bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Genesis 39
Genesis 39
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 38
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 49
Chapter 50
Chapter 40 →
1
Agus thugadh Iòseph sìos don Èiphit; agus cheannaich Potiphar, oifigeach le Phàraoh, ceannard an fhreiceadain, Èiphiteach, e o làimh nan Ismaeleach, a thug sìos an sin e.
2
Agus bha an Tighearna maille ri Iòseph, agus bha e na dhuine leis an do shoirbhich gach nì; agus bha e ann an taigh a mhaighistir, an t‑Èiphiteach.
3
Agus chunnaic a mhaighistir gu robh an Tighearna maille ris, agus gun tug an Tighearna air gach nì a rinn e soirbheachadh na làimh.
4
Agus fhuair Iòseph deagh‐ghean na shealladh, agus rinn e seirbhis dha; agus rinn e e na fhear‐riaghlaidh air a thaigh, agus gach nì a bha aige chuir e fo a làimh.
5
Agus on àm sin fhèin anns an do rinn e e na fhear‐riaghlaidh air a thaigh, agus air gach nì a bha aige, bheannaich an Tighearna taigh an Èiphitich air sgàth Iòseiph: agus bha beannachadh an Tighearna air gach nì a bha aige, anns an taigh agus anns a’ mhachair.
6
Agus dh’fhàg e gach nì a bha aige an làimh Iòseiph, agus cha b’fhios dha aon nì a bha aige, saor on aran a bha e ag ithe. Agus bha Iòseph na dhuine maiseach, agus sgiamhach anns an aghaidh.
7
Agus an dèidh nan nithean sin leag bean a mhaighistir a sùilean air Iòseph agus thubhairt i, Laigh leamsa.
8
Agus dhiùlt esan agus thubhairt e ri mnaoi a mhaighistir, Feuch, chan eil fhios aig mo mhaighistir ciod a tha maille rium anns an taigh, agus gach nì a tha aige chuir e fom làimh‐sa;
9
Chan eil neach anns an taigh seo as mò na mise; agus cha do chùm e uam nì sam bith ach thusa, a chionn gur tu a bhean: cionnas uime sin a nì mise an t‑olc mòr seo, agus a pheacaicheas mi an aghaidh Dhè?
10
Agus thachair e, nuair a labhair i ri Iòseph o là gu là, nach èisdeadh esan rithe, gu laighe leatha, no a bhith maille rithe.
11
Agus thachair e, air là àraidh, gun deachaidh esan a‑steach don taigh a dhèanamh a obrach fhèin, agus cha robh aon de dhaoine an taighe an sin a‑staigh.
12
Agus rug i air air a aodach‐uachdair, ag ràdh, Laigh leamsa: agus dh’fhàg e a aodach‐uachdair na làimh, agus theich e, agus thàr e a‑mach.
13
Agus nuair a chunnaic ise gun d’fhàg e a aodach‐uachdair na làimh, agus gun do theich e a‑mach,
14
An sin ghairm i air daoine a taighe, agus labhair i riu, ag ràdh, Faicibh, thug e a‑steach dar n‑ionnsaigh Eabhraidheach gar maslachadh: thàinig e a‑steach am ionnsaigh‐sa a laighe leam, agus ghlaodh mise le guth àrd:
15
Agus nuair a chuala e gun do thog mi suas mo ghuth, agus gun do ghlaodh mi, an sin dh’fhàg e a aodach‐uachdair maille rium, agus theich e, agus chaidh e a‑mach.
16
Agus thaisg i a aodach‐uachdair làimh rithe, gus an tàinig a thighearna dhachaigh.
17
Agus labhair i ris a rèir nam briathran seo, ag ràdh, Thàinig an seirbhiseach Eabhraidheach, a thug thu dar n‑ionnsaigh, a‑steach am ionnsaigh‐sa gum mhaslachadh:
18
Agus nuair a thog mise suas mo ghuth agus a ghlaodh mi, an sin dh’fhàg e a aodach‐uachdair maille rium, agus theich e a‑mach.
19
Agus nuair a chuala a mhaighistir briathran a mhnà a labhair i ris, ag ràdh, Air an dòigh seo rinn do sheirbhiseach orm; an sin las a fhearg suas.
20
Agus ghabh maighistir Iòseiph e, agus chuir e anns a’ phrìosan e, far an robh prìosanaich an rìgh ceangailte: agus bha e an sin anns a’ phrìosan.
21
Ach bha an Tighearna maille ri Iòseph, agus nochd e tròcair dha, agus thug e dha deagh‐ghean ann an sùilean fear‐gleidhidh a’ phrìosain.
22
Agus chuir fear‐gleidhidh a’ phrìosain fo làimh Iòseiph na prìosanaich uile a bha anns a’ phrìosan; agus gach nì a rinn iad an sin, b’esan a rinn e.
23
Cha d’amhairc fear‐gleidhidh a’ phrìosain air nì sam bith a bha fo a làimh, a chionn gu robh an Tighearna maille ris; agus an nì sin a rinn e thug an Tighearna air soirbheachadh leis.
← Chapter 38
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 49
Chapter 50
Chapter 40 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34
35
36
37
38
39
40
41
42
43
44
45
46
47
48
49
50