bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Genesis 23
Genesis 23
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 22
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 49
Chapter 50
Chapter 24 →
1
Agus bha Sàrah beò ceud agus seachd‐bliadhna‑fichead; b’iad seo bliadhnachan beatha Shàrah.
2
Agus fhuair Sàrah bàs ann an Ciriat‐arba; is e sin Hebron an tìr Chanàain: agus thàinig Abrahàm a dhèanamh tuiridh airson Shàrah, agus a chaoidh air a son.
3
Agus dh’èirich Abrahàm suas o làthair a mhairbh, agus labhair e ri mic Het, ag ràdh,
4
Is coigreach agus fear‐cuairt mise maille ribh: thugaibh dhomh sealbh àit‐adhlaic maille ribh, agus gun adhlaic mi mo mharbh as mo shealladh.
5
Agus fhreagair mic Het Abrahàm, ag ràdh ris,
6
Eisd rinne, mo thighearna: is uachdaran cumhachdach thusa nar measg‐ne; ann an roghainn ar n‑àiteachan‐adhlaic adhlaic do mharbh: cha chùm duine nar measg‐ne a àit‐adhlaic uat, gud mharbh adhlac ann.
7
Agus dh’èirich Abrahàm suas, agus chrom e e fhèin do mhuinntir na tìre, eadhon do mhic Het.
8
Agus labhair e riu, ag ràdh, Mas àill leibh gun adhlaicinn mo mharbh as mo shealladh, èisdibh rium agus labhraibh air mo shon ri Ephron mac Shobair:
9
A‑chum is gun toir e dhomh uaimh Mhachpelah a tha aige, a tha ann an crìch a achaidh; airson uiread airgid agus as fiù i, thugadh e dhomh i mar sheilbh àit‐adhlaic nur measg‐se.
10
Agus bha Ephron na chòmhnaidh am measg clann Het. Agus fhreagair Ephron an t‑Hiteach Abrahàm ann an èisdeachd clann Het, eadhon gach neach a chaidh a‑steach air geata a bhaile‐san, ag ràdh,
11
Na biodh e mar sin, mo thighearna, èisd rium: an t‑achadh bheir mi dhut, agus an uaimh a tha ann, bheir mi dhut i; ann an làthair mic mo dhaoine bheir mi dhut i: adhlaic do mharbh.
12
Agus chrom Abrahàm e fhèin sìos an làthair muinntir na tìre.
13
Agus labhair e ri Ephron, ann an èisdeachd muinntir na tìre, ag ràdh, Ach ma bheir thu seachad i, guidheam ort, èisd rium: bheir mi dhut airgead airson an achaidh, gabh uam e, agus adhlaicidh mi mo mharbh an sin.
14
Agus fhreagair Ephron Abrahàm, ag ràdh ris,
15
Mo thighearna, èisd rium: is fiù an t‑achadh ceithir cheud secel airgid; ciod sin eadar mise agus thusa? Uime sin adhlaic do mharbh.
16
Agus dh’èisd Abrahàm ri Ephron, agus thomhais Abrahàm do Ephron an t‑airgead, a dh’ainmich e ann an èisdeachd mic Het, ceithir cheud secel airgid, a ghabhas an ceannaiche.
17
Agus rinneadh achadh Ephroin, a bha ann am Machpeleh, a bha fa chomhair Mhamre, an t‑achadh, agus an uaimh a bha ann, agus gach craobh a bha anns an achadh, a bha na chrìch uile mun cuairt,
18
Daingeann do Abrahàm mar sheilbh, ann an làthair clann Het, am fianais gach neach a chaidh a‑steach air geata a bhaile‐san.
19
Agus an dèidh sin dh’adhlaic Abrahàm Sàrah a bhean, ann an uaimh achadh Mhachpelah, fa chomhair Mhamre: is e sin Hebron ann an tìr Chanàain.
20
Agus rinneadh an t‑achadh, agus an uaimh a tha ann, daingeann do Abrahàm mar sheilbh àit‐adhlaic le mic Het.
← Chapter 22
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 49
Chapter 50
Chapter 24 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34
35
36
37
38
39
40
41
42
43
44
45
46
47
48
49
50