bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Genesis 3
Genesis 3
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 2
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 49
Chapter 50
Chapter 4 →
1
Agus bha an nathair na bu sheòlta na aon de bheathaichean na machrach a rinn an Tighearna Dia. Agus thubhairt i ris a’ mhnaoi, Seadh, an dubhairt Dia, Chan ith sibh de gach craoibh anns a’ ghàrradh?
2
Agus thubhairt a’ bhean ris an nathair, De mheas craobhan a’ ghàrraidh faodaidh sinn ithe:
3
Ach de mheas na craoibhe a tha ann am meadhon a’ ghàrraidh, thubhairt Dia, Chan ith sibh dheth, agus cha bhean sibh ris, a‑chum nach faigh sibh bàs.
4
Agus thubhairt an nathair ris a’ mhnaoi, Gu cinnteach chan fhaigh sibh bàs;
5
Oir tha fhios aig Dia, anns an là a dh’itheas sibh dheth, gum fosglar ur sùilean, agus gum bi sibh mar dhiathan, fiosrach air math agus air olc.
6
Agus chunnaic a’ bhean gu robh a’ chraobh math a‑chum bìdh, agus na craoibh ra miannachadh a dhèanamh neach glic: agus ghabh i de a meas agus dh’ith i, agus thug i mar an ceudna da fear maille rithe, agus dh’ith e.
7
Agus dh’fhosgladh an sùilean le chèile, agus dh’aithnich iad gu robh iad lomnochd; agus dh’fhuaigh iad duilleach croinn‐fhìge ri chèile, agus rinn iad dhaibh fhèin aprain.
8
Agus chuala iad guth an Tighearna Dia ag imeachd anns a’ ghàrradh, ann am fionnarachd an là: agus dh’fhalaich Adhamh agus a bhean iad fhèin o ghnùis an Tighearna Dia am measg craobhan a’ ghàrraidh.
9
Agus dh’èigh an Tighearna Dia air Adhamh, agus thubhairt e ris, Càit a bheil thu?
10
Agus thubhairt e, Chuala mi do ghuth anns a’ ghàrradh, agus bha eagal orm, a chionn gu robh mi lomnochd; agus dh’fhalaich mi mi fhèin.
11
Agus thubhairt e, Cò a dh’innis dhut gu robh thu lomnochd? An d’ith thu den chraoibh, a dh’àithn mise dhut gun ithe dhith?
12
Agus thubhairt an duine, A’ bhean a thug thu gu bhith maille rium, thug ise dhomh den chraoibh, agus dh’ith mi.
13
Agus thubhairt an Tighearna Dia ris a’ mhnaoi, Ciod e seo a rinn thu? Agus thubhairt a’ bhean, Mheall an nathair mi, agus dh’ith mi.
14
Agus thubhairt an Tighearna Dia ris an nathair, A chionn gun do rinn thu seo, tha thu mallaichte thar gach ainmhidh, agus thar uile bheathaichean na machrach; air do bhroinn imichidh tu, agus duslach ithidh tu uile làithean do bheatha:
15
Agus cuiridh mi naimhdeas eadar thusa agus a’ bhean, agus eadar do shìol‐sa agus a sìol‐se; bruthaidh esan do cheann, agus bruthaidh tusa a shàil‐san.
16
Ris a’ mhnaoi thubhairt e, Meudaichidh mi gu mòr do dhoilgheas agus do thorrachas; am pèin beiridh tu clann, agus rid fhear bidh do thogradh, agus bidh uachdaranachd aige ort.
17
Agus ri Adhamh thubhairt e, Do bhrìgh gun d’èisd thu ri guth do mhnà, agus gun d’ith thu den chraoibh, a dh’àithn mise dhut, ag ràdh, Chan ith thu dhith, tha an talamh mallaichte air do shon; ann an doilgheas ithidh tu dheth uile làithean do bheatha;
18
Agus droigheann agus cluarain bheir e a‑mach dhut, agus ithidh tu luibh na machrach;
19
Am fallas do ghnùise ithidh tu aran, gus an till thu a dh’ionnsaigh na talmhainn; oir aisde thugadh thu: oir is duslach thu, agus gu duslach tillidh tu.
20
Agus thug Adhamh Eubha mar ainm air a mhnaoi, do bhrìgh gum b’i màthair nan uile bheò.
21
Agus rinn an Tighearna Dia do Adhamh agus da mhnaoi còtaichean craicinn, agus chòmhdaich e iad.
22
Agus thubhairt an Tighearna Dia, Feuch, tha an duine air fàs mar aon dhinn fhèin, fiosrach air math agus olc. Agus a‑nis, air eagal gun sìneadh e a‑mach a làmh, agus gun gabhadh e mar an ceudna de chraoibh na beatha, agus gun itheadh e, agus gum biodh e beò gu sìorraidh:
23
Air an adhbhar sin chuir an Tighearna Dia a‑mach e à gàrradh Edein, a shaothrachadh na talmhainn as an tugadh e.
24
Agus dh’fhògair e a‑mach an duine; agus shuidhich e anns an taobh an ear de ghàrradh Edein ceruban, agus claidheamh lasrach a bha a’ tionndadh air gach làimh, a ghleidheadh slighe craobh na beatha.
← Chapter 2
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 49
Chapter 50
Chapter 4 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34
35
36
37
38
39
40
41
42
43
44
45
46
47
48
49
50