach còig làmhan‐coille air leud, agus an seòmar meadhonach sia làmhan‐coille air leud, agus an treas seòmar seachd làmhan‐coille air leud, oir thug e a‑steach balla an taighe mun cuairt on taobh a‑muigh, air chor is nach rachadh na sailthean an greim ann am balla an taighe.
7
Agus nuair a bha an taigh ga thogail, thogadh e de chlachan air an cumadh mun tugadh da ionnsaigh iad: agus cha chualas òrd no tuagh, no inneal iarainn sam bith, anns an taigh, nuair a bha e ga thogail.
8
Bha doras an t‑seòmair mheadhonaich air taobh deas an taighe: agus air staidhrichean snìomhainn chaidh iad suas don t‑seòmar mheadhonach don treas seòmar.
9
Mar seo thog e an taigh, agus chrìochnaich e e; agus chòmhdaich e an taigh le sailthean agus le clàir seudair.
10
Agus thog e seòmraichean ris an taigh uile, còig làmhan‐coille air àirde: agus leig iad an cudthrom air an taigh le fiodh seudair.
11
Agus thàinig facal an Tighearna gu Solamh, ag ràdh,
12
A‑thaobh an taighe seo a tha thu a’ togail, ma ghluaiseas tu ann am reachdan‐sa, agus ma chuireas tu mo bhreitheanais an gnìomh, agus ma ghleidheas tu m’àitheantan uile le gluasad annta: an sin coileanaidh mise m’fhacal dhut, a labhair mi ri Daibhidh d’athair:
13
Agus gabhaidh mi còmhnaidh am meadhon chloinn Israeil, agus cha trèig mi mo shluagh Israel.
14
Mar sin thog Solamh an taigh agus chrìochnaich e e.
15
Agus thog e ballachan an taighe air an taobh a‑staigh le clàir seudair, o ùrlar an taighe gu ruig mullach nam ballachan chòmhdaich e iad le fiodh a‑staigh: agus chòmhdaich e ùrlar an taighe le clàir giuthais.
16
Agus thog e fichead làmh‐choille ri taobhan an taighe le clàir seudair, on ùrlar gu ruig mullach nam ballachan; agus thog e dha iad air an taobh a‑staigh, eadhon don ghuth‐àit, don ionad ro‑naomh.
17
Agus bha an taigh, sin ri ràdh, an teampall air a bheulaibh, dà‑fhichead làmh‐choille air fad.
18
Agus bha seudar an taighe air an taobh a‑staigh geàrrte le cnapan, agus blàthan fosgailte: bu sheudar an t‑iomlan; cha robh clach ra faicinn.
19
Agus dh’ullaich e an guth‐àit anns an taigh a‑staigh, a chur an sin àirc coicheangal an Tighearna.
20
Agus ann an taobh‐beòil a’ ghuth‐àit bha fichead làmh‐choille air fad, agus fichead làmh‐choille air leud, agus fichead làmh‐choille air àirde; agus chòmhdaich e e le òr fìorghlan: chòmhdaich e cuideachd an altair le seudar.
21
Agus chòmhdaich Solamh an taigh a‑staigh le òr fìorghlan: agus rinn e balla‑dealachaidh le slabhraidhean òir air beulaibh a’ ghuth‐àit, agus chòmhdaich e le òr e.
22
Agus chòmhdaich e an taigh uile le òr, gus an do chrìochnaicheadh an taigh uile: mar an ceudna an altair uile, a bha làimh ris a’ ghuth‐àit, chòmhdaich e le òr.
23
Agus rinn e anns a’ ghuth‐àit dà cherub de chrann‐ola, gach aon dhiubh deich làmhan‐coille air àirde.
24
Agus bha còig làmhan‐coille ann an aon sgèith a’ cheruib, agus còig làmhan‐coille ann an sgèith eile a’ cheruib: bha deich làmhan‐coille o bhàrr aon sgèith aige gu bàrr a sgèith eile.
25
Agus bha deich làmhan‐coille anns a’ cherub eile: bha an aon tomhas agus an aon mheud anns an dà cherub.
26
B’e àirde aon cheruib deich làmhan‐coille, agus mar sin bha àirde a’ cheruib eile.
27
Agus chuir e na ceruban anns an taigh a b’fhaide a‑staigh; agus shìn na ceruban an sgiathan a‑mach, air chor is gun do bhean sgiath aon cheruib ri aon bhalla, agus sgiath a’ cheruib eile ris a’ bhalla eile; agus bhean an sgiathan ri chèile ann am meadhon an taighe.
28
Agus chòmhdaich e na ceruban le òr.
29
Agus bhreac e ballachan an taighe uile mun cuairt le dealbhan geàrrte cheruban, agus chraobhan‐pailme, agus bhlàthan fosgailte, a‑staigh agus a‑muigh.
30
Agus ùrlar an taighe chòmhdaich e le òr, a‑staigh agus a‑muigh.
31
Agus do dhoras a’ ghuth‐àit rinn e còmhlachan de chrann‐ola: bha an t‑àrd‐dhoras agus na h‑ursainnean còig‐oisneach.
32
Bha an dà chòmhla mar an ceudna de chrann‐ola; agus gheàrr e orra dealbhan cheruban, agus chraobhan‐pailme, agus bhlàthan fosgailte, agus chòmhdaich e le òr iad; agus sgaoil e òr air na ceruban, agus air na craobhan‐pailme.
33
Agus air an dòigh cheudna rinn e do dhoras an teampaill ursainnean de chrann‐ola, ceithir‐cheàrnach.
34
Agus bha an dà chòmhla de fhiodh giuthais; bha dà dhuilleig aon chòmhlaidh a’ filleadh, agus dà dhuilleig a’ chòmhlaidh eile a’ filleadh.
35
Agus gheàrr e orra ceruban, agus craobhan‐pailme, agus blàthan‐fosgailte: agus chòmhdaich e iad le òr, cumte ris an obair gheàrrte.
36
Agus thog e a’ chùirt a‑staigh le trì sreathan de chlachan snaidhte, agus sreath de shailthean seudair.
37
Anns a’ cheathramh bliadhna shuidhicheadh bunait taigh an Tighearna, anns a’ mhìos Siph.
38
Agus anns an aon‐bhliadhna‑deug, anns a’ mhìos Bul (is e sin an t‑ochdamh mìos), chrìochnaicheadh an taigh na earrannan uile, agus a rèir a chumaidh uile. Agus bha e seachd bliadhna ga thogail.
← Chapter 5
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 7 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22