bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Genesis 46
Genesis 46
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 45
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 49
Chapter 50
Chapter 47 →
1
Agus dh’imich Israel maille ris gach nì a bha aige, agus thàinig e gu Beer‐sèba, agus thug e suas ìobairtean do Dhia a athar, Isaac.
2
Agus labhair Dia ri Israel ann an taisbeanan na h‑oidhche, agus thubhairt e, A Iàcoib, a Iàcoib. Agus thubhairt esan, Tha mi an seo.
3
Agus thubhairt e, Is mise Dia, Dia d’athar: na biodh eagal ort dol sìos don Èiphit; oir nì mise ad chinneach mòr thu an sin:
4
Thèid mise maille riut sìos don Èiphit; agus bheir mi mar an ceudna gu cinnteach a‑nìos thu a‑rìs: agus cuiridh Iòseph a làmh air do shùilean.
5
Agus dh’èirich Iàcob suas o Bheer‐sèba: agus thug mic Israeil leo Iàcob an athair, agus an clann bheag, agus am mnathan, anns na carbadan a chuir Phàraoh ga ghiùlan.
6
Agus ghabh iad an sprèidh, agus am maoin, a fhuair iad ann an tìr Chanàain, agus thàinig iad don Èiphit, Iàcob agus a shliochd uile maille ris;
7
A mhic, agus mic a mhac maille ris, a nigheanan, agus nigheanan a mhac, agus a shliochd uile thug e maille ris don Èiphit.
8
Agus is iad seo ainmean chloinn Israeil, a thàinig don Èiphit, Iàcob agus a mhic: Reuben, ciad‐ghin Iàcoib.
9
Agus mic Reubein; Hanoch, agus Phallu, agus Hesron, agus Carmi.
10
Agus mic Shimeoin: Iemuel, agus Iamin, agus Ohad, agus Iachin, agus Sohar, agus Saul mac ban‐Chanàanaich.
11
Agus mic Lèbhi: Gerson, Cohat, agus Merari.
12
Agus mic Iùdah: Er, agus Onan, agus Selah, agus Phareds, agus Serah: ach fhuair Er agus Onan bàs ann an tìr Chanàain. Agus b’iad mic Phareids, Hesron agus Hamul.
13
Agus mic Isachair: Tola, agus Phubhah, agus Iob, agus Simron.
14
Agus mic Shebuluin: Sered, agus Elon, agus Iahleel.
15
Is iad sin mic Lèah, a rug i do Iàcob ann am Padan‐àram, maille ra nighinn Dinah: b’iad uile anaman a mhac agus a nigheanan trì‐deug ar fhichead.
16
Agus mic Ghaid; Siphion, agus Hagai, Suni, agus Esbon, Heri, agus Arodi, agus Areli.
17
Agus mic Aseir: Imnah, agus Isuah, agus Isui, agus Beriah, agus Serah am piuthar. Agus mic Bheriah: Heber agus Malchiel.
18
Is iad sin mic Shilpah, a thug Làban da nighinn Lèah; agus rug i iad sin do Iàcob, eadhon sia‑anaman‐deug.
19
Mic Racheil bean Iàcoib, Iòseph agus Beniàmin.
20
Agus rugadh do Iòseph ann an tìr na h‑Èiphit, Manaseh agus Ephraim, a rug Asenat, nighean Photipherah, sagart Oin, dha.
21
Agus b’iad mic Bheniàmin: Belah, agus Becher, agus Asbel, Gera, agus Nàaman, Ehi, agus Ros, Mupim, agus Hupim, agus Ard.
22
Is iad sin mic Racheil, a rugadh do Iàcob: na h‑anaman uile, ceithir‐deug.
23
Agus mic Dhain: Husim.
24
Agus mic Naphtali: Iahseel, agus Guni, agus Ieser, agus Sillem.
25
Is iad sin mic Bhilhah, a thug Làban da nighinn Rachel, a rug i do Iàcob: na h‑anaman uile, seachdnar.
26
Na h‑anaman uile a thàinig le Iàcob don Èiphit, a thàinig a‑mach as a leasraidh, a thuilleadh air mnathan mic Iàcoib; b’iad na h‑anaman seo uile trì‐fichead is a sia;
27
Agus mic Iòseiph a rugadh dha anns an Èiphit, bu dà anam iad: uile anaman taigh Iàcoib, a thàinig don Èiphit, bu trì‐fichead is a deich iad.
28
Agus chuir e Iùdah roimhe gu Iòseph, a‑chum is gun tugadh e fios dha teachd na làthair ann an Gòsen; agus thàinig iad gu fearann Ghòsein.
29
Agus bheartaich Iòseph a charbad, agus chaidh e suas an coinneamh Israeil, a athair, gu Gòsen; agus nochd e e fhèin dha, agus thuit e air a mhuineal, agus ghuil e air a mhuineal rè tamaill.
30
Agus thubhairt Israel ri Iòseph, Faigheam‐sa a‑nis bàs, o chunnaic mi do ghnùis, do bhrìgh gu bheil thu fhathast beò.
31
Agus thubhairt Iòseph ra bhràithrean, agus ri teaghlach a athar, Thèid mise suas, agus cuiridh mi an cèill do Phàraoh, agus their mi ris, Tha mo bhràithrean, agus teaghlach m’athar, a bha ann an tìr Chanàain, air teachd am ionnsaigh:
32
Agus is buachaillean na daoine, oir bu luchd‐sprèidhe iad; agus thug iad leo an treudan, agus am feudail, agus gach nì a bha aca.
33
Agus tàrlaidh, nuair a ghairmeas Phàraoh oirbh, agus a their e, Ciod as ceàird dhuibh?
34
Gun abair sibhse, Bu luchd‐sprèidhe do sheirbhisich o ar n‑òige eadhon gus a‑nis, sinn fhèin agus mar an ceudna ar n‑athraichean; a‑chum is gun gabh sibh còmhnaidh ann am fearann Ghòsein, oir is gràinealachd do na h‑Èiphitich gach buachaille sprèidhe.
← Chapter 45
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 49
Chapter 50
Chapter 47 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34
35
36
37
38
39
40
41
42
43
44
45
46
47
48
49
50