bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
1 Kings 13
1 Kings 13
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 12
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 14 →
1
Agus, feuch, thàinig duine le Dia à Iùdah le facal an Tighearna gu Betel: agus bha Ierobòam na sheasamh làimh ris an altair, a’ losgadh tùise.
2
Agus dh’èigh e an aghaidh na h‑altarach ann am facal an Tighearna, agus thubhairt e, O altair, altair! mar seo thubhairt an Tighearna, Feuch, beirear mac do thaigh Dhaibhidh, don ainm Iosiah, agus ìobraidh e ortsa sagartan nan àitean àrda a loisgeas tùis ort, agus loisgear cnàmhan dhaoine ort.
3
Agus thug e air an là sin fhèin comharradh seachad, ag ràdh, Is e seo an comharradh a labhair an Tighearna: Feuch, reubar an altair, agus dòirtear a‑mach an luath a tha oirre.
4
Agus nuair a chuala rìgh Ierobòam facal an duine le Dia, a dh’èigh e an aghaidh na h‑altarach ann am Betel, shìn e a làmh a‑mach on altair, ag ràdh, Beiribh air: agus shearg a làmh a shìn e a‑mach na aghaidh, air chor is nach b’urrainn e a tabhairt air a h‑ais thuige.
5
Agus reubadh an altair, agus dhòirteadh an luath a‑mach on altair, a rèir a’ chomharraidh a thug an duine le Dia le facal an Tighearna.
6
Agus fhreagair an rìgh, agus thubhairt e ris an duine le Dia, Aslaich a‑nis gnùis an Tighearna do Dhia, agus dèan ùrnaigh air mo shon, a‑chum gun aisigear mo làmh dhomh a‑rìs. Agus dh’aslaich an duine le Dia gnùis an Tighearna, agus dh’aisigeadh làmh an rìgh dha a‑rìs, agus bha i mar air tùs.
7
Agus thubhairt an rìgh ris an duine le Dia, Thig maille riumsa dom thaigh, agus neartaich thu fhèin: agus bheir mi tìodhlac dhut.
8
Agus thubhairt an duine le Dia ris an rìgh, Ged bheireadh tu dhòmhsa leth do thaighe, cha rachainn a‑steach maille riut, cha mhò a dh’ithinn aran, no a dh’òlainn uisge anns an àite seo:
9
Oir mar seo dh’àithneadh dhòmhsa le facal an Tighearna, ag ràdh, Na ith aran, agus na òl uisge, agus na till air an t‑slighe air an tàinig thu.
10
Agus dh’fhalbh e air slighe eile, agus cha do thill e air an t‑slighe air an tàinig e do Bhetel.
11
A‑nis bha seann fhàidh na chòmhnaidh ann am Betel; agus thàinig a mhic, agus dh’innis iad dha na h‑obraichean uile a rinn an duine le Dia air an là sin ann am Betel: na briathran a labhair e ris an rìgh, iad seo dh’innis iad mar an ceudna dan athair.
12
Agus thubhairt an athair riu, Cia i an t‑slighe air an d’fhalbh e? Agus dh’fheuch a mhic dha an t‑slighe air an d’fhalbh an duine le Dia, a thàinig à Iùdah.
13
Agus thubhairt e ra mhic, Cuiribh dìollaid dhomh air an asail. Agus chuir iad dìollaid dha air an asail, agus mharcaich e oirre.
14
Agus chaidh e an dèidh an duine le Dia, agus fhuair e na shuidhe e fo dharaig; agus thubhairt e ris, An tusa an duine le Dia, a thàinig à Iùdah? Agus thubhairt esan, Is mi.
15
An sin thubhairt e ris, Thig maille riumsa dom thaigh, agus ith aran.
16
Agus thubhairt esan, Chan fhaod mi tilleadh maille riut, no dol a‑steach maille riut: cha mhò a dh’itheas mi aran, no a dh’òlas mi uisge maille riut anns an àite seo:
17
Oir chaidh a ràdh rium le facal an Tighearna, Chan ith thu aran, agus chan òl thu uisge an sin; cha mhò a thilleas tu gu imeachd air an t‑slighe air an tàinig thu.
18
Agus thubhairt e ris, Is fàidh mise mar an ceudna mar thu fhèin, agus labhair aingeal rium le facal an Tighearna, ag ràdh, Thoir air ais leat e dod thaigh, a‑chum is gun ith e aran, agus gun òl e uisge. Ach rinn e breug dha.
19
Agus thill e maille ris, agus dh’ith e aran na thaigh, agus dh’òl e uisge.
20
Agus nuair a bha iad nan suidhe aig a’ bhòrd, thàinig facal an Tighearna a dh’ionnsaigh an fhàidh a thug air ais e:
21
Agus ghlaodh e ris an duine le Dia a thàinig à Iùdah, ag ràdh, Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, A chionn gu robh thu eas‐umhail do fhacal an Tighearna, agus nach do ghlèidh thu an àithne a dh’àithn an Tighearna do Dhia dhut,
22
Ach gun do thill thu, agus gun d’ith thu aran, agus gun d’òl thu uisge anns an àite mun dubhairt e riut, Na ith aran, agus na òl uisge; cha tèid do chorp a‑steach do uaigh d’athraichean.
23
Agus an dèidh dha aran ithe, agus an dèidh dha òl, chuir e dìollaid dha air an asail, eadhon don fhàidh a thug e air ais.
24
Agus nuair a dh’fhalbh e, thachair leòmhann air anns an t‑slighe, agus mharbh e e; agus thilgeadh a chorp air an t‑slighe, agus sheas an asal làimh ris: sheas an leòmhann mar an ceudna làimh ris a’ chorp.
25
Agus, feuch, bha daoine a’ gabhail seachad, agus chunnaic iad an corp tilgte air an t‑slighe, agus an leòmhann na sheasamh làimh ris a’ chorp: agus thàinig iad, agus dh’innis iad e anns a’ bhaile anns an robh an seann fhàidh na chòmhnaidh.
26
Agus nuair a chuala am fàidh a thug air ais e on t‑slighe sin, thubhairt e, Is esan an duine le Dia a bha eas‐umhail do fhacal an Tighearna: uime sin thug an Tighearna thairis e don leòmhann, a reub e, agus a mharbh e, a rèir facal an Tighearna, a labhair e ris.
27
Agus labhair e ra mhic, ag ràdh, Cuiribh dìollaid dhomh air an asail. Agus chuir iad dìollaid oirre.
28
Agus dh’fhalbh e, agus fhuair e a chorp tilgte air an t‑slighe, agus an asal agus an leòmhann nan seasamh làimh ris a’ chorp: cha d’ith an leòmhann an corp; cha mhò a reub e an asal.
29
Agus thog am fàidh corp an duine le Dia, agus chuir e air an asail e, agus thug e air ais e: agus thàinig an seann fhàidh don bhaile, gu caoidh a dhèanamh, agus gu a adhlacadh.
30
Agus chuir e a chorp na uaigh fhèin; agus rinn iad caoidh os a chionn, ag ràdh, Mo thruaighe mo bhràthair!
31
Agus an dèidh dha esan adhlacadh, labhair e ra mhic, ag ràdh, Nuair a gheibh mise bàs, an sin adhlaicibh mi anns an uaigh anns a bheil an duine le Dia adhlaicte; làimh ra chnàmhan‐sa cuiribh mo chnàmhan‐sa:
32
Oir gu deimhinn thig e gu crìch an nì a dh’èigh e le facal an Tighearna an aghaidh na h‑altarach ann am Betel, agus an aghaidh uile thaighean nan àitean àrda, a tha ann am bailtean Shamaria.
33
An dèidh an nì seo, cha do thill Ierobòam o a dhroch shlighe, ach rinn e a‑rìs den chuid a b’ìsle den t‑sluagh sagartan do na h‑àitean àrda: ge bè leis am b’àill, choisrig e e, agus bha e na aon de shagartan nan àitean àrda.
34
Agus bha an nì seo na pheacadh do thaigh Ierobòaim, agus a‑chum a ghearradh as, agus a‑chum a sgrios bhàrr aghaidh na talmhainn.
← Chapter 12
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 14 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22