bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
/
Deuteronomy 10
Deuteronomy 10
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
← Chapter 9
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 11 →
1
Anns an àm sin thubhairt an Tighearna rium, Snaidh dhut fhèin dà chlàr chloiche cosmhail ris na ciad chlàir, agus thig a‑nìos am ionnsaigh-sa don t‑sliabh, agus dèan dhut àirc fhiodha.
2
Agus sgrìobhaidh mise air na clàir na facail a bha air na ciad chlàir a bhris thu, agus cuiridh tu iad anns an àirc.
3
Agus rinn mi àirc de fhiodh sitim, agus shnaidh mi dà chlàr chloiche cosmhail ris na ciad chlàir, agus chaidh mi suas don t‑sliabh, agus an dà chlàr am làimh.
4
Agus sgrìobh e air na clàir, a rèir a’ chiad sgrìobhaidh, na deich àitheantan, a labhair an Tighearna ribh anns an t‑sliabh, à meadhon an teine, ann an là a’ cho-chruinneachaidh: agus thug an Tighearna dhòmhsa iad.
5
Agus thill mise, agus thàinig mi a‑nuas on t‑sliabh, agus chuir mi na clàir anns an àirc a rinn mi, agus an sin tha iad, mar a dh’àithn an Tighearna dhomh.
6
Agus dh’imich clann Israeil o Bherot chloinn Iaacain gu Mosera: an sin fhuair Aaron bàs, agus dh’adhlaiceadh e an sin; agus fhritheil Eleàsar a mhac ann an dreuchd an t‑sagairt na àite.
7
As a sin dh’imich iad gu Gudgodah, agus o Ghudgodah gu Iotbat, fearann shruthan uisge.
8
Anns an àm sin chuir an Tighearna air leth treubh Lèbhi, a ghiùlan àirc coicheangal an Tighearna, a sheasamh an làthair an Tighearna gu frithealadh dha, agus a bheannachadh na ainm, gus an là‑an‑diugh.
9
Uime sin chan eil aig Lèbhi roinn no oighreachd maille ra bhràithrean: is e an Tighearna as oighreachd dha, a rèir mar a gheall an Tighearna do Dhia dha.
10
Agus dh’fhan mi anns an t‑sliabh, a rèir na ciad ùine, dà‑fhichead là agus dà‑fhichead oidhche, agus dh’èisd an Tighearna rium mar an ceudna anns an àm sin, agus cha bu toil leis an Tighearna thusa a sgrios.
11
Agus thubhairt an Tighearna rium, Eirich, imich ron t‑sluagh, a‑chum gun tèid iad a‑steach, agus gun sealbhaich iad am fearann, a mhionnaich mi dan athraichean gun tugainn dhaibh.
12
Agus a‑nis, Israeil, ciod a tha an Tighearna do Dhia ag iarraidh ort, ach eagal an Tighearna do Dhia a bhith ort, gluasad na uile shlighean, agus a ghràdhachadh, agus seirbhis a dhèanamh don Tighearna do Dhia led uile chridhe, agus led uile anam;
13
Aitheantan an Tighearna a ghleidheadh, agus a reachdan, a tha mise ag àithneadh dhut an‑diugh airson do leas?
14
Feuch, is leis an Tighearna do Dhia nèamh, agus nèamh nan nèamh, an talamh mar an ceudna, agus gach nì a tha ann.
15
A‑mhàin bha tlachd aig an Tighearna ann ad athraichean gu an gràdhachadh, agus thagh e an sliochd nan dèidh, eadhon sibhse os cionn gach sluaigh, mar air an là‑an‑diugh.
16
Timcheall-ghearraibh, uime sin, ro‑chraiceann ur cridhe, agus na bithibh rag-mhuinealach nas mò.
17
Oir an Tighearna ur Dia, is esan Dia nan dia, agus Tighearna nan tighearnan, Dia mòr, cumhachdach, agus uamhasach, aig nach eil bàidh ri neach seach a chèile, agus nach gabh duais.
18
Tha e a’ cur an gnìomh breitheanas an dìlleachdain agus na bantraich, agus is toigh leis an coigreach, a’ toirt dha bìdh agus aodaich.
19
Uime sin gràdhaichidh sibh an coigreach; oir bha sibh fhèin nur coigrich ann an tìr na h‑Eiphit.
20
Bidh eagal an Tighearna do Dhia ort; dhàsan nì thu seirbhis, agus ris-san dlùth-leanaidh tu, agus air a ainm mionnaichidh tu.
21
Is esan do chliù, agus is esan do Dhia, a rinn air do shon na nithean mòra agus uamhasach ud, a chunnaic do shùilean.
22
Le deich agus trì-fichead anam chaidh d’athraichean sìos don Eiphit; agus a‑nis rinn an Tighearna do Dhia thu mar reultan nèimh a‑thaobh lìonmhorachd.
← Chapter 9
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 11 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34