bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Genesis 5
Genesis 5
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 4
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 49
Chapter 50
Chapter 6 →
1
Is e seo leabhar ginealaichean Adhaimh. Anns an là anns an do chruthaich Dia an duine, ann an coslas Dhè rinn e e;
2
Fireannach agus boireannach chruthaich e iad; agus bheannaich e iad, agus thug e Adhamh mar ainm orra, anns an là anns an do chruthaicheadh iad.
3
Agus bha Adhamh beò ceud agus deich‐bliadhna‑fichead, agus ghin e mac na choslas fhèin, a rèir a ìomhaigh fhèin; agus thug e Set mar ainm air:
4
Agus b’iad làithean Adhaimh, an dèidh dha Set a ghintinn, ochd ceud bliadhna: agus ghin e mic agus nigheanan:
5
Agus b’iad uile làithean Adhaimh a bha e beò naoi ceud agus deich‐bliadhna‑fichead: agus fhuair e bàs.
6
Agus bha Set beò ceud agus còig bliadhna, agus ghin e Enos:
7
Agus bha Set beò, an dèidh dha Enos a ghintinn, ochd ceud agus seachd bliadhna, agus ghin e mic agus nigheanan:
8
Agus b’iad uile làithean Shet naoi ceud agus dà‑bhliadhna‑dheug: agus fhuair e bàs.
9
Agus bha Enos beò ceithir‐fichead bliadhna agus a deich, agus ghin e Càinan:
10
Agus bha Enos beò, an dèidh dha Càinan a ghintinn, ochd ceud agus còig‐bliadhna‑deug, agus ghin e mic agus nigheanan:
11
Agus b’iad uile làithean Enois naoi ceud agus còig bliadhna: agus fhuair e bàs.
12
Agus bha Càinan beò deich bliadhna agus trì‐fichead, agus ghin e Mahalalil:
13
Agus bha Càinan beò, an dèidh dha Mahalalil a ghintinn, ochd ceud agus dà‑fhichead bliadhna, agus ghin e mic agus nigheanan:
14
Agus b’iad uile làithean Chàinain naoi ceud agus deich bliadhna: agus fhuair e bàs.
15
Agus bha Mahalalil beò còig bliadhna agus trì‐fichead, agus ghin e Iàred:
16
Agus bha Mahalalil beò, an dèidh dha Iàred a ghintinn, ochd ceud agus deich‐bliadhna‑fichead, agus ghin e mic agus nigheanan:
17
Agus b’iad uile làithean Mhahalalil ochd ceud ceithir‐fichead agus còig‐bliadhna‑deug: agus fhuair e bàs.
18
Agus bha Iàred beò ceud agus trì‐fichead agus dà bhliadhna, agus ghin e Enoch:
19
Agus bha Iàred beò, an dèidh dha Enoch a ghintinn, ochd ceud bliadhna, agus ghin e mic agus nigheanan:
20
Agus b’iad uile làithean Iàreid naoi ceud trì‐fichead agus dà bhliadhna; agus fhuair e bàs.
21
Agus bha Enoch beò trì‐fichead agus còig bliadhna, agus ghin e Metùselah:
22
Agus ghluais Enoch maille ri Dia, an dèidh dha Metùselah a ghintinn, trì cheud bliadhna, agus ghin e mic agus nigheanan:
23
Agus b’iad uile làithean Enoich trì cheud agus trì‐fichead agus còig bliadhna:
24
Agus ghluais Enoch maille ri Dia: agus cha robh e ann; oir thug Dia leis e.
25
Agus bha Metùselah beò ceud agus ceithir‐fichead agus seachd bliadhna, agus ghin e Làmech:
26
Agus bha Metùselah beò, an dèidh dha Làmech a ghintinn, seachd ceud, ceithir‐fichead agus dà bhliadhna, agus ghin e mic agus nigheanan:
27
Agus b’iad uile làithean Mhetùselah naoi ceud agus trì‐fichead agus naoi bliadhna: agus fhuair e bàs.
28
Agus bha Làmech beò ceud agus ceithir‐fichead agus dà bhliadhna, agus ghin e mac:
29
Agus thug e Nòah mar ainm air, ag ràdh, Bheir an tì seo fhèin sòlas dhuinne a‑thaobh ar n‑obrach agus saothair ar làmh, a‑thaobh na talmhainn a mhallaich an Tighearna.
30
Agus bha Làmech beò, an dèidh dha Nòah a ghintinn, còig cheud, ceithir‐fichead agus còig‐bliadhna‑deug, agus ghin e mic agus nigheanan:
31
Agus b’iad uile làithean Làmeich, seachd ceud agus trì‐fichead agus seachd‐bliadhna‑deug: agus fhuair e bàs.
32
Agus bha Nòah còig ceud bliadhna a dh’aois: agus ghin Nòah Sem, Ham, agus Iàphet.
← Chapter 4
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 49
Chapter 50
Chapter 6 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34
35
36
37
38
39
40
41
42
43
44
45
46
47
48
49
50