bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
1 Kings 12
1 Kings 12
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 11
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 13 →
1
Agus chaidh Rehobòam do Shechem: oir thàinig Israel uile gu Sechem ga dhèanamh na rìgh.
2
Agus nuair a chuala Ierobòam mac Nebait, a bha fhathast anns an Eiphit sin (far an do theich e o ghnùis rìgh Solamh) thill Ierobòam as an Eiphit.
3
Agus chuir iad fios agus ghairm iad air: agus thàinig Ierobòam, agus co‑chruinneachadh Israeil uile, agus labhair iad ri Rehobòam, ag ràdh,
4
Dh’antromaich d’athair ar cuing‐ne, ach aotromaich thusa a‑nis seirbhis chruaidh d’athar, agus a chuing throm a chuir e oirnn, agus nì sinn seirbhis dhut.
5
Agus thubhairt e riu, Falbhaibh fhathast gu ceann trì làithean, an sin thigibh a‑rìs am ionnsaigh. Agus dh’fhalbh an sluagh.
6
Agus chuir rìgh Rehobòam a chomhairle ris na seann daoine a sheas an làthair Sholaimh a athair, nuair a bu bheò e, ag ràdh, Cionnas a tha sibh a’comhairleachadh dhomh freagradh a thabhairt don t‑sluagh seo?
7
Agus labhair iadsan ris, ag ràdh, Ma bhios tusa an‑diugh ad sheirbhiseach aig an t‑sluagh seo, agus gun dèan thu seirbhis dhaibh, agus gum freagair thu iad, agus gun labhair thu facail mhatha riu, an sin bidh iadsan agadsa nan seirbhisich gu bràth.
8
Ach thrèig esan comhairle nan seann daoine, a thug iad air; agus chuir e a chomhairle ris na daoine òga a dh’fhàs suas maille ris fhèin, agus a sheas na làthair.
9
Agus thubhairt e riu, Ciod a tha sibhse a’ comhairleachadh, a‑chum is gun toir sinn freagradh don t‑sluagh seo, a labhair rium, ag ràdh, Aotromaich a’ chuing a chuir d’athair oirnn?
10
Agus labhair na daoine òga a dh’fhàs suas maille ris fhèin ris, ag ràdh, Mar seo their thu ris an t‑sluagh seo a labhair riut, ag ràdh, Dh’antromaich d’athair ar cuing‐ne, ach aotromaich thusa dhuinn i; mar seo labhraidh tu riu, Tha am meur as lugha agamsa nas gairbhe na leasraidh m’athar.
11
Agus a‑nis chuir m’athair gun amharas oirbh cuing throm, ach cuiridh mise ri ur cuing: smachdaich m’athair sibh le slatan, ach smachdaichidh mise sibh le sgorpionan.
12
Uime sin thàinig Ierobòam agus an sluagh uile gu Rehobòam air an treas là, mar a dh’àithn an rìgh, ag ràdh, Thigibh am ionnsaigh a‑rìs air an treas là.
13
Agus fhreagair an rìgh an sluagh gu garbh; agus thrèig e comhairle nan seann daoine a thug iad dha.
14
Agus labhair e riu a rèir comhairle nan daoine òga, ag ràdh, Dh’antromaich m’athair ur cuing, agus cuiridh mise ri ur cuing: smachdaich m’athair sibh le slatan, ach smachdaichidh mise sibh le sgorpionan.
15
Mar seo cha d’èisd an rìgh ris an t‑sluagh; oir bha an t‑adhbhar on Tighearna, a‑chum gun coileanadh e a fhacal fhèin a labhair an Tighearna le làimh Ahiah an Silonach ri Ierobòam mac Nebait.
16
Agus nuair a chunnaic Israel uile nach d’èisd an rìgh riu, fhreagair an sluagh an rìgh, ag ràdh, Ciod a’ chuibhreann a tha againne ann an Daibhidh? Agus chan eil oighreachd againne ann am mac Iese: dod bhùthan, O Israeil; a‑nis amhairc air do thaigh fhèin, a Dhaibhidh. Agus dh’fhalbh Israel dam bùthan.
17
Ach a‑thaobh chloinn Israeil a bha a chòmhnaidh ann am bailtean Iùdah, rìghich Rehobòam os an cionn.
18
An sin chuir rìgh Rehobòam Adoram a bha os cionn na cìse dan ionnsaigh; agus chlach Israel uile e le clachan, agus fhuair e bàs: uime sin rinn rìgh Rehobòam cabhag gu dol suas da charbad, a‑chum is gun teicheadh e do Ierusalem.
19
Agus rinn Israel ceannairc an aghaidh taigh Dhaibhidh gus an là‑an‑diugh.
20
Agus nuair a chuala Israel uile gun tàinig Ierobòam a‑rìs, chuir iad fios, agus ghairm iad air don cho‐chruinneachadh, agus rinn iad e na rìgh air Israel uile: cha do lean aon taigh Daibhidh ach treubh Iùdah a‑mhàin.
21
Agus nuair a thàinig Rehobòam gu Ierusalem, chruinnich e taigh Iùdah uile, agus treubh Bheniàmin, ceud agus ceithir‐fichead mìle fear taghte a bha dèante ri cogadh, a chogadh ri taigh Israeil, a thoirt na rìoghachd air a h‑ais gu Rehobòam mac Sholaimh.
22
Ach thàinig facal Dhè gu Semaiah, duine le Dia, ag ràdh,
23
Labhair ri Rehobòam mac Sholaimh, rìgh Iùdah, agus ri taigh Iùdah agus Bheniàmin uile, agus ri fuidheall an t‑sluaigh, ag ràdh,
24
Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Na rachaibh suas, agus na cogaibh ri ur bràithrean clann Israeil: tillibh gach duine da thaigh fhèin, oir is ann leamsa a rinneadh an nì seo. Agus dh’èisd iad ri facal an Tighearna, agus thill iad gu imeachd a rèir facal an Tighearna.
25
Agus thog Ierobòam Sechem ann an sliabh Ephraim, agus chòmhnaich e ann; agus chaidh e a‑mach as a sin, agus thog e Penuel.
26
Agus thubhairt Ierobòam na chridhe, A‑nis tillidh an rìoghachd gu taigh Dhaibhidh:
27
Ma thèid an sluagh seo suas a dhèanamh ìobairtean ann an taigh an Tighearna, ann an Ierusalem, an sin tillidh cridhe an t‑sluaigh seo rin tighearna, ri Rehobòam rìgh Iùdah: agus marbhaidh iad mise, agus tillidh iad gu Rehobòam rìgh Iùdah.
28
Uime sin ghabh an rìgh comhairle, agus rinn e dà laogh òir, agus thubhairt e riu, Is mòr oirbh dol suas gu Ierusalem: feuch do dhiathan, O Israeil, a thug a‑nìos thu à tìr na h‑Eiphit.
29
Agus shuidhich e aon dhiubh ann am Betel, agus an t‑aon eile chuir e ann an Dan.
30
Agus rinneadh an nì seo na pheacadh: oir chaidh an sluagh a shleuchdadh an làthair aoin dhiubh, gu ruig Dan.
31
Agus rinn e taigh àitean àrda, agus rinn e sagartan den chuid a b’ìsle den t‑sluagh, nach robh de chloinn Lèbhi.
32
Agus rinn Ierobòam fèill anns an ochdamh mìos, air a’ chòigeamh‐là‑deug den mhìos, cosmhail ris an fhèill a bha ann an Iùdah, agus dh’ìobair e air an altair: mar sin rinn e ann am Betel, ag ìobradh do na laoigh a rinn e: agus shuidhich e ann am Betel sagartan nan àitean àrda a rinn e.
33
Agus dh’ìobair e air an altair a rinn e ann am Betel, air a’ chòigeamh‐là‑deug den ochdamh mìos, anns a’ mhìos air an do smaoinich e na chridhe fhèin: agus rinn e fèill do chloinn Israeil, agus dh’ìobair e air an altair, agus loisg e tùis.
← Chapter 11
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 13 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22