bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Genesis 8
Genesis 8
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 7
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 49
Chapter 50
Chapter 9 →
1
Agus chuimhnich Dia air Nòah, agus gach nì beò, agus gach uile sprèidh a bha maille ris anns an àirc: agus thug Dia air gaoith dol thairis air an talamh, agus thraogh na h‑uisgeachan;
2
Agus dhruideadh suas tobraichean na doimhne agus tuil‐dhorsan nan nèamh, agus chaisgeadh an t‑uisge o na nèamhan;
3
Agus thill na h‑uisgeachan a‑ghnàth bhàrr na talmhainn: agus thraogh na h‑uisgeachan an dèidh ceud agus leth‐cheud là.
4
Agus stad an àirc anns an t‑seachdamh mìos, air an t‑seachdamh‐là‑deug den mhìos, air beanntan Ararait.
5
Agus thraogh na h‑uisgeachan a‑ghnàth gus an deicheamh mìos: anns an deicheamh mìos, air a’ chiad là den mhìos, chunnacas mullaichean nam beann.
6
Agus an ceann dà‑fhichead là, dh’fhosgail Nòah uinneag na h‑àirc a rinn e:
7
Agus chuir e a‑mach fitheach, a chaidh a‑mach a’ dol air ais agus air aghaidh, gus an do thiormaicheadh na h‑uisgeachan bhàrr na talmhainn.
8
Mar an ceudna chuir e a‑mach calaman uaithe, a dh’fhaicinn an do thraogh na h‑uisgeachan bhàrr aghaidh na talmhainn;
9
Ach cha d’fhuair an calaman fois do bhonn a choise, agus thill e da ionnsaigh don àirc, do bhrìgh gu robh na h‑uisgeachan air aghaidh na talmhainn uile: an sin chuir e a‑mach a làmh, agus rug e air, agus thug e a‑steach e da ionnsaigh don àirc.
10
Agus dh’fhan e fhathast seachd làithean eile; agus a‑rìs chuir e a‑mach an calaman on àirc;
11
Agus thàinig an calaman da ionnsaigh anns an fheasgar, agus, feuch, duilleag craoibh‐ola, a spìonadh leis, aige na ghob: agus dh’aithnich Nòah gun do thraogh na h‑uisgeachan bhàrr na talmhainn.
12
Agus dh’fhan e fhathast seachd làithean eile; agus chuir e a‑mach an calaman; agus cha do thill e a‑rìs da ionnsaigh nas mò.
13
Agus anns an t‑siathamh ceud bliadhna agus a h‑aon, anns a’ chiad mhìos, anns a’ chiad là den mhìos, thiormaicheadh na h‑uisgeachan suas bhàrr na talmhainn: agus bhuin Nòah air falbh còmhdach na h‑àirc, agus dh’amhairc e, agus, feuch, bha aghaidh na talmhainn tioram.
14
Agus anns an dara mìos, anns an t‑seachdamh là ar fhichead den mhìos, bha an talamh air tiormachadh.
15
Agus labhair Dia ri Nòah, ag ràdh,
16
Rach a‑mach as an àirc, thu fhèin, agus do bhean, agus do mhic, agus mnathan do mhac maille riut.
17
Thoir a‑mach leat gach nì beò a tha maille riut, de gach uile fheòil, de eunlaith, agus de sprèidh, agus de gach uile nì a shnàigeas a tha a’ snàigeadh air an talamh; a‑chum is gun sìolaich iad air an talamh, agus gum bi iad torrach, agus gum fàs iad lìonmhor air an talamh.
18
Agus chaidh Nòah a‑mach, agus a mhic, agus a bhean, agus mnathan a mhac maille ris:
19
Chaidh gach uile bheathach, gach nì a shnàigeas, agus gach eun, gach nì a ghluaiseas air an talamh, a rèir an cineil, a‑mach as an àirc.
20
Agus thog Nòah altair don Tighearna, agus ghabh e de gach ainmhidh glan, agus de gach eun glan, agus thug e suas tabhartasan‐loisgte air an altair.
21
Agus dh’fhairich an Tighearna fàile cùbhraidh, agus thubhairt an Tighearna na chridhe, Cha mhallaich mi a‑rìs an talamh nas mò airson an duine; oir tha smuaintean cridhe an duine olc o a òige; cha mhò a sgriosas mi tuilleadh gach nì beò, mar a rinn mi.
22
Am feadh a mhaireas an talamh, cha sguir àm an t‑sìl‐chur agus foghar, agus fuachd agus teas, agus samhradh agus geamhradh, agus là agus oidhche.
← Chapter 7
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 49
Chapter 50
Chapter 9 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34
35
36
37
38
39
40
41
42
43
44
45
46
47
48
49
50