bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Genesis 32
Genesis 32
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 31
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 49
Chapter 50
Chapter 33 →
1
Agus dh’imich Iàcob air a shlighe, agus choinnich ainglean Dhè e.
2
Agus thubhairt Iàcob, nuair a chunnaic e iad, Is e seo feachd Dhè: agus thug e Mahanaim mar ainm air an àite sin.
3
Agus chuir Iàcob teachdairean roimhe gu Esau a bhràthair, gu fearann Sheir, dùthaich Edoim.
4
Agus dh’àithn e dhaibh, ag ràdh, Mar seo their sibh rim thighearna Esau, Mar seo thubhairt do sheirbhiseach Iàcob, Bha mi air chuairt maille ri Làban, agus dh’fhan mi maille ris gus a‑nis:
5
Agus tha agam buar, agus asail, treudan, agus òglaich, agus banoglaich; agus chuir mi a dh’innse dom thighearna, a‑chum gum faighinn deagh‐ghean ad shùilean.
6
Agus thill na teachdairean gu Iàcob, ag ràdh, Thàinig sinn a dh’ionnsaigh do bhràthar Esau, agus mar an ceudna tha e a’ teachd ad chòmhdhail agus ceithir cheud fear maille ris.
7
Agus bha Iàcob fo eagal mòr, agus ann an airc; agus roinn e an sluagh a bha maille ris, agus na treudan, agus an crodh, agus na càmhail nan dà bhuidhinn;
8
Agus thubhairt e, Ma thig Esau gu aon de na buidhnean, agus gum buail e i, an sin thèid a’ bhuidheann a dh’fhanas as uaithe.
9
Agus thubhairt Iàcob, O Dhè m’athar Abrahàm, agus a Dhè m’athar Isaac, a Thighearna a thubhairt rium, Till gud dhùthaich, agus gud dhìlsean, agus nì mi math dhut:
10
Chan airidh mi air a’ chuid as lugha de na tròcairean sin uile, no den fhìrinn sin uile, a nochd thu dod sheirbhiseach; oir lem luirg thàinig mi thar an Iòrdan seo, agus tha mi a‑nis am dhà bhuidhinn.
11
Saor mi, guidheam ort, o làimh mo bhràthar, o làimh Esau: oir tha eagal orm roimhe, gun tig e, agus gum buail e mi, agus a’ mhàthair maille ris a’ chloinn.
12
Agus thubhairt thu, Gu cinnteach nì mi math dhut, agus nì mi do shliochd mar ghaineamh na fairge, nach faodar àireamh a‑thaobh lìonmhorachd.
13
Agus dh’fhan e an sin an oidhche sin fhèin, agus ghabh e de na thàinig ga làimh tìodhlac airson Esau a bhràthair;
14
Dà cheud gobhar, agus fichead boc, dà cheud caora, agus fichead reithe,
15
Deich‐càmhail‐fhichead bhainne len searraich, dà‑fhichead bò agus deich tairbh, fichead asal bhoireann agus deich searraich.
16
Agus thug e iad do làimh a sheirbhiseach, gach iomain leatha fhèin; agus thubhairt e ra sheirbhisich, Imichibh romham, agus cuiribh dealachadh eadar iomain agus iomain.
17
Agus dh’àithn e dhàsan a bha air thoiseach, ag ràdh, Nuair a choinnicheas mo bhràthair Esau thu, agus a dh’fheòraicheas e dhìot, ag ràdh, Cò leis thu, agus càit a bheil thu a dol? Agus cò leis iad sin a tha romhad?
18
An sin their thusa, Buinidh iad dod sheirbhiseach Iàcob; is tìodhlac a tha ann, a chuireadh a dh’ionnsaigh mo thighearna Esau: agus, feuch, mar an ceudna tha e fhèin nar dèidh.
19
Agus dh’àithn e mar sin don dara seirbhiseach, agus don treas, agus dhaibhsan uile a bha a’ leantainn nan iomain, ag ràdh, Air an dòigh seo labhraidh sibh ri Esau, nuair a gheibh sibh e.
20
Agus their sibh cuideachd, Feuch, Tha do sheirbhiseach Iàcob nar dèidh‐ne: oir thubhairt e, Nì mi rèidh e leis an tìodhlac a thèid romham, agus an dèidh sin chì mi a ghnùis; theagamh gun gabh e rium.
21
Mar sin chaidh an tìodhlac thairis roimhe: agus dh’fhan e fhèin an oidhche sin anns a’ chuideachd.
22
Agus dh’èirich e suas anns an oidhche sin, agus ghabh e a dhà mhnaoi, agus a dhà bhanoglaich, agus a aon‐mhac‐deug, agus chaidh e thairis air àth Iaboic.
23
Agus ghabh e iad, agus chuir e thairis air an t‑sruth iad, agus chuir e thairis na bha aige.
24
Agus dh’fhan Iàcob na aonar; agus ghleac duine ris, gu ruig briseadh na fàire.
25
Agus nuair a chunnaic e nach do bhuadhaich e air, an sin bhean e ri lag a shlèisde; agus chaidh lag‐slèisde Iàcoib as an alt nuair a bha e a’ gleac ris.
26
Agus thubhairt e, Leig air falbh mi, oir tha an fhàire a’ briseadh: agus thubhairt esan, Cha leig mi air falbh thu, mura beannaich thu mi.
27
Agus thubhairt e ris, Ciod as ainm dhut? Agas thubhairt e, Iàcob.
28
Agus thubhairt esan, Cha ghoirear Iàcob nas mò riut mar ainm, ach Israel: oir bha cumhachd agad mar uachdaran ri Dia, agus ri daoine, agus thug thu buaidh.
29
Agus dh’fhiosraich Iàcob dheth, agus thubhairt e, Innis dhomh, guidheam ort, d’ainm: agus thubhairt esan, Carson a tha thu a’ farraid m’ainme? Agus bheannaich e an sin e.
30
Agus thug Iàcob Peniel mar ainm air an àite: oir chunnaic mi Dia aghaidh ri aghaidh, agus thèarnadh m’anam.
31
Agus dh’èirich a’ ghrian air, nuair a chaidh e seach Penuel, agus bha e bacach air a shliasaid.
32
Uime sin chan ith clann Israeil den fhèith a chrup, a tha air lag na slèisde, gus an là‑an‑diugh; a chionn gun do bhean e ri lag‐slèisde Iàcoib anns an fhèith a chrup.
← Chapter 31
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 49
Chapter 50
Chapter 33 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34
35
36
37
38
39
40
41
42
43
44
45
46
47
48
49
50