bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Genesis 26
Genesis 26
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 25
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 49
Chapter 50
Chapter 27 →
1
Agus bha gorta anns an tìr a bharrachd air a’ chiad ghorta a bha ann an làithean Abrahàim: agus chaidh Isaac gu Abimelech rìgh nam Philisteach, do Ghèrar.
2
Agus dh’fhoillsich an Tighearna e fhèin dha agus thubhairt e, Na rach sìos don Èiphit: gabh còmhnaidh anns an tìr a dh’innseas mise dhut:
3
Bi air chuairt anns an tìr seo, agus bidh mise maille riut, agus beannaichidh mi thu: oir dhutsa, agus dod shliochd, bheir mise na dùthchannan sin uile, agus coileanaidh mi na mionnan a mhionnaich mi dod athair Abrahàm:
4
Agus bheir mi air do shliochd fàs lìonmhor mar reultan nèimh, agus bheir mi dod shliochd na dùthchannan sin uile: agus beannaichear ann ad shliochd‐sa uile chinnich na talmhainn;
5
Do brìgh gun d’èisd Abrahàm rim ghuth, agus gun do ghlèidh e m’iarrtas, m’àitheantan, m’òrdaighean, agus mo laghannan.
6
Agus ghabh Isaac còmhnaidh ann an Gèrar.
7
Agus dh’fhiosraich daoine an àite dheth ma mhnaoi; agus thubhairt e, Is i mo phiuthar i: oir bha eagal air a ràdh, Is i mo bhean i; air eagal, arsa esan, gum marbhadh daoine an àite mi airson Rebecah, do bhrìgh gu robh i maiseach ri amharc oirre.
8
Agus nuair a bha e aimsir fhada an sin, sheall Abimelech righ nam Philisteach a‑mach air uinneig, agus chunnaic e, agus, feuch, bha Isaac a’ sùgradh ra mhnaoi Rebecah.
9
Agus ghairm Abimelech air Isaac, agus thubhairt e, Feuch, gu cinnteach is i do bhean i: agus cionnas a thubhairt thu, is i mo phiuthar i? Agus thubhairt Isaac ris, A chionn gun dubhairt mi, Air eagal gum bàsaich mi air a son.
10
Agus thubhairt Abimelech, Ciod e seo a rinn thu oirnn? Dh’fhaodadh aon den t‑sluagh laighe led mhnaoi, agus bheireadh tu cionta oirnne.
11
Agus thug Abimelech àithne da shluagh uile, ag ràdh, Esan a bheanas ris an duine seo, no ra mhnaoi, gu cinnteach cuirear gu bàs e.
12
An sin shìol‐chuir Isaac anns an tìr sin, agus fhuair e anns a’ bhliadhna sin fhèin a cheud uiread is a chuir e, agus bheannaich an Tighearna e.
13
Agus dh’fhàs an duine mòr, agus chaidh e air aghaidh, agus dh’fhàs e gus an robh e ro‑mhòr:
14
Oir bha aige sealbh chaorach, agus sealbh cruidh, agus mòran sheirbhiseach. Agus ghabh na Philistich farmad ris.
15
Agus dhùin na Philistich suas na tobraichean uile a chladhaich seirbhisich a athar, ann an làithean Abrahàim a athair, agus lìon iad le ùir iad.
16
Agus thubhairt Abimelech ri Isaac, Imich uainne; oir is cumhachdaiche thu gu mòr na sinne.
17
Agus dh’imich Isaac as a sin, agus shuidhich e a bhùth ann an gleann Ghèrair, agus ghabh e còmhnaidh an sin.
18
Agus chladhaich Isaac a‑rìs na tobraichean uisge a chladhaicheadh ann an làithean Abrahàim a athair; oir dhùin na Philistich suas iad an dèidh bàs Abrahàim: agus thug e ainmean orra a rèir nan ainm a thug a athair orra.
19
Agus chladhaich seirbhisich Isaaic anns a’ ghleann, agus fhuair iad an sin tobar fìor‐uisge.
20
Agus rinn buachaillean Ghèrair connsachadh ri buachaillean Isaaic, ag ràdh, Is leinne an t‑uisge: agus thug e Esec mar ainm air an tobar, a chionn gun do rinn iad connsachadh ris.
21
Agus chladhaich iad tobar eile, agus rinn iad connsachadh uime sin cuideachd: agus thug e Sitnah mar ainm air.
22
Agus chaidh e air imrich as a sin, agus chladhaich e tobar eile; agus cha do rinn iad connsachadh uime sin: agus thug e Rehobot mar ainm air; agus thubhairt e, Oir thug an Tighearna a‑nis farsaingeachd dhuinn; agus fàsaidh sinn lìonmhor anns an tìr.
23
Agus chaidh e suas as a sin gu Beersèba.
24
Agus dh’fhoillsich an Tighearna e fhèin dha anns an oidhche sin fhèin, agus thubhairt e, Is mise Dia Abrahàim d’athair; na biodh eagal ort, oir tha mise maille riut, agus beannaichidh mi thu, agus nì mi do shliochd lìonmhor air sgàth mo sheirbhisich Abrahàm.
25
Agus thog e altair an sin, agus ghairm e air ainm an Tighearna, agus shuidhich e an sin a bhùth: agus chladhaich seirbhisich Isaaic tobar an sin.
26
An sin chaidh Abimelech da ionnsaigh o Ghèrar, agus a charaid Ahudsat, agus Phichol, àrd‐cheannard a shluaigh.
27
Agus thubhairt Isaac riu, Carson a thàinig sibh am ionnsaigh, agus gu bheil fuath agaibh dhomh, agus gun do chuir sibh uaibh mi?
28
Agus thubhairt iadsan, Chunnaic sinn gu cinnteach gu robh an Tighearna leat; agus thubhairt sinn, Biodh a‑nis mionnan eadarainn, eadhon eadar sinne agus thusa, agus dèanamaid coicheangal riut;
29
Nach dèan thu oirnne cron sam bith, mar nach do bhean sinne riutsa, agus mar nach do rinn sinn nì sam bith ort ach math, agus a chuir sinn uainn thu ann an sìth: tha thusa a‑nis air do bheannachadh leis an Tighearna.
30
Agus rinn e dhaibh cuirm, agus dh’ith agus dh’òl iad.
31
Agus dh’èirich iad gu moch anns a’ mhadainn, agus mhionnaich iad da chèile: agus chuir Isaac air falbh iad, agus dh’imich iad uaithe ann an sìth.
32
Agus air an là sin fhèin thàinig seirbhisich Isaaic, agus dh’innis iad dha mu thimcheall an tobair a chladhaich iad, agus thubhairt iad ris, Fhuair sinn uisge.
33
Agus thug e Sèba mar ainm air; uime sin is e Beer‐sèba ainm a’ bhaile sin gus an là‑an‑diugh.
34
Agus bha Esau dà‑fhichead bliadhna a dh’aois; agus ghabh e mar mhnaoi Iudit, nighean Bheeri an t‑Hiteach, agus Basemat, nighean Elon an t‑Hiteach:
35
Agus bha iad sin nam briseadh‐cridhe do Isaac agus do Rebecah.
← Chapter 25
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 49
Chapter 50
Chapter 27 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34
35
36
37
38
39
40
41
42
43
44
45
46
47
48
49
50