bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Genesis 6
Genesis 6
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 5
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 49
Chapter 50
Chapter 7 →
1
Agus nuair a thòisich daoine ri fàs lìonmhor air aghaidh na talmhainn, agus a rugadh nigheanan dhaibh,
2
Agus a chunnaic mic Dhè nigheanan dhaoine, gu robh iad sgiamhach; ghabh iad dhaibh fhèin mnathan de gach uile a roghnaich iad.
3
Agus thubhairt an Tighearna, Cha bhi mo Spiorad a’ strì ris an duine a‑ghnàth, do bhrìgh gur feòil a‑mhàin e: gidheadh bidh a làithean ceud agus fichead bliadhna.
4
Bha famhairean air an talamh anns na làithean sin; agus mar an ceudna na dhèidh sin, nuair a thàinig mic Dhè a‑steach a‑chum nigheanan dhaoine, agus a rug iad clann dhaibh, dh’fhàs iad sin nan daoine treuna, a bha o shean nan daoine ainmeil.
5
Agus chunnaic an Tighearna gum bu mhòr aingidheachd an duine air an talamh, agus gu robh uile bhreithneachadh smuaintean a chridhe a‑mhàin olc gach aon là.
6
Agus b’aithreach leis an Tighearna gun do rinn e an duine air an talamh, agus thug e doilgheas dha na chridhe.
7
Agus thubhairt an Tighearna, Sgriosaidh mi an duine, a chruthaich mi, bhàrr aghaidh na talmhainn; araon duine, agus ainmhidh, agus an creutair a shnàigeas, agus eunlaith nan speur; oir is aithreach leam gun do rinn mi iad.
8
Ach fhuair Nòah deagh‐ghean ann an sùilean an Tighearna.
9
Is iad seo ginealaichean Nòah: Bha Nòah na dhuine cothromach, agus iomlan na linn; agus ghluais Nòah maille ri Dia.
10
Agus ghin Nòah triùir mhac, Sem, Ham, agus Iàphet.
11
Agus bha an talamh truaillidh am fianais Dhè, agus lìonadh an talamh le fòirneart.
12
Agus dh’amhairc Dia air an talamh, agus, feuch, bha e truaillidh; oir thruaill gach uile fheòil a slighe air an talamh.
13
Agus thubhairt Dia ri Nòah, Thàinig crìoch gach uile fheòla am fhianais; oir tha an talamh air a lìonadh le fòirneart dan trìdsan; agus, feuch, sgriosaidh mise iad maille ris an talamh.
14
Dèan dhut fhèin àirc de fhiodh gopheir; seòmraichean nì thu anns an àirc, agus còmhdaichidh tu i a‑staigh agus a‑muigh le pic.
15
Agus seo a’ chumachd air an dèan thu i: Trì cheud làmh‐choille fad na h‑àirce, leth‐cheud làmh‐choille a leud, agus deich‐ar‑fhichead làmh‐choille a h‑àirde.
16
Uinneag nì thu don àirc, agus an làimh‐choille crìochnaichidh tu i na mullach; agus doras na h‑àirce cuiridh tu na taobh; le lobhtachan ìochdarach, meadhonach, agus uachdarach nì thu i.
17
Agus, feuch, bheir mise, eadhon mise, dìle uisgeachan air an talamh, a sgrios gach uile fheòla, anns a bheil anail na beatha fo nèamh; agus gheibh gach nì a tha air an talamh bàs.
18
Ach daingnichidh mi mo choicheangal riutsa; agus thèid thu a‑steach don àirc, thu fhèin, agus do mhic, agus do bhean, agus mnathan do mhac maille riut.
19
Agus de gach uile nì beò den uile fheòil, dithis de gach seòrsa bheir thu a‑steach don àirc gan gleidheadh beò maille riut; fireann agus boireann bidh iad.
20
Den eunlaith a rèir an gnè, agus den sprèidh a rèir an gnè, agus de gach nì a shnàigeas air an talamh a rèir a ghnè: thèid dithis de gach seòrsa a‑steach ad ionnsaigh, gan gleidheadh beò.
21
Agus gabh thusa dhut de gach uile bhiadh a dh’ithear, agus cruinnichidh tu ad ionnsaigh e; agus bidh e dhutsa agus dhaibhsan airson beathachaidh.
22
Mar seo rinn Nòah; a rèir gach nì a dh’àithn Dia dha, mar sin rinn e.
← Chapter 5
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 49
Chapter 50
Chapter 7 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34
35
36
37
38
39
40
41
42
43
44
45
46
47
48
49
50