bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Genesis 16
Genesis 16
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 15
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 49
Chapter 50
Chapter 17 →
1
A‑nis cha do rug Sàrai bean Abraim clann dha: agus bha banoglach Èiphiteach aice, dom b’ainm Hàgar.
2
Agus thubhairt Sàrai ri Abram, Feuch a‑nis, chùm an Tighearna mi o chlann a bhreith: rach a‑steach, guidheam ort, a dh’ionnsaigh mo bhanoglaich; theagamh gum faigh mi clann leatha‐se. Agus dh’èisd Abram ri guth Shàrai.
3
Agus ghabh Sàrai, bean Abraim, Hàgar a’ bhan‐Èiphiteach, a banoglach fhèin, an dèidh do Abram còmhnaidh a ghabhail deich bliadhna ann an tìr Chanàain, agus thug i i da fear Abram gu bhith aige mar mhnaoi.
4
Agus chaidh esan a‑steach gu Hàgar, agus dh’fhàs i torrach: agus nuair a chunnaic i gun d’fhàs i torrach, bha a bana‑mhaighistir tàireil na sùilean.
5
Agus thubhairt Sàrai ri Abram, Biodh m’eucoir ortsa: thug mi mo bhanoglach dod uchd; agus nuair a chunnaic i gun d’fhàs i torrach, bha mise tàireil na sùilean: gun tugadh an Tighearna breith eadar mise agus thusa.
6
Ach thubhairt Abram ri Sàrai, Feuch, tha do bhanoglach ad làimh fhèin; dèan rithe mar as àill leat. Agus nuair a bhuin Sàrai gu cruaidh rithe, theich i o a gnùis.
7
Agus fhuair aingeal an Tighearna i làimh ri tobar uisge anns an fhàsach, làimh ris an tobar anns an t‑slighe gu Sur.
8
Agus thubhairt e, A Hàgar, a bhanoglach Shàrai, cia as a thàinig thu, agus càit a bheil thu a’ dol? Agus thubhairt ise, Tha mi a’ teicheadh o ghnùis Shàrai mo bhana‑mhaighistir.
9
Agus thubhairt aingeal an Tighearna rithe, Till a dh’ionnsaigh do bhana‑mhaighistir, agus ùmhlaich thu fhèin fo a làimh.
10
Agus thubhairt aingeal an Tighearna rithe, Meudaichidh mise gu mòr do shliochd, agus chan àirmhear e a‑thaobh lìonmhorachd.
11
Agus thubhairt aingeal an Tighearna rithe, Feuch, tha thu torrach, agus beiridh tu mac, agus bheir thu Ismael mar ainm air; do bhrìgh gun d’èisd an Tighearna rid anshocair.
12
Agus bidh e na dhuine fiadhaich; bidh a làmh an aghaidh gach duine, agus làmh gach duine na aghaidh‐san; agus am fianais a bhràithrean uile gabhaidh e còmhnaidh.
13
Agus ghoir i ainm an Tighearna a labhair rithe, Thusa Dhè a tha gam fhaicinn; oir thubhairt i, An e gu robh agamsa ann an seo mar an ceudna sùil ris an Tì sin a tha gam fhaicinn?
14
Uime sin ghoir i den tobar, Beerlahai‐roi; feuch, tha e eadar Cadeis agus Bered.
15
Agus rug Hàgar mac do Abram: agus thug Abram Ismael mar aimn air a mhac, a rug Hàgar.
16
Agus bha Abram ceithir‐fichead agus sia bliadhna a dh’aois, nuair a rug Hàgar Ismael do Abram.
← Chapter 15
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 49
Chapter 50
Chapter 17 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34
35
36
37
38
39
40
41
42
43
44
45
46
47
48
49
50