bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Genesis 4
Genesis 4
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 3
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 49
Chapter 50
Chapter 5 →
1
Agus dh’aithnich Adhamh a bhean Eubha; agus dh’fhàs i torrach, agus rug i Càin, agus thubhairt i, Fhuair mi duine on Tighearna.
2
Agus a‑rìs rug i a bhràthair Abel. Agus bha Abel na bhuachaille chaorach, ach bha Càin na threabhaiche fearainn.
3
Agus thàrladh, an ceann làithean àraidh, gun tug Càin de thoradh an fhearainn tabhartas don Tighearna.
4
Agus thug Abel mar an ceudna de chiad‐ghin a threuda, agus den saill. Agus bha meas aig an Tighearna air Abel agus air a thabhartas:
5
Ach air Càin agus air a thabhartas cha robh meas aige. Agus bha Càin fo throm fheirg, agus thuit a ghnùis.
6
Agus thubhairt an Tighearna ri Càin, Carson a tha fearg ort? Agus carson a thuit do ghnùis?
7
Ma nì thu gu math, nach gabhar riut? Agus mura dèan thu gu math, aig an doras tha peacadh na laighe. Agus riutsa bidh a thogradh, agus bidh uachdaranachd agad air.
8
Agus labhair Càin ri Abel a bhràthair: agus nuair a bha iad anns a’ mhachair, dh’èirich Càin suas an aghaidh Abeil a bhràthair, agus mharbh e e.
9
Agus thubhairt an Tighearna ri Càin, Càit a bheil Abel do bhràthair? Agus thubhairt esan, Chan eil fhios agam. Am mise fear‐gleidhidh mo bhràthar?
10
Agus thubhairt esan, Ciod a rinn thu? Tha guth fuil do bhràthar ag èigheach riumsa on talamh.
11
Agus a‑nis tha thu mallaichte on talamh, a dh’fhosgail a bheul a ghabhail fuil do bhràthar od làimh.
12
Nuair a shaothraicheas tu an talamh, cha toir e dhut à seo suas a neart; ad fhògarrach agus ad fhear‐fuadain bidh tu air an talamh.
13
Agus thubhairt Càin ris an Tighearna, Is mò mo pheanas na gur urrainn mi a ghiùlan.
14
Feuch, dh’fhògair thu mi a‑mach an‑diugh bhàrr aghaidh na talmhainn agus od ghnùis‐sa falaichear mi; agus bidh mi am fhògarrach agus am fhear‐fuadain air an talamh; agus tàrlaidh, gach neach a gheibh mi, gum marbh e mi.
15
Agus thubhairt an Tighearna ris, Uime sin ge bè air bith a mharbhas Càin, nìthear a sheachd uiread de dhìoghaltas air. Agus chuir an Tighearna comharradh air Càin, a‑chum ge bè neach a gheibheadh e nach marbhadh e e.
16
Agus chaidh Càin a‑mach à làthair an Tighearna, agus ghabh e còmhnaidh ann an tìr Nod, an taobh an ear de Eden.
17
Agus dh’aithnich Càin a bhean; agus dh’fhàs i torrach, agus rug i Enoch: agus thog e baile, agus ghoir e ainm a’ bhaile, a rèir ainm a mhic, Enoch.
18
Agus rugadh do Enoch Irad; agus ghin Irad Mehuiael; agus ghin Mehuiael Metusael; agus ghin Metusael Làmech.
19
Agus ghabh Làmech dha fhèin dà mhnaoi: b’e ainm a h‑aoin dhiubh Adah, agus ainm na mnà eile Sillah.
20
Agus ghin Adah Iabal: b’esan athair na dream a tha a’ gabhail còmhnaidh am bùthan, agus na dream aig a bheil sprèidh.
21
Agus b’e ainm a bhràthar Iubal: b’esan athair nan uile a laimhsicheas clàrsach agus organ.
22
Agus Sillah, rug ise mar an ceudna Tubal‐càin, fear‐teagaisg gach uile fhir‐ceàirde ann an umha agus ann an iarann: agus b’i piuthar Thubal‐càin Nàamah.
23
Agus thubhairt Làmech ra mhnathan, Adah agus Sillah, Cluinnibh mo ghuth, a mhnathan Làmeich, èisdibh rim chainnt: oir mharbh mi duine a‑chum mo lotaidh, agus òganach a‑chum mo chiùrraidh.
24
Ma dhìolar Càin a sheachd uiread, gu deimhinn dìolar Làmech a sheachd‐deug agus a thrì‐fichead uiread.
25
Agus dh’aithnich Adhamh a‑rìs a bhean; agus rug i mac, agus thug i Set mar ainm air: Oir dh’òrdaich Dia, thubhairt i, dhòmhsa sliochd eile ann an àit Abeil, a mharbh Càin.
26
Agus do Shet fhèin mar an ceudna rugadh mac; agus thug e Enos mar ainm air: an sin thòisich daoine ri gairm air ainm an Tighearna.
← Chapter 3
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 49
Chapter 50
Chapter 5 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34
35
36
37
38
39
40
41
42
43
44
45
46
47
48
49
50