bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Genesis 45
Genesis 45
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 44
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 49
Chapter 50
Chapter 46 →
1
Agus cha b’urrainn Iòseph cumail air fhèin nan làthair‐san uile a sheas làimh ris; agus ghlaodh e, Cuiribh gach duine a‑mach uam. Agus cha do sheas duine sam bith maille ris, nuair a rinn Iòseph e fhèin aithnichte da bhràithrean.
2
Agus ghuil e gu h‑àrd: agus chuala na h‑Èiphitich agus an rìgh Phàraoh e.
3
Agus thubhairt Iòseph ra bhràithrean, Is mise Iòseph; a bheil m’athair fhathast beò? Agus cha b’urrainn a bhràithrean a fhreagairt; oir bha eagal orra ro a làthaireachd‐san.
4
Agus thubhairt Iòseph ra bhràithrean, Thigibh am fagas dhomh, guidheam oirbh. Agus thàinig iad am fagas. Agus thubhairt esan, Is mise Iòseph ur bràthair, a reic sibhse don Èiphit.
5
Agus a‑nis na biodh doilgheas oirbh, no corraich agaibh ribh fhèin, a chionn gun do reic sibh mise an seo; oir chuir Dia romhaibh mi, gu sibhse a ghleidheadh beò:
6
Oir rè an dà bhliadhna seo bha a’ ghorta anns an tìr, agus tha fhathast còig bliadhna ri teachd anns nach bi aon chuid treabhadh no foghar.
7
Agus chuir Dia mise romhaibh, a ghleidheadh dhuibhse iarmaid air thalamh, agus a thèarnadh ur beatha le fuasgladh mòr.
8
A‑nis uime sin, cha sibhse a chuir mise an seo, ach Dia; agus rinn e mi am athair do Phàraoh, agus am thighearna os cionn a thaighe uile, agus am uachdaran ann an tìr na h‑Èiphit uile.
9
Dèanaibh cabhag, agus rachaibh suas a‑chum m’athar, agus abraibh ris, Mar seo thubhairt do mhac Iòseph, Rinn Dia mise am uachdaran air an Èiphit uile; thig a‑nuas am ionnsaigh, na dèan moille:
10
Agus gabhaidh tu còmhnaidh ann am fearann Ghòsein, agus bidh tu am fagas dhòmhsa, thu fhèin agus do chlann, agus clann do chloinne, agus do threudan, agus do bhuar, agus gach nì a tha agad:
11
Agus beathaichidh mise thu an sin (oir fhathast bidh còig bliadhna gorta ann), air eagal gun tig thu fhèin agus do theaghlach, agus gach nì a tha agad, gu bochdainn.
12
Agus, feuch, tha ur sùilean a’ faicinn, agus sùilean mo bhràthar, Beniàmin, gur e mo bheul fhèin a tha a’ labhairt ribh.
13
Agus innsidh sibh dom athair mo ghlòir‐sa uile anns an Èiphit, agus gach nì a chunnaic sibh; agus nì sibh cabhag, agus bheir sibh a‑nuas m’athair an seo.
14
Agus thuit e air muineal a bhràthar Beniàmin, agus ghuil e; agus ghuil Beniàmin air a mhuineal‐san.
15
Phòg e, mar an ceudna, a bhràithrean uile, agus ghuil e os an cionn: agus na dhèidh sin rinn a bhràithrean cainnt ris.
16
Agus chualas iomradh seo ann an taigh Phàraoh, ag ràdh, Tha bràithrean Iòseiph air teachd: agus thaitinn e gu math ri Phàraoh agus ra sheirbhisich.
17
Agus thubhairt Phàraoh ri Iòseph, Abair rid bhràithrean, Dèanaibh seo; sacaichibh ur n‑ainmhidhean, agus imichibh, rachaibh do thìr Chanàain;
18
Agus thugaibh leibh ur n‑athair, agus ur teaghlaichean, agus thigibh am ionnsaigh‐sa, agus bheir mise dhuibh math tìr na h‑Èiphit; ithidh sibh reamhrachd na tìre.
19
A‑nis thugadh àithne dhut; dèanaibh‐se mar seo: thugaibh leibh à tìr na h‑Èiphit carbadan airson ur cloinne bige, agus ur ban, agus thugaibh ur n‑athair leibh, agus thigibh.
20
Agus na biodh suim agaibh dur n‑àirneis‐thaighe; oir is leibhse math tìr na h‑Èiphit uile.
21
Agus rinn clann Israeil mar sin: agus thug Iòseph dhaibh carbadan a rèir òrdagh Phàraoh; agus thug e dhaibh lòn airson na slighe.
22
Thug e dhaibh uile, do gach aon dhiubh fa leth, culaidhean aodaich; ach do Bheniàmin thug e trì cheud bonn airgid, agus còig culaidhean aodaich.
23
Agus chuir e a dh’ionnsaigh a athar mar seo; deich asail a’ giùlan de nithean matha na h‑Èiphit, agus deich asail bhoireann a’ giùlan sìl agus arain agus lòin dan athair airson na slighe.
24
Mar sin chuir e a bhràithrean air falbh, agus dh’imich iad: agus thubhairt e riu, Feuchaibh nach cuir sibh a‑mach air a chèile air an t‑slighe.
25
Agus chaidh iad suas as an Èiphit, agus thàinig iad gu tìr Chanàain a dh’ionnsaigh Iàcoib an athair.
26
Agus dh’innis iad dha, ag ràdh, Tha Iòseph fhathast beò, agus tha e na uachdaran air tìr na h‑Èiphit uile. Agus dh’fhannaich cridhe Iàcoib, oir cha do chreid e iad.
27
Agus dh’innis iad dha uile bhriathran Iòseiph, a labhair e riu: agus nuair a chunnaic e na carbadan a chuir Iòseph ga ghiùlan, dh’ath‐bheothaich spiorad Iàcoib, an athair.
28
Agus thubhairt Israel, Is leòr e; tha Iòseph mo mhac fhathast beò: thèid mi agus chì mi e mum faigh mi bàs.
← Chapter 44
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 49
Chapter 50
Chapter 46 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34
35
36
37
38
39
40
41
42
43
44
45
46
47
48
49
50