bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Genesis 40
Genesis 40
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 39
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 49
Chapter 50
Chapter 41 →
1
Agus an dèidh nan nithean sin, chuir buidealair rìgh na h‑Èiphit, agus a fhuineadair, fearg air an tighearna, rìgh na h‑Èiphit.
2
Agus bha corraich mhòr air Phàraoh ri dithis de a sheirbhisich, ris an àrd‐bhuidealair, agus ris an àrd‐fhuineadair.
3
Agus chuir e an làimh iad ann an taigh ceannard an fhreiceadain anns a’ phrìosan, far an robh Iòseph ceangailte.
4
Agus chuir ceannard an fhreiceadain an cùram air Iòseph, agus fhritheil e dhaibh; agus dh’fhan iad tamall ann an làimh.
5
Agus chunnaic iad aisling le chèile, gach fear aca a aisling fhèin anns an aon oidhche, gach fear a rèir eadar‐mhìneachadh a aislinge; buidealair agus fuineadair rìgh na h‑Èiphit, a bha ceangailte anns a’ phrìosan.
6
Agus thàinig Iòseph a‑steach dan ionnsaigh anns a’ mhadainn, agus dh’amhairc e orra, agus, feuch, bha iad dubhach.
7
Agus dh’fheòraich e de sheirbhisich Phàraoh, a bha an làimh maille ris ann an taigh a thighearna, ag ràdh, Carson a tha ur gnùis cho muladach an‑diugh?
8
Agus thubhairt iad ris, Chunnaic sinn aisling, agus chan eil neach againn a dh’eadar‐mhìnicheas i. Agus thubhairt Iòseph riu, Nach ann o Dhia a tha gach eadar‐mhìneachadh? Innsibh dhòmhsa iad, guidheam oirbh.
9
Agus dh’innis an t‑àrd‐bhuidealair a aisling do Iòseph, agus thubhairt e ris, Am aisling‐sa, feuch, bha fìonain fam chomhair;
10
Agus air an fhìonain bha trì meanglain; agus bha i mar gum biodh i a’ briseadh a‑mach, agus thàinig i fo làn bhlàth; agus thug a bagaidean dearcan abaich uapa.
11
Agus bha cupan Phàraoh am làimh; agus ghabh mi na fìon‐dhearcan, agus dh’fhàisg mi iad ann an cupan Phàraoh, agus thug mi an cupan do làimh Phàraoh.
12
Agus thubhairt Iòseph ris, Is e seo a h‑eadar‐mhìneachadh: Na trì meanglain, is trì làithean iad:
13
Eadhon an ceann trì làithean togaidh Phàraoh suas do cheann, agus bheir e a‑rìs gud àite fhèin thu; agus bheir thu cupan Phàraoh na làimh, mar a b’àbhaist dhut roimhe, nuair a bha thu ad bhuidealair aige.
14
Ach cuimhnich thusa ormsa nuair a dh’èireas gu math dhut, agus dèan, guidheam ort, coibhneas dhomh, agus dèan iomradh orm ri Phàraoh, agus thoir a‑mach mi as an taigh seo:
15
Oir, gu deimhinn, ghoideadh air falbh mi à tìr nan Eabhraidheach, agus, mar an ceudna, an seo cha do rinn mi nì sam bith gun cuireadh anns an t‑sloc mi.
16
Nuair a chunnaic an t‑àrd‐fhuineadair gun d’eadar‐mhìnich e gu math, thubhairt e ri Iòseph, Bha mise mar an ceudna am aisling, agus, feuch, bha trì basgaidean geala air mo cheann:
17
Agus anns a’ bhasgaid a b’àirde bha de gach seòrsa bìdh airson Phàraoh de dheasachadh an fhuineadair; agus dh’ith an eunlaith iad a‑mach as a’ bhasgaid air mo cheann.
18
Agus fhreagair Iòseph, agus thubhairt e, Is e seo a h‑eadar‐mhìneachadh: Na trì basgaidean, is trì làithean iad:
19
An ceann trì làithean togaidh Phàraoh suas do cheann dhìot, agus crochaidh e thu air crann, agus ithidh an eunlaith d’fheòil dhìot.
20
Agus air an treas là, co‑ainm là‑breithe Phàraoh, rinn e cuirm da sheirbhisich uile: agus thog e suas ceann an àrd‐bhuidealair, agus ceann an àrd‐fhuineadair am measg a sheirbhiseach.
21
Agus thug e an t‑àrd‐bhuidealair a‑chum a bhuidealaireachd a‑rìs; agus thug e an cupan do làimh Phàraoh:
22
Ach chroch e an t‑àrd‐fhuineadair, mar a dh’eadar‐mhìnich Iòseph dhaibh.
23
Gidheadh, cha do chuimhnich an t‑àrd‐bhuidealair air Iòseph, ach dhìochuimhnich e e.
← Chapter 39
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 49
Chapter 50
Chapter 41 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34
35
36
37
38
39
40
41
42
43
44
45
46
47
48
49
50