bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Genesis 11
Genesis 11
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 10
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 49
Chapter 50
Chapter 12 →
1
Agus bha an talamh uile de aon teanga, agus na h‑aon fhacail aig gach neach.
2
Agus nuair a bha iad air an turas on àird an ear, fhuair iad còmhnard ann an talamh Shinair; agus ghabh iad còmhnaidh an sin.
3
Agus thubhairt iad gach aon ri chèile, Thigibh, dèanamaid clachan‐creadha, agus làn‐loisgeamaid iad. Agus bha a’ chlach‐chreadha aca airson cloiche, agus bha làthach aca airson aoil.
4
Agus thubhairt iad, Thigibh, togamaid dhuinn fhèin baile, agus tùr, aig am bi a mhullach a’ ruigheachd gu nèamh; agus dèanamaid dhuinn fhèin ainm, air eagal gun sgaoilear o chèile sinn air aghaidh na talmhainn uile.
5
Agus thàinig an Tighearna a‑nuas a dh’fhaicinn a’ bhaile agus an tùir, a thog clann nan daoine.
6
Agus thubhairt an Tighearna, Feuch, is aon sluagh a tha ann, agus aon teanga aca uile; agus thòisich iad air seo a dhèanamh: agus a‑nis cha bhacar dhiubh nì air bith a smaoinich iad a dhèanamh.
7
Thigibh, rachamaid sìos, agus cuireamaid an cainnt an sin thar a chèile, a‑chum is nach tuig iad cainnt a chèile.
8
Mar sin sgaoil an Tighearna iad uaithe sin air aghaidh na talmhainn uile: agus sguir iad de thogail a’ bhaile.
9
Uime sin thugadh Bàbel mar ainm air; do bhrìgh ann an sin gun do chuir an Tighearna thar a chèile cainnt na talmhainn uile: agus uaithe sin sgaoil an Tighearna iad air aghaidh na talmhainn uile.
10
Is iad seo ginealaichean Sheim: Bha Sem ceud bliadhna a dh’aois, agus ghin e Arphacsad dà bhliadhna an dèidh na dìle:
11
Agus bha Sem beò, an dèidh dha Arphacsad a ghintinn, còig ceud bliadhna, agus ghin e mic agus nigheanan.
12
Agus bha Arphacsad beò còig‐bliadhna‑deug ar fhichead, agus ghin e Salah:
13
Agus bha Arphacsad beò, an dèidh dha Salah a ghintinn, ceithir cheud agus trì bliadhna, agus ghin e mic agus nigheanan.
14
Agus bha Salah beò deich‐bliadhna‑fichead, agus ghin e Eber.
15
Agus bha Salah beò, an dèidh dha Eber a ghintinn, ceithir cheud agus trì bliadhna, agus ghin e mic agus nigheanan.
16
Agus bha Eber beò ceithir‐bliadhna‑deug ar fhichead, agus ghin e Peleg:
17
Agus bha Eber beò, an dèidh dha Peleg a ghintinn, ceithir cheud agus deich‐bliadhna‑fichead, agus ghin e mic agus nigheanan.
18
Agus bha Peleg beò deich‐bliadhna‑fichead, agus ghin e Reu:
19
Agus bha Peleg beò, an dèidh dha Reu a ghintinn, dà cheud agus naoi bliadhna, agus ghin e mic agus nigheanan.
20
Agus bha Reu beò dà‑bhliadhna‑dheug ar fhichead, agus ghin e Serug:
21
Agus bha Reu beò, an dèidh dha Serug a ghintinn, dà cheud agus seachd bliadhna, agus ghin e mic agus nigheanan.
22
Agus bha Serug beò deich‐bliadhna‑fichead, agus ghin e Nàhor:
23
Agus bha Serug beò, an dèidh dha Nàhor a ghintinn, dà cheud bliadhna, agus ghin e mic agus nigheanan.
24
Agus bha Nàhor beò naoi‐bliadhna‑fichead, agus ghin e Tèrah:
25
Agus bha Nàhor beò an dèidh dha Tèrah a ghintinn, ceud agus naoi‐bliadhna‑deug, agus ghin e mic agus nigheanan.
26
Agus bha Tèrah beò deich agus trì‐fichead bliadhna, agus ghin e Abram, Nàhor, agus Hàran.
27
A‑nis is iad seo ginealaichean Thèrah: ghin Tèrah Abram, Nàhor, agus Hàran; agus ghin Hàran Lot.
28
Agus fhuair Hàran bàs ro Thèrah a athair, anns an tìr anns an do rugadh e, ann an Ur nan Caldèach.
29
Agus ghabh Abram agus Nàhor mnathan dhaibh fhèin: b’e ainm bean Abraim Sàrai; agus ainm bean Nahoir Milcah, nighean Hàrain, athair Mhilcah, agus athair Iscah.
30
Ach bha Sàrai neo‐thorrach; cha robh duine cloinne aice.
31
Agus ghabh Tèrah Abram a mhac, agus Lot mac Hàrain, mac a mhic, agus Sàrai a bhan‐chliamhainn, bean Abraim a mhac; agus chaidh iad a‑mach maille riu à Ur nan Caldèach, gu dol do thìr Chanàain; agus thàinig iad gu Hàran, agus ghabh iad còmhnaidh an sin.
32
Agus b’iad làithean Thèrah dà cheud agus còig bliadhna: agus fhuair Tèrah bàs ann an Hàran.
← Chapter 10
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 49
Chapter 50
Chapter 12 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34
35
36
37
38
39
40
41
42
43
44
45
46
47
48
49
50