bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Genesis 49
Genesis 49
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 48
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 49
Chapter 50
Chapter 50 →
1
Agus ghairm Iàcob air a mhic, agus thubhairt e, Cruinnichibh sibh fhèin an ceann a chèile, a‑chum is gun innis mi dhuibh ciod a thàrlas dhuibh anns na làithean deireannach.
2
Cruinnichibh sibh fhèin an ceann a chèile, agus cluinnibh, a mhaca Iàcoib, agus èisdibh ri Israel ur n‑athair.
3
A Reubein, is tu mo chiad‐ghin, mo threise, agus toiseach mo neirt, òirdheirceas àrd‐inbhe, agus òirdheirceas cumhachd:
4
Neo‐sheasmhach mar uisge, cha toir thu barrachd, do bhrìgh gun deachaidh tu suas do leabaidh d’athar; an sin thruaill thu i; chaidh e suas dom uirigh.
5
Is bràithrean Simeon agus Lèbhi: tha innealan aingidheachd nan àitean‐còmhnaidh.
6
Nan diamhaireachd na tigeadh m’anam‐sa: rin coitheanal na biodh m’onair‐sa air a h‑aonadh: oir nan corraich mharbh iad duine, agus nam fèin‐thoil leag iad sìos balla.
7
Mallaichte gu robh an corraich, oir bha i garg; agus am fearg, oir bha i an‑iochdmhor: roinnidh mi iad ann an Iàcob, agus sgaoilidh mi iad ann an Israel.
8
A Iùdah, molaidh do bhràithrean thusa; bidh do làmh ann am muineal do naimhdean: cromaidh clann d’athar iad fhèin sìos ad làthair.
9
Is cuilean leòmhainn Iùdah; on chobhartaich, a mhic, chaidh thu suas; chrom e e fhèin sìos, chrùb e mar leòmhann, agus mar sheann leòmhann; cò a dhùisgeas suas e?
10
Cha dealaich an t‑slat‐rìoghail ri Iùdah, no lagh‐thabhartair o eadar a chasan, gus an tig Sìloh, agus dhàsan gèillidh na slòigh:
11
A’ ceangal a shearraich ris an fhìonain, agus loth a asail ris an fhìonain thaghte; nigh e a aodach ann am fìon, agus a thrusgan ann am fuil nam fìondhearc:
12
Bidh a shùilean nas deirge na fìon, agus a fhiaclan nas gile na bainne.
13
Gabhaidh Sebulun còmhnaidh aig caladh a’ chuain, agus bidh e airson caladh long; agus bidh a oirthir gu ruig Sìdon.
14
Is asal làidir Isachar, a’ crùbadh sìos eadar dà eallaich:
15
Agus chunnaic e gum bu mhath an nì fois, agus gu robh am fearann taitneach; agus chrom e a ghualainn gu iomchar, agus rinneadh e na sheirbhiseach do chìs.
16
Bheir Dan breith air a shluagh, mar aon de threubhan Israeil.
17
Bidh Dan na nathair air an ròd, na nathair‐nimhe air an t‑slighe, a theumas sàiltean an eich, air chor is gun tuit a mharcach an coinneamh a chùil.
18
Rid shlàinte dh’fheith mise, O Thighearna.
19
Gad, bheir buidheann buaidh air: ach bheir esan buaidh mu dheireadh.
20
A‑mach à Aser bidh a aran‐san reamhar, agus bheir e uaithe sògh rìoghail.
21
Is eilid air a leigeadh fuasgailte Naphtali; bheir e facail thaitneach uaithe.
22
Is geug thorrach Iòseph, geug thorrach làimh ri tobar, aig a bheil a meanglain a’ sgaoileadh thar a’ bhalla:
23
Chràidh na fir‐bhogha gu geur e, agus thilg iad air, agus dh’fhuathaich iad e.
24
Ach dh’fhan a bhogha na neart, agus rinneadh gàirdeanan a làmh làidir le làmhan Dia cumhachdach Iàcoib; (uaithe sin tha am buachaille, clach Israeil;)
25
Eadhon le Dia d’athar, a nì còmhnadh leat, agus leis an Uile‐chumhachdach, a bheannaicheas thu le beannachdan nèimh on àirde, beannachdan na doimhne shìos, beannachdan nan cìoch, agus na bronn.
26
Thug beannachdan d’athar barrachd air beannachdan mo shinnsearan, gu ruig foir‐iomall nan sliabh sìorraidh; bidh iad air ceann Iòseiph agus air mullach a chinn‐san a sgaradh o a bhràithrean.
27
Nì Beniàmin fiadhach mar mhadadh‐allaidh: anns a’ mhadainn ithidh e a’ chobhartach, agus anns an fheasgar roinnidh e a’ chreach.
28
Is iad sin uile dà‑threubh‐dheug Israeil: agus is e seo an nì a labhair an athair riu, agus bheannaich e iad; gach aon aca a rèir a bheannachaidh, bheannaich e iad.
29
Agus dh’àithn e dhaibh, agus thubhairt e riu, Cruinnichear mise a‑chum mo dhaoine: adhlaicibh mi maille rim athraichean anns an uaimh a tha ann an achadh Ephroin an t‑Hiteach;
30
Anns an uaimh a tha ann an achadh Mhachpelah, a tha fa chomhair Mhamre, ann an tìr Chanàain, a cheannaich Abrahàm maille ris an achadh o Ephron an t‑Hiteach, mar sheilbh àit‐adhlaic.
31
(An sin dh’adhlaic iad Abrahàm agus Sàrah a bhean; an sin dh’adhlaic iad Isaac agus Rebecah a bhean; agus an sin dh’adhlaic mise Lèah.)
32
Cheannaicheadh an t‑achadh, agus an uaimh a tha ann, o chloinn Het.
33
Agus nuair a chrìochnaich Iàcob àitheantan a thoirt da mhic, chruinnich e a chasan suas don leabaidh, agus chaochail e, agus chruinnicheadh e a‑chum a dhaoine.
← Chapter 48
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 49
Chapter 50
Chapter 50 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34
35
36
37
38
39
40
41
42
43
44
45
46
47
48
49
50