bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
1 Kings 4
1 Kings 4
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 3
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 5 →
1
Agus bha rìgh Solamh na rìgh air Israel uile.
2
Agus is iad seo na h‑uachdarain a bha aige: Asariah mac Shadoic an sagart:
3
Elihoreph agus Ahiah mic Shisa, sgrìobhaichean: Iehosaphat mac Ahiluid, an seanchaidh:
4
Agus Benaiah mac Iehoiada air ceann an t‑slòigh: agus Sadoc agus Abiatar, na sagartan:
5
Agus Asariah mac Nàtain os cionn an luchd‐dreuchd: agus Sabud mac Nàtain, an t‑àrd fhear‐dreuchd, na charaid aig an rìgh:
6
Agus Ahisar os cionn an teaghlaich: agus Adoniram mac Abda os cionn na cìse.
7
Agus bha aig Solamh dà‑fhear‐dheug de luchd‐dreuchd os cionn Israeil uile, a bheathaich an rìgh agus a theaghlach: rè a mhìosa fhèin anns a’ bhliadhna bha e mar fhiachan air gach fear dhiubh a bheathachadh.
8
Agus is iad seo an ainmean: mac Huir ann an sliabh Ephraim:
9
Mac Dhecair ann am Macas, agus ann an Saalbim, agus ann am Bet‐semes, agus ann an Elon, agus ann am Bet‐hanan:
10
Mac Heseid ann an Arubot; aige‐san bha Sochoh, agus uile thìr Hepheir:
11
Mac Abinadaib, aig an robh uile thìr Dhoir; bha Taphat nighean Sholaimh aige na mnaoi:
12
Baanah mac Ahiluid; aigesan bha Taanach, agus Megido, agus Bet‐sean uile, a tha làimh ri Sartanah sìos o Iesreel, o Bhet‐sean gu Abel‐meholah, gu ruig an taobh thall de Iocneam:
13
Mac Ghebeir ann an Ramot‐gilead; dhàsan bhuineadh bailtean Iair mhic Mhanaseh, a tha ann an Gilead; dhàsan mar an ceudna bhuineadh tìr Argoib, a tha ann am Basan, trì‐fichead baile mòr le ballachan agus le crainn umha:
14
Ahinadab mac Ido ann am Mahanaim:
15
Ahimaas ann an Naphtali; ghabh esan mar an ceudna Basmat nighean Sholaimh na mnaoi:
16
Baanah mac Husai ann an Aser, agus ann am Balot:
17
Iehosaphat mac Pharuah ann an Isachar:
18
Simei mac Elah ann am Beniàmin:
19
Geber mac Uri ann an tìr Ghilead, ann an tìr Shihoin rìgh nan Amorach, agus Og rìgh Bhasain; agus b’esan an t‑aon fhear‐dreuchd a bha anns an tìr.
20
Bha Iùdah agus Israel lìonmhor, mar a’ ghaineamh a tha ri taobh na fairge air lìonmhorachd, ag ithe, agus ag òl, agus a’ dèanamh subhachais.
21
Agus rìghich Solamh os cionn nan rìoghachdan uile, on abhainn gu tìr nam Philisteach, agus gu ruig crìoch na h‑Eiphit: thug iad leo tìodhlacan, agus rinn iad seirbhis do Sholamh rè uile làithean a bheatha.
22
Agus b’e lòn Sholaimh airson aon là, deich‐tomhaisean‐fichead de mhin mhìn chruithneachd, agus trì‐fichead tomhas mine eile.
23
Deich daimh bhiadhte, agus fichead damh bhàrr an fheòir, agus ceud caora, a thuilleadh air fèidh, agus ruadh‐bhuic, agus dathaisean, agus eòin bhiadhte.
24
Oir bha uachdaranachd aige os cionn na tìre uile air an taobh seo den abhainn, o Thiphsah eadhon gu Asah, os cionn nan rìgh uile air an taobh seo den abhainn: agus bha sìth aige o gach taobh mun cuairt dha.
25
Agus ghabh Iùdah agus Israel còmhnaidh gu tèarainte, gach fear fo a chrann‐fìona, agus fo a chrann‐fìge fhèin, o Dhan eadhon gu Beersèba, rè uile làithean Sholaimh.
26
Agus bha aig Solamh ceithir mìle prasach each airson a charbad, agus dà‑mìle‐dheug marcaiche.
27
Agus bheathaich an luchd‐dreuchd sin rìgh Solamh, agus gach neach a thàinig gu bòrd rìgh Solamh, gach duine na mhìos fhèin: cha d’fhuiling iad nì air bith a bhith a dh’easbhaidh.
28
Eòrna mar an ceudna agus connlach do na h‑eich, agus do na dromadairean, thug iad a dh’ionnsaigh an àit anns an robh an luchd‐dreuchd, gach fear a rèir a òrdaigh fhèin.
29
Agus thug Dia gliocas do Sholamh, agus tuigse ro‑mhòr, agus farsaingeachd cridhe mar a’ ghaineamh a tha air tràigh na mara.
30
Agus bu mhò gliocas Sholaimh na gliocas uile chlann na h‑àird an ear, agus na uile ghliocas na h‑Eiphit.
31
Agus bha e glic thar gach duine, thar Etan an t‑Esrahach, thar Heman, agus Chalcol, agus Darda, mic Mhahoil: agus bha a chliù anns gach dùthaich mun cuairt.
32
Agus labhair e trì mìle gnàth‐fhacal; agus b’e àireamh a dhàn mìle agus còig.
33
Agus labhair e air craobhan, on chrann‐seudair a tha ann an Lebanon, eadhon gu ruig an hìosop a dh’fhàsas a‑mach as a’ bhalla: labhair e mar an ceudna air ainmhidhean, agus air eunlaith, agus air nithean a shnàigeas, agus air èisg.
34
Agus thàinig cuid de na h‑uile chinnich a dh’èisdeachd ri gliocas Sholaimh, o uile rìghrean na talmhainn, a chuala iomradh a ghliocais.
← Chapter 3
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 5 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22