bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Genesis 33
Genesis 33
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 32
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 49
Chapter 50
Chapter 34 →
1
Agus thog Iàcob suas a shùilean, agus dh’amhairc e, agus, feuch, bha Esau a’ teachd, agus maille ris ceithir cheud fear. Agus roinn e a’ chlann do Lèah, agus do Rachel, agus don dà bhanoglaich.
2
Agus chuir e na banoglaich agus an clann air thoiseach, agus Lèah agus a clann nan dèidh, agus Rachel agus Iòseph air dheireadh.
3
Agus chaidh e fhèin air aghaidh romhpa, agus chrom e e fhèin gu làr seachd uairean, gus an tàinig e dlùth da bhràthair.
4
Agus ruith Esau na choinneamh, agus ghabh e na ghlacan e, agus thuit e air a mhuineal, agus phòg e e: agus ghuil iad.
5
Agus thog e suas a shùilean, agus chunnaic e na mnathan agus a’ chlann; agus thubhairt e, Cò iad sin a tha maille riut? Agus thubhairt esan, A’ chlann a thug Dia gu gràsmhor dod sheirbhiseach.
6
An sin thàinig na banoglaich am fagas, iad fhèin agus an clann, agus chrom iad iad fhèin.
7
Agus thàinig Lèah cuideachd am fagas maille ra cloinn, agus chrom iad iad fhèin; agus an dèidh sin thàinig Iòseph am fagas agus Rachel, agus chrom iad iad fhèin.
8
Agus thubhairt e, Ciod as ciall dhut leis an iomain seo uile, a choinnich mi? Agus thubhairt esan, Gu deagh‐ghean fhaghail ann an sùilean mo thighearna.
9
Agus thubhairt Esau, Tha agamsa pailteas, a bhràthair; glèidh dhut fhèin na bheil agad.
10
Agus thubhairt Iàcob, Chan eadh, guidheam ort, ma fhuair mi a‑nis deagh‐ghean ad shùilean, an sin gabh mo thìodhlac om làimh: oir uime sin chunnaic mi do ghnùis, mar gum faicinn gnùis Dhè, agus thaitinn mi riut.
11
Gabh, guidheam ort, mo bheannachadh a thugadh ad ionnsaigh, do bhrìgh gun do bhuin Dia gu toirbheartach rium, agus gu bheil agam mòr phailteas: agus rinn e ro‑earail air, agus ghabh e e.
12
Agus thubhairt e, Gabhamaid ar turas, agus bitheamaid ag imeachd, agus thèid mise maille riut.
13
Agus thubhairt e ris, Tha fhios aig mo thighearna gu bheil a’ chlann maoth, agus na treudan agus an fheudail a tha maille rium trom le àl; agus ma dh’iomainear iad gu dian aon là, gheibh an treud uile bàs.
14
Rachadh, guidheam ort, mo thighearna seachad ro a sheirbhiseach: agus gabhaidh mise an t‑slighe gu socrach, a rèir mar a bhios an sprèidh a tha romham, agus a’ chlann, comasach air fhulang, gus an tig mi a dh’ionnsaigh mo thighearna gu Seir.
15
Agus thubhairt Esau, Leig leam a‑nis cuid den mhuinntir a tha maille rium fhàgail maille riut. Agus thubhairt esan, Carson sin? Faigheam‐sa deagh‐ghean ann an sùilean mo thighearna.
16
Mar sin thill Esau anns an là sin fhèin air a shlighe gu Seir.
17
Agus dh’imich Iàcob gu Sucot, agus thog e dha fhèin taigh, agus rinn e bothain da sprèidh: air an adhbhar sin thugadh Sucot mar ainm air an àite.
18
Agus thàinig Iàcob do Shàlem, baile Shecheim a tha ann an tìr Chanàain, nuair a thàinig e o Phadan‐àram; agus shuidhich e a bhùth fa chomhair a’ bhaile.
19
Agus cheannaich e mìr fearainn, far an do shuidhich e a bhùth, o làimh clann Hamoir athair Shecheim, air ceud bonn airgid.
20
Agus chuir e suas altair an sin, agus thug e El‑Elohe‐Israel mar ainm oirre.
← Chapter 32
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 49
Chapter 50
Chapter 34 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34
35
36
37
38
39
40
41
42
43
44
45
46
47
48
49
50